Skip to content

A’ tadhal

A family of four walk down a street past shop signs that say 'Open' and 'Take Away' and a bus stop. The weather is wet and the sky grey, but the family are smiling.

Co-dhiù ma tha thu ag iarraidh dàna-thuras do dh’aon neach, spòrs airson an teaghlaich gu leìr no dìreach faighinn air falbh bhon ghnàths làitheil, tha a h-uile nì ri fhaotainn ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Air feadh nan ràithean, tha gnìomhachdan agus tachartasan ann airson a h-uile blas agus buidseat. Tha e furasta fhaicinn carson a tha daoine a’ tilleadh a-rithist is a-rithist.

Fhad ’s a tha thu an seo, coimhead a-mach airson ionadan turasachd agus ionadan fiosrachaidh ionadail, a bharrachd air ionadan nam maor-dùthcha. Tha na h-ionadan seo math airson brosnachadh iarraidh, no comhairle chàirdeil no eòlas speisealta, a bhios a’ cur ris a’ chuairt agad.

A’ coimhead às dèidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

Tha am Monadh Ruadh a’ cur fàilte air mu 2 mhillean duine gach bliadhna, agus mar sin cha bu chòir measadh fo luach a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig luchd-tadhail. Le bhith a’ gabhail cùram an àite mhìorbhailich seo, faodaidh sinn uile cuideachadh ann a bhith a’ coimhead às a dhèidh airson nam bliadhnaichean ri teachd.

Na fàg lorg

  • Thoir leat poca sgudail agus thoir an sgudal uile agad air falbh leat. Fiù ’s nas fheàrr, fàg na nithean a dh’adhbharaicheadh sgudal agus thoir leat biadh is deoch ann an cointèanaran is botaill a ghabhas ath-chleachdadh.
  • Thoir air falbh gach lorg den chuirm-chnuic no pids campachaidh agad, a’ gabhail a-steach sgudal bìdh, a dh’fhaodas luchan is radan is an leithid a thàladh agus galar a sgaoileadh. Làimhsich sgudal bìdh agus rùsgan mheasan mar sgudal le bhith gan cur ann am poca no biona agus gan toirt air falbh leat.
  • Ma dh’fheumas tu dol don toidhleat, thoir an aire nach adhbharaich thu truailleadh. Mura bheil taighean-beaga poblach faisg air làimh, dèan cinnteach gu bheil thu co-dhiù 30 meatair air falbh bho lochan, aibhnichean agus sruthan gus na h-uisgeachan fìor-ghlan againn a ghlèidheadh. Rach don toidhleat fada air falbh bho fhrith-rathaidean agus togalaichean ann an àite far nach gabh d’ fhaicinn. Cladhaich toll agus adhlaic sgudal cruaidh, agus thoir air falbh leat pàipear-suathaidh agus tubhailtean-mìosail sam bith.

Dìon am Pàirc Nàiseanta againn. Na dèan lasair no sradag

Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ainmeil airson nan coilltean a tha ann ach, leis a’ ghnàth-shìde ag atharrachadh, tha cunnart theintean fiadhaich a’ sìor dhol am meud. Bho 2026, eadar 1 Giblean agus 30 Sultain gach bliadhna, thathar a’ toirmeasg theintean is àithean-caoire sa Phàirc Nàiseanta. Ma bhriseas tu am frith-lagh seo, is dòcha gum feum thu càin suas ri £500 a phàigheadh. Airson tuilleadh fiosrachaidh (sa Bheurla), a’ gabhail a-steach ceistean àbhaisteach, thoir sùil air an duilleig shònraichte againn mun fhrith-lagh air teintean.

Thoir an aire do fhiadh-bheatha

  • Rach seachad air fiadh-bheatha gu slaodach, gu socrach agus gu cùramach nuair a tha thu a’ tachairt air.
  • Na dèan dàil ma tha ainmhidh fo thrioblaid a chionn ’s gu bheil thu faisg.
  • Cleachd frith-rathaidean, far an gabh sin dèanamh, gus dèanamh cinnteach nach bi thu a’ saltairt air neadan agus a’ dèanamh cron air fàs-bheatha.
  • Thoir an aire ma tha thu a’ snàmh no a’ plubraich faisg air eileanan, oir faodaidh fiadh-bheatha an cleachdadh mar thèarmann.
  • Cùm do chù nad shealladh. Ma tha thu mì-chinnteach a bheil ainmhidhean timcheall, cleachd taod.
  • Ranger engaging with campers with gas stove beside tent in woodland
  • Part of a fire engine and the back of a white van
  • A Park Authority ranger hands out a fire leaflet to a member of the public, in front of a white Park Authority ranger van with an orange 'No flame, no spark' graphic on the side.

    Planaich do thuras

    Àitichean-fuirich

    Ge be seòrsa àite-fuirich as fheàrr leat — leabaidh is bracasit no taigh-òsta, no bothan fèin-fhrithealaidh no ceabain sgonn no làrach-campachaidh no ostail — bidh fàilte bhlàth romhad nuair a ruigeas tu seo. Lorg an t-àite-fuirich foirfe leis an lorgaire àitichean-fuirich aig VisitCairngorms.

    Campachadh agus bhanaichean-campachaidh

    Meal an t-sòghalachd a gheibhear ann an làrach-campachaidh sheirbheisichte, lorg pàirceadh airson bhanaichean-campachaidh no rach air allaban far a’ ghriod. ’S fhiach planadh agus bucaigeadh ro làimh, oir tha làraichean-campachaidh glè thrang fad na bliadhna.

