Skip to content

Na tha sinn a’ dèanamh

Image of Peatland ACTION Project Officer Ewan Campbell stood beside a digger with operator sitting in the cab on peatland restoration project.

Coimhearsnachdan agus gnothachas

Tha dealbh-tìre againn sa bheil daoine dha-rìreabh a’ tighinn beò agus ag obair. Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh mar dhachaigh do barrachd is 20 diofar choimhearsnachdan agus 18,000 neach-còmhnaidh. Tha còrr is 1,000 gnothachas ann cuideachd, a’ mhòr-chuid dhiubh nan gnothachasan beaga agus meanbh-ghnothachasan, agus tha iad uile a’ cur ri feartan sònraichte sa phàirt seo de dh’Alba dhùthchail.

Còmhla ri com-pàirtichean, tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ag obair gus taic a thoirt do choimhearsnachdan agus gnothachasan taobh a-staigh a’ Phàirc Nàiseanta. Tha seo a’ gabhail a-steach a’ maoineachadh phròiseactan coimhearsnachd, ag obair air gnìomhan a thaobh gnàth-shìde agus a’ toirt taic do phlanaichean-gnìomha choimhearsnachdan.

Cultar agus dualchas

Air an dealachadh le beanntan mòra, tha diofar cheàrnaidhean a’ Phàirc Nàiseanta a’ cumail fèin-aithne agus traidiseanan air leth – ach tha iad uile a’ co-phàirteachadh ceanglachd eadar daoine agus nàdar aig a bheil freumhan domhain. Bho chaistealan eachdraidheil gu geamaichean Gàidhealach, cànanan agus seanchas gu ceòl, ealain agus cleachdaidhean cultarach traidiseanta, tha dualchas beairteach aig a’ Mhonadh Ruadh a tha a’ dol air ais mìltean de bhliadhnaichean.

Còmhla ri com-pàirtichean, tha Ùghdarras a’ Phàirc an sàs ann an raon de ghnìomhachdan gus cultar is dualchas a chomharrachadh taobh a-staigh a’ Phàirc Nàiseanta, leithid Storylands ann am Bàideanach, stèidheachadh iùl-lann chruthachail agus Com-pàirteachas Dealbh-tìre Ghleann Lìobhait is Tom an t-Sabhail.

  • A group of people in a cafe smile at the camera, sitting around a table laden with coffee and food.
  • The outside of a white building with signage on the walls and bike parking
  • two children and one adult reading an information sign about beavers

    Foghlam, sgilean agus trèanadh

    Tha an raon obrach seo a’ fàs sa Phàirc Nàiseanta. Tha daoine òga nam pàirt chudromach de dh’àireamh-shluaigh sheasmhach, ach tha iad feumach air cothrom air foghlam, trèanadh, leasachadh, cosnadh agus taigheadas airson fuireach (no imrich ann) an seo.

    Bidh dreuchdan san sgìre ag atharrachadh airson a h-uile duine fa chomhair an leasachaidh luaith a chithear ann an teicneòlas agus an t-eadar-ghluasad gu eaconamaidh beag-charboin. Am measg nithean eile, tha Ùghdarras a’ Phàirc ag obair le com-pàirtichean gus cothroman trèanaidh a chruthachadh gus daoine a chuideachadh le bhith a’ gluasad gu raointean obrach a tha a’ dol am meud, a’ fòcasachadh air siubhal uaine agus ceanglaichean siubhail, a bharrachd air iomairteachd òigridh air atharrachadh na gnàth-shìde.

    Tuathanachas agus manaidseadh fearainn

    Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ còmhdachadh 452,000 heactair. Tha mu 75% den fhearann sin air a shealbhachadh gu prìobhaideach le daoine fa leth no urrasan, thar 150 diofar ghabhaltas-fearainn agus barrachd is 600 gnothachasan àiteachais.

    Am measg phròiseactan eile, tha Ùghdarras a’ Phàirc ag obair le sia oighreachdan mòra air mar as urrainear monadh a mhanaidseadh gu seasmhach tro Chom-pàirteachas Monadh Ruadh an Ear, a’ rannsachadh mhodhan-obrach beag-charboin tron phròiseact againn Tuathanachas Àm ri Teachd a’ Mhonaidh Ruaidh, agus ag obair le tuathanaich agus croitearan tro Bhuidheann Comhairleachaidh Àiteachas a’ Mhonaidh Ruaidh.

    Slàinte, sunnd agus co-ionannachdan

    Chan eil an t-aon chothrom aig a h-uile duine a bhith a’ faighinn cothrom air nàdar – fiù ’s taobh a-staigh pàirc nàiseanta. ’S ann air an adhbhar sin a tha Ùghdarras a’ Phàirc an sàs ann an obair leudaichte gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine agus nàdar a’ soirbheachadh ri chèile. Tha seo a’ gabhail a-steach a’ toirt taic do dh’Ionad Goireasan Air a’ Bhlàr a-muigh airson Seargadh-inntinn, a’ chiad den leithid san Rìoghachd Aonaichte, aig Bad a’ Ghiùthais, òrdughan-cungaidh airson nàdar tron NHS agus prògram de sgrìoban slàinte air feadh a’ Phàirc Nàiseanta. Tha am Pannal Co-chomhairleachaidh Co-ionannachd aig Ùghdarras a’ Phàirc, agus an obair aca air leudachadh com-pàirteachadh, a’ cuideachadh gus cnapan-starra a thoirt air falbh a tha a’ bacadh choimhearsnachdan fo-riochdaichte bho bhith a’ gabhail tlachd agus buannachd às a’ Phàirc Nàiseanta.

