Cultar agus dualchas
Tha daoine air a bhith ag obair agus a’ fuireach san sgìre fad mhìltean de bhliadhnaichean. Thathar a’ gabhail cùram agus a’ comharrachadh dualchas a’ Phàirc Nàiseanta ann an coimhearsnachdan air feadh a’ Mhonaidh Ruaidh, tro thachartasan, mìneachadh, seanchas agus ceòl.
Air an sgaradh leis na beanntan, tha fèin-aithnean agus cultaran air leth aig na diofar choimhearsnachdan – ach tha iad a’ co-phàirteachadh cheanglaichean domhain don fhearann agus don dealbh-tìre. Faodar rannsachadh nan amannan a dh’fhalbh aig caistealan agus làraichean eachdraidheil, agus tha cultar is dualchas na sgìre gan cumail beò an-diugh ann an òrain thraidiseanta, ann an dannsa agus ann an ainmean-àite Gàidhlig a’ Phàirc Nàiseanta.
Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ag obair le com-pàirtichean gus cultar is dualchas na sgìre a dhìon agus a bhrosnachadh, agus gus cothroman a thoirt seachad do dhaoine a bhith a’ faighinn blasad dheth agus ag ionnsachadh mu dheidhinn.
Featured
A’ tadhal
Ag iarraidh dàna-thuras do dh’aon neach, spòrs airson an teaghlaich gu leìr no dìreach faighinn air falbh bhon ghnàths làitheil? Tuilleadh fiosrachaidh air mar a tha a h-uile nì ri fhaotainn ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Na tha sinn a’ dèanamh
Tuilleadh fiosrachaidh mu iomairtean a tha a’ tachairt sa Phàirc Nàiseanta, agus mar a thathar a’ toirt fa-near a h-uile duine — nàdar, coimhearsnachdan, gnothachasan agus luchd-tadhail.
Fiadh-bheatha
Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh na àite air leth airson nàdar. ’S fhiach comharrachadh gu bheil e mar dhachaigh do 25% de na gnèithean as teirce agus sa chunnart as motha san Rìoghachd Aonaichte.
Sgeulachd na Camanachd
Tha ceanglaichean làidir aig sgìre Bhàideanach ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh le iomain, far a bheil an spòrs na phàirt bunailteach de chultar is dualchas na sgìre.
Slighe na Camanachd
Tha Slighe na Camanachd na ghoireas sgeulachdas eadar-ghnìomhach agus stiùireadh lèirsinneach air dualchas iomain Bhàideanach, ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.