Am Pàirc Nàiseanta
Am pàirc nàiseanta as motha san Rìoghachd Aonaichte
Tha e doirbh tuilleadh ’s a chòir cuideim a chur air cho cudromach ’s a tha am Monadh Ruadh. Airson tòiseachadh: ’s e am pàirc nàiseanta as motha san Rìoghachd Aonaichte a th’ ann, tha cha mhòr an dàrna leth den sgìre ga mheas mar ‘fearann fiadhaich’, agus tha naoi tèarmainn nàdair taobh a-staigh crìochan a’ phàirc.
Tha am Pàirc Nàiseanta cuideachd mar dhachaigh do mu 18,000 neach-còmhnaidh air feadh Siorrachd Obar Dheathain, Aonghas, a’ Ghàidhealtaachd, Moireibh agus Peairt is Ceann Rois, agus tha dà mhillean luchd-tadhail a’ mealtainn an àite shònraichte seo gach bliadhna.
Ged a chaidh am Pàirc Nàiseanta a stèidheachadh ann an 2003, tha eachdraidh bheairteach a’ dol air ais mìltean de bhliadhnaichean, le mòran làraichean ealain creige bho Nuadh Linn na Cloiche ri fhaotainn air feadh na sgìre. Thairis air na linntean a lean, tha iomadh diofar bhuidheann air a bhith a’ còmhnaidh san sgìre. Streap suas aon de na Rothaich agus gheibh thu càrn, cuid dhiubh a’ dol air ais gu Linn an Umha, a’ comharrachadh a’ bhinnein.
Bha na Cruithnich, seann treubh Cheilteach, a’ riaghladh na sgìre eadar a’ 1ad linn AD agus an 10mh linn AD gus an do thòisich siostam nam fineachan a’ tighinn am bàrr. Bho MhacGilleBhràith gu MacBheathain, chithear buaidh nam fineachan fhathast ann an sloinnidhean muinntir an àite.
Mar a thachair air feadh iomadh pàirt de Ghàidhealtachd na h-Alba, chaidh cumadh cleachdadh an fhearainn atharrachadh gu bràth le fuadaichean an 18mh linn agus an 19mh linn. Thòisich gnìomhachasan air atharrachadh, agus chaidh na bothain, a bhiodh na dròbhairean a’ cleachdadh airson dìon bho fhìor dhroch shìde, ath-nuadhachadh gus fasgadh nas treasa a thoirt do dhaoine a bha a’ gabhail pàirt ann an sealgaireachd agus stalcaireachd fèidh.
Bha gràdh mòr aig a’ Bhanrigh Victoria air Baile Mhorail, agus le turasachd a’ dol am meud ri linn sin, chaidh barrachd loidhnichean-rèile agus rathaidean a thogail, rud a rinn an sgìre fada nas ruigsinniche. Fhuair daoine dòighean ùra a bhith ag eadar-oibricheadh leis an fhearann. Le cruinn-eòlas air leth a tha a’ gabhail a-steach beanntan sneachda agus glinn fharsaing – no strathan, mar a chanas iad riutha an seo – dh’fhàs an sgìre a bhith mar raon-cluiche airson chur-seachadan leithid sgitheadh, coiseachd agus streap nam beann. Tha an sgìre air atharrachadh gu bhith na àite far a bheil seann dualchas agus dàna-thursan an latha an-diugh beò taobh ri taobh.
Mar mhòr-ionad glèidhteachais le cliù eadar-nàiseanta, tha tòrr obair mhìorbhaileach ga dèanamh mar-thà gus beatha ainmhidhean is lusan sònraichte na sgìre a ghlèidheadh. Agus tha sinn uile – luchd-còmhnaidh, luchd-tadhail agus gnothachasan maraon – comasach air pàirt a chluiche ann a bhith ga ghlèidheadh airson an ath ghinealaich.
Plana Com-pàirteachais a’ Phàirc Nàiseanta
Tha ceithir amasan fa leth aig a’ Phàirc Nàiseanta mar a chaidh a chur an cèill le Pàrlamaid na h-Alba:
- Gus dualchas nàdarra is cultarach na sgìre a ghlèidheadh agus a mheudachadh.
- Gus cleachdadh seasmhach stòrasan nàdarra na sgìre a chur air adhart.