    Nàdar agus atharrachadh na gnàth-shìde

    Tha e furasta a bhith a’ faireachdainn gun chumhachd fa chomhair èiginn an nàdair agus na gnàth-shìde, ach chan fheum e a bhith mar sin. Mar thoradh air Cairngorms 2030 - lèirsinn còig bliadhna a tha a’ faighinn taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta – tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ cur a’ chumhachd a bhith a’ dèiligeadh ris an èiginn nàdair agus gnàth-shìde ann an làmhan nan daoine a tha a’ fuireach, a’ tadhal air agus ag obair sa Phàirc Nàiseanta.

    Bho obair ùr-ghnàthach air gnèithean, leithid ath-thilleadh bhìobhairean agus cait-fhiadhaich, gu cuideachadh le lùghdachadh eimiseanan carboin le bhith ag ath-shlànachadh ceàrnaidhean mòra de mhòinteach agus fearann coillteach, tha Ùghdarras a’ Phàirc ag obair air feadhainn de na pròiseactan glèidhteachais as cudromaiche san Rìoghachd Aonaichte. Tha iad cuideachd ag obair le com-pàirtichean agus coimhearsnachdan ionadail air an amas a bhith na chiad phàirc nàiseanta san Rìoghachd Aonaichte a tha neodrach a thaobh carboin.

    Dealbhadh agus leasachadh

    A bharrachd air an obair a tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ dèanamh gus taic a thoirt do choimhearsnachdan, fàilte a chur air luchd-tadhail agus dèiligeadh ri nàdar agus atharrachadh gnàth-shìde, tha dleastanas reachdail cudromach aca airson dealbhadh sa Phàirc Nàiseanta.

    Air fhiosrachadh le Plana Leasachaidh Ionadail – agus ag obair gu dlùth le còig ùghdarrasan ionadail - tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh sa Phàirc Nàiseanta freagarrach agus a’ tachairt san àite cheart. Tha a h-uile iarrtas dealbhaidh ga dhèanamh don ùghdarras ionadail bhuntainneach, ach ma tha an t-iarrtas cudromach do dh’amasan nas fharsainge a’ Phàirc Nàiseanta, thèid a ghairm a-steach agus thèid an co-dhùnadh a dhèanamh air le Ùghdarras a’ Phàirc.

    Tha an obair dealbhaidh aig Ùghdarras a’ Phàirc air fhiosrachadh le grunn phlanaichean a tha air an stiùireadh le coimhearsnachdan, a’ gabhail a-steach Planaichean-gnìomha Coimhearsnachd (far a bheil coimhearsnachdan a’ comharrachadh phrìomhachasan dhaibh fhèin agus a’ dèiligeadh ris na cùisean a tha cudromach dhaibhsan) agus Planaichean Àite Ionadail (a’ toirt seachad cothrom airson choimhearsnachdan a bhith a’ biadhadh a-steach don t-siostam dealbhaidh).

    • Looking over a field to houses with woodland and mountains in the background.
    • Children getting ready to set off on their bikes to ride to school
    • People preparing to go paddleboarding in front of Loch Insh water sports centre.

      Còmhdhail agus siubhal gnìomhach

      Tha cleachdadh chàraichean prìobhaideach a’ riochdachadh faisg air 20% de lorg-carboin an luchd-còmhnaidh is barrachd air 50% de lorg-carboin an luchd-tadhail ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha 92% de luchd-còmhnaidh a’ cleachdadh a’ chàr aca co-dhiù aon turas gach seachdain. Tha Ùghdarras a’ Phàirc a’ cur fòcas air luchd-còmhnaidh is luchd-tadhail fhurastachadh le bhith a’ suidseadh do roghainnean còmhdhalach a tha neo-chronail don àrainneachd.

      Tha obair cuideachd ga gabhail os làimh gus roghainnean airson siubhal gnìomhach a leasachadh, piseach a thoirt air slàinte is sunnd dhaoine agus lìonra practaigeach de bhun-structar coiseachd is saidhcleadh a thoirt seachad.

      Luchd-tadhail agus cothrom air a’ bhlàr a-muigh

      Tha daoine air a bhith a’ tadhal air a’ Mhonadh Ruadh fad linntean gus dealbhan-tìre agus fiadh-bheatha na sgìre fhaicinn agus pàirt a ghabhail san raon fharsaing de ghnìomhachdan a tha rim faotainn.

      ’S e prìomhachas cudromach do dh’Ùghdarras a’ Phàirc a bhith a’ toirt seachad sàr-ghoireasan agus fàilte chridheil airson an dà mhillean luchd-tadhail a bhios a’ tighinn don Phàirc Nàiseanta gach bliadhna, agus a bhith a’ manaidseadh buaidh an luchd-tadhail air an àrainneachd agus coimhearsnachdan ionadail. Tha iad ag obair gu dlùth le Com-pàirteachas Turasachd a’ Mhonaidh Ruaidh, gnothachasan agus buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gu bheil am Pàirc Nàiseanta na cheann-uidhe seasmhach.

      Le bhith a’ lorg dhòighean san gabh nithean atharrachadh, leithid àm na bliadhna nuair a bhios daoine a’ tadhal agus mar a gheibh iad timcheall, faodar diofar mòr a dhèanamh ann a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ coimhead às dèidh an àite shònraichte seo airson nan ginealaichean ri teachd.