Skip to content

Dealbhan-tìre

The mountains Sron Riach and Carn Mhaim in the Cairngorms on a cloudy day

Tha am Pàirc Nàiseanta a’ gabhail ainm bhon Mhonadh Ruadh, prìomh raon bheanntan na sgìre sam faighear còig às na sia beanntan as àirde san Rìoghachd Aonaichte. Aig cridhe nam beanntan seo tha àrd-chlàr air leth ann aig a bheil eag-shiostam Artaigeach-Ailpeach. Tha àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh, a tha coltach ri tundra, a’ toirt taic do ghnèithean nach fàs ann an àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte. Tha grunn lusan is flùraichean, a’ gabhail a-steach an trusgan agus a’ chlach bhriseach reultach, a’ tighinn beò a dh’aindheoin ghaothan sgriosail agus ìrean-teòthachd fo neoni, agus iad a’ tighinn a-mach as t-earrach nuair a tha an sneachd air leaghadh.

  • Calm lochan in the mountains with reflection of distant mountain.
  • Purple heather and trees with mountains in background
  • Aerial view of the river Spey flowing into Loch Insh.

    Fo na beanntan, tha monadh agus coilltean ann, a’ gabhail a-steach fuighill den t-seann choille-ghiuthais Chailleanaich, a bha uair a’ còmhdachadh mòran den Ghàidhealtachd agus den sgìre ris an can sinn an-diugh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Gheibhear cuideachd sa Mhonadh Ruadh aon de na ceàrnaidhean de choille letheach-nàdarra as motha san Rìoghachd Aonaichte agus an ceàrnaidh as fharsainge de choille a’ chinn a tuath – an crios mòr de choille a tha a’ cuairteachadh a’ chruinne-cè bho Shiberia gu Canada. Aig an àirde seo os cionn na mara, tha coilltean beithe is giuthais air am maiseachadh le aitinn, fraoich, flùraichean fiadhaich agus dearcan-fraoich.

    Tha slighean-uisge na sgìre - na lochan, na h-aibhnichean, na sruthan beaga agus na boglaichean - cuideachd nam pàirt dheatamach den eag-shiostam. Tha còig aibhnichean bradain cliùiteach – an Dè, an Deathan, an Spè, an Easg Dheas and an Tatha – a’ lùbadh tron sgìre, a’ toirt taic don fheusgan-neamhnaid fìor-uisge, a tha ann an cunnart air feadh a’ chruinne-cè, agus gnèithean eile.