- Gus tuigse air, agus tlachd à, càileachdan sònraichte na sgìre (a’ gabhail a-steach tlachd ann an cruth chur-seachad) a chur air adhart am measg a’ phobaill.
- Gus leasachadh seasmhach eaconamach agus sòisealta a chur air adhart airson coimhearsnachdan na sgìre.
Gach còig bliadhna, bidh Ùghdarras a’ Phàirc a’ cruthachadh Plana Com-pàirteachais a’ Phàirc Nàiseanta – air aontachadh le Ministearan na h-Alba – a tha a’ cur an cèill am frèam-obrach airson nam buidhnean poblach uile a tha ag obair sa Mhonadh Ruadh. Tha e a’ mìneachadh mar a bhios a h-uile air a bheil dleastanas airson a’ Phàirc Nàiseanta a’ co-òrdanachadh na h-obrach aca airson dèiligeadh ris na cùisean as cudromaiche.
Mu dheidhinn Ùghdarras a’ Phàirc
Chaidh Ùghdarras Pàirc a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coimhead às dèidh, a’ glèidheadh agus a’ meudachadh feartan air leth a’ Mhonaidh Ruaidh – an dà chuid an àrainneachd nàdarra agus na coimhearsnachdan ionadail – air chor ’s gum faodar am mealtainn leis na ginealaichean làithreach agus ri teachd. Tha dà dhleastanas reachdail air: dealbhadh agus cothrom air a’ bhlàr a-muigh.
Tha an sgioba againn ag obair le coimhearsnachdan, gnothachasan, manaidsearan fearainn, buidhnean neo-riaghaltasach agus com-pàirtichean eile san roinn phoblaich air feadh a’ Phàirc Nàiseanta gus fuasglaidhean practaigeach a lìbhrigeadh air an làr. Tha am bòrd a’ cuideachadh gus cumadh a thoirt do Phlana Com-pàirteachais a’ Phàirc Nàiseanta agus tha e a’ toirt ceannardas, iùil, taic agus stiùireadh don sgioba a thaobh mar a bu chòir a chur an gnìomh.
Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ gabhail comhairle bho bhuidhnean agus fòraman – leithid Buidheann Comhairleachaidh Àiteachas a’ Mhonaidh Ruaidh agus Buidheann Stiùiridh Eaconamach a’ Mhonaidh Ruaidh – a chaidh a stèidheachadh a dh’aona-ghnothach gus buaidh agus stiùireadh a thoirt air obair an ùghdarrais. Tha an t-eòlas agus ealantas aca a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile iomairt air a freumhachadh ann an deagh chleachdadh agus a’ nochdadh fèin-fhios beatha nan daoine is nan coimhearsnachdan air feadh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ cumail agus a’ frithealadh choinneamhan air caochladh chùisean. Tha mòran choinneamhan bùird gan cumail gu poblach: thathar a’ foillseachadh clàr-gnothaich agus pàipearan coinneamhan a’ bhùird agus nan comataidhean seachd làithean ro làimh.
Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh na àite mìorbhaileach airson fuireach agus obair ann. Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh an geall gur e a bhios na bhuidheann bheag as fheàrr a gheibhear ann an roinn phoblach na h-Alba. Tha an sgioba sònraichte aca ag obair gu cruaidh ann a bhith a’ coimhead às dèidh an àite shònraichte seo.
Thathar air Ùghdarras a’ Phàirc aithneachadh tric is minig mar rogha fhastaidhearan, agus tha sin mar shamhla a’ ghealltanais a th’ aca an dà chuid don Phàirc Nàiseanta agus don luchd-obrach aca. Thathar a’ toirt taic do luchd-obrach a bhith nan daoine as fheàrr as urrainn dhaibh a bhith, le pacaid shàr-bhuannachdan, obair shùbailte agus ioma-dhòigheach, agus poileasaidhean is stiùireadh breithnichte gus dèanamh cinnteach gu bheil an dòigh-obrach againn a’ faighinn taic bho dheagh chleachadh.
A bheil ceist agad?
Ma tha ceist sam bith agad mun obair againn, no ma tha thu airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn, cuir fios thugainn.
Airson freagairt sa Ghàidhlig, cuir post-d thugainn aig [email protected]
Mas e nach eil post-d freagarrach dhut, faodaidh tu fios a chur thugainn sa Bheurla le meadhanan eile.
