Skip to content

Bailtean is clachain

Dealbh-adhar a chaidh a thogail os cionn Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd, a’ coimhead a dh’ionnsaigh Baile Ùr an t-Slèibh.

A’ gabhail a-steach pàirtean de Shiorrachd Obar Dheathain, Moireibh, a’ Ghàidhealtachd, Aonghas agus Peairt is Ceann Rois, tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ gabhail a-steach bailtean is clachain a tha mar dhachaigh do barrachd is 18,000 duine.

  • Sealladh bhon adhar os cionn ceann a tuath na h-Aghaidh Mhòir a’ coimhead chun an ear aig àm èirigh na grèine.
  • Dà bheing ri taobh rathaid air beulaibh stad-bhusaichean, feur agus craobhan air am pollardadh le togalaichean ri cùl an deilbh.
  • Sràid thrang ann am Bràigh Mhàrr le daoine is càraichean

    ’S iad feadhainn de na tuineachaidhean as motha an Aghaidh Mhòr, Bealadair, Bràigh Mhàrr, Baile nan Granndach, Ceann a’ Ghiùthsaich, Baile Ùr an t-Slèibh agus Tom an t-Sabhail, agus tha gach baile gun a leithid. Ann am mòran dhiubh, chithear an ailtireachd a bu dual don linn Bhictòrianach. Thòisich ìre ùr de thurasachd san sgìre an dèidh don Bhanrigh Bhictòria a’ cur roimhpe a bhith a’ còmhnaidh aig Oighreachd Bhaile Mhorail. Ann an cuid dhiubh, chithear comharran-tìre eachdraidheil eile bho dhiofar amannan, a bharrachd air feartan cruinn-eòlach a tha a’ tomhadh ri sgeulachdan bhon àm a dh’fhalbh. Tadhail air bùth no gnothachas sam bith airson sealladh fhaighinn de chultaran inntinneach nan àitichean seo agus nan daoine a tha a’ còmhnaidh annta.