A’ gabhail pàirt
Ag obair mar shaor-thoileach
Tha obair mar shaor-thoileach na dòigh mhìorbhaileach airson faicinn a’ Phàirc Nàiseanta, a’ tachairt air daoine ùra, ag ionnsachadh sgilean ùra, a’ faireachdainn nas fheàrr agus a bhith ri dibhearsan. Co-dhiù mas urrainn dhut còig mionaid a thoirt dhuinn air aon turas a-mhàin no ar cuideachadh airson seisean nas fhaide, tha sinn taingeil don h-uile duine a tha ag obair gu saor-thoileach gus an t-àite sònraichte seo a ghlèidheadh. Thoir sùil air na cothroman làithreach againn airson obair shaor-thoileach (sa Bheurla), a’ gabhail a-steach mar mhaor-dùthcha saor-thoileach no mar cheannard sgrìob slàinte.
Cuir a-steach do bheachd air co-chomhairleachadh
’S e aon de na dreuchdan aig Ùghdarras a’ Phàirc a bhith a’ toirt dhaoine còmhla gu bhith ag obair gu co-obrachail agus fuasghlaidhean a lorg airson duilgheadasan, gu h-àraid fa chomhair suidheachaidh-èiginn an nàdair agus èiginn na gnàth-shìde. Tha an obair uile a’ toirt taic do Phlana Com-pàirteachais a’ Phàirc Nàiseanta, a mhaireas còig bliadhna. Tha am plana sin a’ dol tro thòrr co-chomhairleachadh, ach tha Ùghdarras a’ Phàirc gu cunbhalach a’ sireadh beachdan a’ phobaill air cùisean sònraichte agus pìosan obrach, agus a’ cur air dòigh tachartasan far am faighear fios air ais bho dhaoine aghaidh ri aghaidh.
Duais Dùthchas
Tha Duais Dùthchas a’ Mhonaidh Ruaidh a’ brosnachadh dhaoine a bhith ag ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh mun Phàirc Nàiseanta agus mar a bu chòir sùim a chur air agus coimhead às a dhèidh.
Tha an duais a’ cur air adhart cùram fad-ùineach airson an àite shònraichte seo agus a’ brosnachadh dhaoine òga ionnsachadh mu dheidhinn a’ Phàirc Nàiseanta agus ceumannan practaigeach a ghabhail airson coimhead às a dhèidh.
Tha an duais air ainmeachadh leis an fhacal Ghàidhlig, dùthchas, air nach eil co-leithid sa Bheurla, air a bhrosnachadh leis a’ phrògram Cairngorms 2030. Tha an duais ag amas air dìleab a chruthachadh airson nan ginealaichean ri teachd.
Tha i fosgailte do dhuine sam bith, gun umhail do dh’aois no suidheachadh – ’s e an nì as cudromaiche a bhith a’ gabhail pàirt.
Tha an duais Dùthchas na ghealltanas stèidhichte air ùine agus tha ceithir ìrean ann. Faodaidh buidhnean, sgoiltean, teaghlaichean no daoine fa leth na gnìomhachdan aca a chlàradh, agus thathar a’ comharrachadh adhartas tro na h-ìrean uile le teisteanas coileanaidh.
Maoin choimhearsnachdan Cairngorms 2030
Tha a’ phoit luach millean not seo, a tha a’ faighinn taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, a’ tasgadh airgid ann an coimhearsnachdan – ach le car. Ann an 2026, thàinig 18 daoine còmhla, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan eadar-mheasgte a tha a’ fuireach ann agus a’ cur sùim air Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, gus pannal pàighte a chruthachadh. Rinn am pannal seo roghainnean cudromach mu dheidhinn na maoine, bho shlatan-tomhais ion-roghnachd gus uas-mheudan as urrainear pàigheadh às agus mar a bu chòir an t-airgead a riarachadh.
Cuidich ann a bhith a’ strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde
Tha e furasta a bhith a’ faireachdainn gun chumhachd fa chomhair farsaingeachd atharrachadh na gnàth-shìde. A rèir na buidhne neo-eisimeilich Comataidh Atharrachadh na Gnàth-shìde, tha barrachd is 60% de na h-atharrachaidhean a dh’fheumar ann an Alba gus neoni lom a ruigsinn an eisimeil air atharrachadh ann an gnàthasan dhaoine. Tha sin an eisimeil oirnn uile. Agus measar gu bheil lorg-carboin an neach-còmhnaidh chuibheasaich sa Mhonadh Ruadh mu 17% nas àirde na an cuibheas airson na Rìoghachd Aonaichte. Tha iomadh ceum practaigeach as urrainn dhuinn uile a ghabhail gu coitcheann a dhèanadh diofar mòr.
