Skip to content

A’ fuireach is ag obair

A person buys coffee and a cake in a café in the Cairngorms National Park

Gnothachas

Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh mar dhachaigh do bharrachd is 1,000 gnothachas, bho bhiadh is deoch gu turasachd, àiteachas agus obair-thogalach. Ged a tha grunn fhastaidhearan mòra ann, tha a’ mhòr-chuid de ghnothachasan — barrachd is 80% dhiubh — a’ fastadh nas lugha na 10 dhaoine. Tha gnothachasan beaga agus meanbh-ghnothachasan deatamach don sgìre.

Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ag obair le com-pàirtichean gus taic a thoirt do choimhearsnachd gnothachais a tha beòthail agus seasmhach. Thathar a’ lìbhrigeadh seo tro mheasgachadh de thaic dhìreach airson ghnothachasan, leasachadh branndadh, prògraman thabhartasan targaidichte, agus leasachadh sgilean agus trèanadh. Thathar a’ co-òrdanachadh na h-obrach tro Bhuidheann Stiùiridh Eaconamach a’ Mhonaidh Ruaidh agus thathar ga lìbhrigeadh tro bhuidhnean leithid Com-pàirteachas Gnothachas a’ Mhonaidh Ruaidh agus GrowBiz.

A’ brosnachadh cleachdadh an t-suaicheantais a th’ aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

Faodaidh gnothachasan ionadail suaicheantas Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chleachdadh gun chosgais. So-aithneachail sa bhad, tha an suaicheantas co-chiallach le seasmhachd, co-obrachadh agus ceannardas. Tha sinn nar pàirt de theaghlach de bharrachd is 4,000 pàirc nàiseanta air feadh an t-saoghail, agus tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ toirt fiathachadh dhut agus don ghnothachas agad pàirt a ghabhail ann.

Button: Cuir a-steach tagradh airson an suaicheantas a chleachdadh

Comhairle agus taic do ghnothachasan

Ma tha an gnothachas agad - mòr no beag – a’ sireadh comhairle, taic no dìreach lìonra de dhaoine air aon inntinn, tha grunn bhuidhnean ann a dh’fhaodadh do chuideachadh.

Coimhearsnachdan

’S e daoine a tha a’ dèanamh àite, agus tha sin fìor mu dheidhinn coimhearsnachdan a’ Mhonaidh Ruaidh. Ma tha thu ag iarraidh a bhith an sàs sa choimhearsnachd ionadail agad no ma tha thu nad phàirt de bhuidheann coimhearsnachd a tha feumach air taic - tha grunn bhuidhnean ann a dh’fhaodadh cuideachadh. Tha an cuideachadh a thathar a’ tabhann a’ dèiligeadh ri raon de chùisean leasachadh coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach riaghlachas, ionmhas, planadh phròiseactan, trèanadh agus togail airgid.

Tha Com-pàirteachas Sgìre Mhàrr (MAP) a’ dèiligeadh ri taobh an ear a’ Mhonaidh Ruaidh, a’ gabhail a-steach pàirtean de Shiorrachd Obar Dheathain, Aonghas agus Gleann Sìth. Tha e a’ toirt seachad cuairt-litir sheachdaineil, poitean beaga maoineachaidh, post-sheòlaidh airson tabhartasan nas motha agus taic airson pròiseactan coimhearsnachd fhàs.

Tha Gnìomh Saor-thoileach Bhàideanach is Srath Spè (VABS) a’ toirt taic do choimhearsnachdan, iomairtean sòisealta agus buidhnean na treas roinne air feadh Bhàideanach is Srath Spè agus Siorrachd Pheairt Ghàidhealaich leis a h-uile nì bho fhiosrachadh air stèidheachadh gu faighinn maoineachadh.

Tha Urras a’ Mhonaidh Ruaidh na charthannas a tha ag amas air spionnadh a thoirt don eaconamaidh ionadail, obraichean a chruthachadh agus bòidhchead nàdarra a’ Phàirc Nàiseanta a ghlèidheadh. Tha e a’ toirt taic tro thabhartasan, comhairle agus goireasan.

Tha an sgioba Coimhearsnachdan agus Leasachadh Dùthchail aig Ùghdarras a’ Phàirc ag obair le buidhnean eile air pròiseactan ceangailte ri Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan. Tha iad a’ cumhachdachadh luchd-còmhnaidh a bhith a’ gabhail gnìomh air na cùisean a tha cudromach dhaibh agus buaidh mhòr a bhith aca. Dh’fhaodadh seo a bhith airson pròiseact aon-turais no airson àrd-mhiannan fad-ùineach leithid leasachadh so-mhaoin a chruthaicheas teachd-a-steach no taigheadas sealbhaichte leis a’ choimhearsnachd.

Foghlam agus daoine òga

Tha 9 àrd-sgoiltean agus 23 bun-sgoiltean taobh a-staigh a’ Phàirc Nàiseanta no aig a bheil am Pàirc Nàiseanta taobh a-staigh na sgìre-sgoile aca. Tha mu 15% den chunntas-sluaigh 16 bliadhna a dh’aois no nas òige, beagan nas ìsle na am figear airson Alba san fharsaingeachd (16%) ach nas àirde gu mòr na iomadh pàirt dhùthchail eile na h-Alba.