    Thoir an aire don fhrith-lagh a tha a’ toirmeasg theintean is àinean-caoire sa Phàirc Nàiseanta bho 1 Giblean gu 30 Sultain gach bliadhna, agus lean Còd Slighean Dùthchail na h-Alba daonnan.

    Siubhal agus faighinn timcheall

    Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh so-ruigsinneach le rathad, bus, rèile agus baidhsagal, agus tha dòighean ann airson daoine le so-ghluasadachd chuibhrichte a bhith a’ faighinn a-mach ann an nàdar cuideachd.

    A’ tadhal leis do chù

    Thathar a’ cur fàilte air coin mar aoighean sa Phàirc Nàiseanta. Coisich leis do chù air taod goirid no faisg air sàil, gu h-àraid eadar an Giblean is an Lùnastal, ann an ceàrnaidhean far a bheil sprèidh no eòin a’ neadachadh air an làr. Thoir an aire gu h-àraid ri soidhnichean ann an ceàrnaidhean cugallach, leithid choilltean le capaill-choille. Sguab suas an dèidh do choin agus cuir sgudal sam bith ann am biona. Ann an ceàrnaidhean nas iomallaiche, thoir air falbh leat e.

    Frith-rathaidean agus slighean

    Tha mòran de na bailtean is clachain sa Mhonadh Ruadh ceangailte ri lìonra de fhrith-rathaidean, a tha eadar-mheasgte, bho sgrìob ghoirid tro choille no ri taobh aibhnichean gu slighean a tha a’ dol suas sna cnuic ionadail. Is tric gu bheil iad math airson eachdraidh a’ cheàrnaidh a ghabhail a-steach agus, ma tha thu fortanach, chì thu feadhainn de na creutairean dom bheil am Pàirc Nàiseanta mar dhachaigh.

    Cùrsaichean-siubhail

    ’S e bòidhchead nan seallaidhean-dùthcha prìomh adhbhar-tàlaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha luchd-turais air a bhith a’ tighinn an seo bho chionn linn na Banrigh Bhictòria, air an tàladh le èadhar glan, uisgeachan soilleir agus seallaidhean beinne na sgìre. Tha sin fìor an-diugh fhathast.

    Tha am Pàirc Nàiseanta a’ tabhann dàna-thursan sgairteil dhaibhsan a tha gan iarraidh, ach chan eil e gu tur mu dheidhinn faighinn do chridhe a’ dol mar na clabanan. Tha gnìomhachdan nas ciùine rim faotainn air tìr agus air uisge airson daoine den h-uile aois, agus tha iomadh tàladh ann a-staigh agus a-muigh bhom faodar taghadh. Tha frith-rathaidean gu leòr ann a tha a’ fosgladh suas cothroman pailt airson coiseachd no raighdeadh air a’ bhaidhsagal, ionadan-seallaidh mìorbhaileach, lochan far am faodar suidhe ri thaobh, coiseachd timcheall no fiù ’s dubadh ann, agus coilltean ri rannsachadh.

    Tha na Rathaidean Sneachda (SnowRoads), slighe 90-mìle a tha air fhighe tro mheadhan a’ Phàirc Nàiseanta, a’ leigeil leat dealbhan-tìre nàdarra na sgìre fhaicinn bho thaobh an rathaid, le iomadh cothrom gus sùil a chumail a-mach airson fiadh-bheatha air an t-slighe. Airson faighinn nas dlùithe ri nàdar rè do thurais, tha iomadh companaidh ionadail ann a tha a’ tairgse cothrom a bhith a’ coimhead fiadh-bheatha agus a’ feuchainn dealbh-thogail.

    A bharrachd air seallaidhean-nàdair a bhios a’ toirt togail dhut, tha fèill mhòr air a’ Phàirc Nàiseanta air sàilleibh a’ chultair agus nan daoine a th’ ann. ’S beag an t-iongnadh, ma-tà, gun deach am pàirc ainmeachadh leis an iris National Geographic Traveller mar “aon den fhichead àite as fheàrr airson tadhal air san t-saoghal”.

    Sgeama thabhartasan siubhail

    Tha a’ chosgais an lùib siubhal chun no timcheall a’ Phàirc Nàiseanta mar aon de na prìomh chnapan-starra airson tidsearan is buidhnean-òigridh. Tha an sgeama thabhartasan siubhail, air a mhaoineachadh le Ùghdarras a’ Phàirc, a’ dèiligeadh ri seo le bhith a’ tabhann suas gu 75% de chosgaisean siubhail, le uas-mheud de £300, do sgoiltean agus buidhnean saor-thoileach.

    Ann an suidheachadh-èiginn

    Ma tha thu ann an duilgheadas fhad ’s a tha thu an seo no ma tha thu feumach air cuideachadh no cobhair mheidigeach, cuir fòn gu 999 agus iarr air an t-seirbheis a tha a dhìth ort: poileas, ambaileans, teasairginn nam beann no an t-seirbheis smàlaidh. ’S fheàrr a bhith a’ cumail suidheachadh an tuiteamais ri làimh (comharra-clèithe sia-figearan no What3Words).

    Mur a h-e suidheachadh-èiginn a th’ ann, ach tha thu airson rudeigin aithris, faodaidh tu fòn a chur chun a’ phoilis air 101.