Còig dòighean sam faod thu diofar a dhèanamh
Tha faisg air 20% de eimisean carboin ann an Alba a’ tighinn bho theasachadh dhachaighean. Ach tha dòighean ann sam faodar seo a lùghdachadh gu mòr. An robh fios agad, mar eisimpleir, gum b’ urrainnear £60 a shàbhaladh gach bliadhna (aig prìsean 2025) le bhith a’ tionndadh na teas-mheidhe agad sìos aon phuing agus mar sin a’ lùghdachadh eimiseanan le 312 cileagram CO2 gach bliadhna?
’S e pìos eile de shàr chomhairle a bhith ag ionadachadh ceann an fhrasair agad le fear a tha uisge-èifeachdach, gus lùghdachadh fhaighinn san uiread de dh’uisge (agus teasachadh) a tha thu a’ cleachdadh, agus a bhith a’ suidseadh gu solaraiche lùtha ath-nuadhachail.
Ged a tha ath-chuairteachadh cudromach, dhèanadh sinn diofar fiù ’s nas motha nan robh sinn uile a’ ceannach beagan nas lugha – gu h-àraid nithean gu tur ùr – agus a’ lorg dhòighean sam b’ urrainn dhuinn sgur de thilgeil nithean air falbh. Tha mu 80% den lorg-carboin againn a’ tighinn bho bhathar, stuthan agus seirbheisean a tha sinn a’ cleachdadh is a’ cruthachadh, leis an duine àbhaisteach a’ cleachdadh, agus is gann gun gabh a chreidsinn, 19.3 tunnaichean de stòrasan gach bliadhna (fada nas àirde na an 6 gu 8 tunnaichean a thathar a’ meas seasmhach).
Tha gu leòr de bhuannachdan ann a ghabhadh cur an gnìomh gu luath: ceannaich nithean le nas lugha de phacaideadh, ath-chleachd cointèanaran bìdh seach a bhith a’ cleachdadh film-còmhdachaidh no foidhle, feuch ri ceannach ath-làimhe mus ceannaich thu rudeigin ùr, agus planaich na tràthan-bìdh agad gus caitheamh bìdh a lùghdachadh. Le bhith a’ dèanamh dìreach an nì mu dheireadh air an liosta sin, dh’fhaodadh an dachaigh chuibheasach ann an Alba a bhith a’ sàbhaladh suas ri £440 gach bliadhna (aig prìsean 2025).
Tha barrachd is 90% de chuairtean le luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail sa Phàirc Nàiseanta a’ tachairt le càr prìobhaideach. Tha na h-adhbharan airson sin follaiseach – goireasachd, astar, dìth roghainnean eile - ach nuair a bheachdaicheas tu air mar a tha cha mhòr aon-chòigeamh de eimiseanan carboin luchd-còmhnaidh is luchd-siubhail a’ Mhonaidh Ruaidh a’ tighinn bhon aon tùs seo, dh’fhaodadh fiù ’s atharrachadh beag diofar mòr a dhèanamh.
Tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ tasgadh mòran airgid ann an obair gus cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sam bi daoine a’ faighinn timcheall a’ Phàirc Nàiseanta, bho chruthachadh shlighean nas fheàrr airson coiseachd agus bhaidhsagalan gu tasgadh airgid ann an còmhdhail phoblach sheasmhach. Ach cha bhi seo ag obair mura feuch daoine roghainn eile. Nan robhar ag ionadachadh chuairtean càir le còmhdhail phoblach, dh’fhaodadh CO2 a bhith air a lùghdachadh le 42% le bhith a’ cleachdadh a’ bhus agus 73% le bhith a’ cleachdadh an trèan; mar sin, fiù ’s mura bheilear a’ suidseadh ach grunn chuairtean, bhiodh a’ bhuannachd a’ dol an àird.
Tha Buidheann Nàdair na h-Alba ag aithris crìonadh de 25% ann an gnèithean na h-Alba thairis air na còig deicheadan a chaidh, agus mar sin feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh ann a bhith a’ dìon nan 90,000 diofar ghnèith de lusan is ainmhidhean aig a bheil Alba mar dhachaigh.