Tha an sgìre a’ toirt seachad tòrr chothroman airson chlann is daoine òga (an dà chuid gu h-ionadail agus nas fhaide air falbh) a bhith a’ ceangal ri nàdar is fiadh-bheatha, ag ionnsachadh barrachd mun t-saoghal a tha timcheall orra agus mar a dh’fhaodas iad cuideachadh le bhith a’ coimhead às a dhèidh.

Bhon a chaidh a chruthachadh ann an 2003, tha Ùghdarras a’ Phàirc air conaltradh ri mìltean de chlann is daoine òga, a’ gabhail a-steach tro obair dhìreach le sgoiltean, prògram sònraichte Junior Ranger, cothroman saor-thoileachais, tabhartasan còmhdhalach agus Sgioba-gnìomha Òigridh a’ Mhonaidh Ruaidh.

Àiteachas agus manaidseadh fearainn

Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ còmhdachadh 4,528 cilemeatairean ceàrnagach – ceàrnaidh dà uimhir cho mòr ’s a tha Pàirc Nàiseanta an Lake District agus nas motha na dùthaich Luxembourg. Ach, eucoltach ri iomadh pàirc nàiseanta air feadh an t-saoghail, chan eil Ùghdarras a’ Phàirc a’ sealbhachadh no a’ manaidseadh pàirt sam bith den fhearann seo.

Tha mu thuaiream trì cairtealan den fhearann air a shealbhachadh gu prìobhaideach le daoine fa leth no le urrasan. Tha barrachd is 150 gabhaltas-fearainn ann, a tha eadar-dhealaichte a thaobh meud bho nas lugha na 100 heactair gu barrachd is 40,000 heactair. Tha ceàrnaidhean mòra, leithid Oighreachd na Dail Mòire ann an Oir Dhè agus Oighreachd Obar Neithich ann an Srath Spè, fo sheilbh bhuidhnean glèidhteachais carthannach, fhad ’s a tha buidhnean riaghaltais leithid Coilltearachd is Fearann Alba, Buidheann Nàdair na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean cuideachd a’ sealbhachadh agus a’ manaidseadh cehàrnaidhean mòra.

Cothroman maoineachaidh

Tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ maoineachadh raon de dh’iomairtean is pròiseactan thar a’ Phàirc Nàiseanta a tha a’ toirt taic don lèirsinn airson àite far a bheil daoine agus nàdar a’ soirbheachadh còmhla. Tha cothroman maoineachaidh làithreach gan cumail ùraichte air an làraich-lin sa Bheurla aig Ùghdarras a’ Phàirc.

Ma tha tùs-bheachd agad airson pròiseact no iomairt a gheibheadh buannachd bho mhaoineachadh agus chan eil thu cinnteach a bheil e freagarrach, nach cuir thu fios thugainn.

Cothroman tairgseachaidh

Tha Ùghdarras a’ Phàirc gu cunbhalach a’ lorg sholaraichean, co-chomhairlichean agus cùmhnantaichean a tha comasach air ar cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a tha a’ toirt taic do dh’amasan a’ Phàirc Nàiseanta. Bhiodh tu:

A’ cur ri dìon na h-àrainneachd, leasachadh coimhearsnachd agus turasachd sheasmhach.

Ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ùidhe is solaraichean adhartach a tha an geall air solarachadh cothromach, trìd-shoilleir agus in-ghabhalta, a’ dèiligeadh ris a h-uile nì bho ath-leasachadh a’ mhòintich aig sgèile mòr gu cùmhnantan speisealach eag-eòlasach leithid suirbhidean air àrainnean sheanganan.

A’ gabhail pàirt ann an obair bhrìoghmhor a tha a’ toirt taic do dhualchas nàdarra is eaconamaidh dùthchail na h-Alba.

Tha cothroman tairgseachaidh làithreach gan cumail ath-ùraichte air an làraich-lin sa Bheurla aig Ùghdarras a’ Phàirc.

Comhairle agus taic dealbhaidh

Tha seirbheis dealbhaidh Ùghdarras a’ Phàirc a’ cuideachadh gus leasachadh den t-seòrsa cheart fhaighinn sna h-àitichean cearta ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha iad a’ cur air adhart tasgadh airgid, a’ dìon agus a’ meudachadh dualchas nàdarra is cultarach na sgìre agus a’ cruthachadh àitichean a dh’fhaodas sinn uile luachadh agus mealadh.

Feumar a h-uile iarrtas dealbhaidh ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chur chun an ùghdarras ionadail bhuntainneach. Ma tha an t-iarrtas cudromach do dh’amasan nas fharsainge a’ Phàirc Nàiseanta, thèid a ghairm a-steach agus thèid co-dhùnadh a dhèanamh air le Ùghdarras a’ Phàirc. ’S iad na còig ùghdarrasan ionadail sa Phàirc Nàiseanta: Siorrachd Obar Dheathain, Aonghas, a’ Ghàidhealtachd, Moireibh, agus Peairt is Ceann Rois.