Skip to content

Fiadh-bheatha

The proud face of a golden eagle, its plumage in shades of brown and gold.

Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh na àite air leth airson nàdar. ’S fhiach comharrachadh gu bheil e mar dhachaigh do 25% de na gnèithean as teirce agus sa chunnart as motha san Rìoghachd Aonaichte. Tha eòin, mamalan, èisg agus neo-dhruim-altachain uile beò san aon àrainneachd, bho shlèibhtean as àirde air àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh sìos gu talamh an tuathanachais, na lochan agus aibhnichean nan srathan.

Eòin

  • Two Crossbill drinking at waterside
  • An osprey swoops low on water as it attempts to catch its prey, sending water droplets flying through the air
  • A black bird stands on a moss covered rock in a forest

    Tha caochladh anabarrach de ghnèithean eòin a’ fuireach an seo. Tha iolairean a’ neadachadh shuas air a’ mhonadh, agus chithear eòin an t-sneachda, amadain mhòintich agus tàrmachanan sna h-àrainnean letheach-tundra. As t-earrach, bidh srathan Bhàideanach agus Srath Spè a’ toirt taic do aon de na h-àireamhan as motha de dh’eòin-grunnachaidh a tha a’ briodadh, a’ gabhail a-steach curracagan, gillean-Brìde, naoisg agus guilbnich. Tha na coilltean mar dhachaigh don cam-ghob, a tha air leth do dh’Alba, capaill-choille, cailleachagan cìreach agus coilich-choille, fhad ’s a bhios lachan a’ chinn uaine agus iolairean-uisge a’ tàthaich nan lochan.

    Mamalan

    • Scottish wildcat standing in a pine forest
    • A red squirrel leaping through woodland.
    • Two beavers eating at the waters edge.

      Chan urrainnear measadh fo luach an tlachd a gheibhear à bhith a’ faicinn feòragan-ruadh a’ ruith suas craobh aon às dèidh a chèile no faicinn aon dòbhran màlda air bruach na h-aibhne, no a’ cluinntinn beucadh nan damh agus iad a’ bùireadh. Chan eil e gu diofar cia mheud turas a tha thu air a bhith fortanach amharc air na creutairean suaicheanta seo, tha e an-còmhnaidh aoibhinn a bhith a’ faicinn nam mamalan seo a’ soirbheachadh san àrainn nàdarra aca fhèin. Chaidh bìobhairean agus cait-fhiadhaich ath-thilleadh don sgìre ann an 2023, a’ cur ris an àireamh de mhamalan eadar-mheasgte, a tha cuideachd a’ gabhail a-steach geàrran a’ mhonaidh, taghain agus fèidh ruadha agus earban-ruadha.

      Neo-dhruim-altachain

      • Red Admiral butterfly on Scots Pine.
      • Small scabious mining bee on wildflower.
      • A pine hoverfly resting on tree bark

        Is tric gum bithear a’ dèanamh dearmad air na creutairean nas lugha nach eil cho bog-mholach - na neo-dhruim-altachain - ach a gheibhear cuideachd sa Phàirc Nàiseanta. Ach ’s e an sgìre aon de na prìomh thèarmainn airson feadhainn de na meanbh-fhrìdean as teirce san Rìoghachd Aonaichte, a’ gabhail a-steach diofar leòmannan prìseil, cruinneag a’ chinn a tuath, seillean-ruamhair beag sgreabach agus seanganan sònraichte. Tha neo-dhruim-altachain mar phrìomh fhòcas airson na h-obrach glèidhteachais againn.