Ma tha gàrradh agad no fiù ’s uinneag a chòrr, faodaidh tu taic a thoirt do bheachan le bhith a’ tòiseachadh gàrradh-luibhean beag le bhith a’ cleachdadh grunn phoitean taobh a-muigh an dòrais-cùil no an dorais-aghaidh. Ma dh’fhàgas tu an gàrradh agad beagan neo-sgioblaichte, mar eisimpleir gun a bhith a’ ràcadh suas na duilleagan, faodaidh tu fasgadh a thoirt seachad airson ghràineagan is ainmhidhean eile. Agus ma tha fiù ’s paidse glè bheag agad, le bhith a’ cruthachadh poll-gàrraidh beag no àrainn uisge (dhèanadh fiù ’s seann bhobhla nigheadaireachd an gnothach), dh’fhaodadh tu cruinneagan, tairbh-nathrach, losgannan agus dearcan-luachrach a thàladh.
Ma tha thu air a bhith a’ smaointinn mu lùghdachadh lorg-carboin a’ ghnothachais agad airson greis ach chan eil fios agad càit an tòisich thu, tha cuideachadh ri làimh. Tha Ùghdarras a’ Phàirc agus com-pàirtichean a’ tairgse chothroman maoineachaidh chunbhalaich gus taic a thoirt don eadar-ghluasad uaine, agus tha sinn cuideachd ag obair gu dlùth le buidhnean leithid GrowBiz ann a bhith gad chuideachadh gus plana-gnìomha atharrachadh gnàth-shìde a chruthachadh. Dh’fhaodadh Business Energy Scotland, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus an Co-obrachadh Gnothachais Gnàth-shìde na h-Alba uile do chuideachadh.
Cleachd suaicheantas a’ Phàirc Nàiseanta
Tha barrachd is 60% de ghnothachasan turasachd ionadail ag ràdh gu bheil am Pàirc Nàiseanta math airson luchd-tadhail a thàladh. Agus tha barrachd is 96% den luchd-tadhail againn ag ràdh gur caomh leotha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Tha rannsachadh a’ sealltainn a-rithist is a-rithist gu bheil luchd-tadhail is luchd-ceannaich ag iarraidh rudeigin a tha de dh’àrd chàileachd, seasmhach, fìrinneasach agus suaicheanta, agus sin an dearbh rud a tha suaicheantas Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ riochdachadh. Le bhith a’ co-aontachadh a’ ghnothachais, buidhne no tachartais agad ri Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, dh’fhaodadh tu na dùilean seo a choileanadh.
Leugh an stiùireadh gus barrachd ionnsachadh mu mar a dh’fhaodadh tu buannachd fhaighinn bho bhith a’ clàradh le sgeama cairt suaicheantas Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Thoir tabhartas do Urras a’ Mhonaidh Ruaidh
Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh na buidheann roinne poblaich a chaidh a stèidheachadh gus taic a thoirt don Phàirc Nàiseanta, ach chan eil am maoineachadh aca a’ dol glè fhada. Ann am Pàirc Nàiseanta cho mòr ris a’ Mhonadh Ruadh, a tha ag obair aig sgèile cho mòr, faodaidh tabhartasan pàirt mhòr a chluiche ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun cùm Ùghdarras a’ Phàirc orra a bhith dàna agus àrd-mhiannach.
Ma tha thu airson airgead a thoirt seachad gus an taic agad a shealltainn agus tasgadh ann an nàdar, dealbhan-tìre agus coimhearsnachdan Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, faodaidh tu seo a dhèanamh tron charthannas neo-eisimeileach Urras a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha Urras a’ Mhonaidh Ruaidh a’ toirt taic do raon de phròiseactan a tha a’ cumhachdachadh choimhearsnachdan agus a’ glèidheadh na h-àrainneachd, a’ gabhail a-steach a’ toirt taic do ghnothachasan ionadail gus eimiseanan carboin a lùghdachadh, a’ toirt seachad maoineachadh airson bun-structar shlighean baidhsagail agus fhrith-rathaidean agus a’ toirt seachad tabhartasan airson pròiseactan air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd air feadh a’ Mhonaidh Ruaidh.
Featured
Am Pàirc Nàiseanta
Tuilleadh fiosrachaidh mu Phlana Com-pàirteachais a’ Phàirc Nàiseanta, obraichean aig Ùghdarras a’ Phàirc, agus dealbhan-tìre, fiadh-bheath, bailtean, clachain agus cultar a’ Phàirc Nàiseanta.
Fiadh-bheatha
Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh na àite air leth airson nàdar. ’S fhiach comharrachadh gu bheil e mar dhachaigh do 25% de na gnèithean as teirce agus sa chunnart as motha san Rìoghachd Aonaichte.
Dealbhan-tìre
Tha am Pàirc Nàiseanta a’ gabhail ainm bhon Mhonadh Ruadh, prìomh raon bheanntan na sgìre sam faighear còig às na sia beanntan as àirde san Rìoghachd Aonaichte.