Skip to content

Cairngorms National Park

Clash of Camans

Sgeulachd na Camanachd

Tha ceanglaichean làidir aig sgìre Bhàideanach ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh le iomain, far a bheil an spòrs na phàirt bunailteach de chultar is dualchas na sgìre. Anns an latha an-diugh, tha iomain na spòrs luath, farpaiseach, far a bheil an geama fhathast aig cridhe choimhearsnachdan air feadh Bhàideanach

Dualchas Iomain agus Cultar Gàidhlig

Is e spòrs misneachail, traidiseanta a th’ ann an iomain a’ cleachdadh maide cam agus ball, a tha air a chluich air feadh na h-Alba ach, is dòcha gu sònraichte, ’s a’ Ghàidhealtachd agus Costa an Iar Alba. Thathas an dùil gun deach a thoirt a-steach a dh’ Alba o chionn ùine mhòr air ais à Èirinn, còmhla ris a’ chreideamh Chrìosdail agus a’ chànan Gàidhlig, far a bheil àite an spòrs ann am beul-aithris na h-Èireann a’ nochdadh gun deach an spòrs a chluich ann an cruth air choireigin airson mìltean de bhliadhnaichean: gu dearbh, is dòcha gur e iomain aon de na spòrsan as sine a tha fhathast air a chluich san latha an-diugh.

Insh Shinty Team
Insh Shinty Team (1892) – Image: Highland Folk Museum, High Life Highland

“Gu dearbh, is dòcha gur e iomain aon de na spòrsan as sine a tha fhathast air a chluich san latha an-diugh.”

Mar ghnìomhachd chultarail, tha ceangal làidir aig iomain le mòran thaobhan eile de chultar traidiseanta na Gàidhealtachd, leithid ceòl, bàrdachd agus òrain. Is e Gàidhlig cànan na camanachd, far an robh gu h-eachdraidheil an dà chuid cluicheadairean agus luchd-taic nan luchd-labhairt dùthchasach bho na coimhearsnachdan mun cuairt. Bha an labhairt agus an cleachdadh air a’ phàirce ann an Gàidhlig, mar a bha an èigheachd bho luchd-taic air iomall an raoin-chluiche. Mar thoradh air seo, tha mòran dhen briathrachas co-cheangailte ris a’ gheama ’s a’ chànan, a tha fhathast air a cleachdadh gu follaiseach an-diugh.

Gaelic verse: Dain is Oran

'Camanachd gur roghadh spòrs e'Shinty is the sport of choice
Àm a' gheamhraidh is tùs an earraichIn wintertime and early spring
Mach 'san achadh 's gillean greannmhorOut in the field with lively lads
An deagh ghleus ri cluich cho annamh,In good trim to play so rarely,
Nach camanachd bu dual d'ar sinnsir,Was not shinty the custom of our ancestors?
Ag iomain bhall air Là Callainn,Playing shinty on New Year’s Day,
C'àit ’eil coimeas ris ’san Eòrpa,Where is its like in the whole of Europe?
H-uile fear cho eudmhor ealamhEvery man so zealous and swift
Dol ga dhubhlan bhuidhinn tadhail.'Meeting the challenges of visiting groups.'
- Angus Morrison, Dàin is Oran (1930) - Hugh Dan MacLennan, Shinty Dies Hard (Aberdeen University, 1998)

Faigh a-mach tuilleadh

Tuilleadh Fiosrachaidh

Cleachdadh Dhealbhan

Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ creidsinn gu bheil cead an t-sealbhadair againn dealbhan fhoillseachadh a tha fhathast fo dhlighe-sgrìobhaidh agus tha sinn air a bhith faiceallach iomradh a thoirt do stòr nan dealbhan seo gu h-iomchaidh. Ach, ma tha thu den bheachd gu bheil sinn air an stuth dlighe-sgrìobhaidh agad a chleachdadh gun fhiosta, cuir fios thugainn:[email protected].

Taing Sònraichte

Le taing do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic maoineachaidh gus an goireas air-loidhne ‘Slighe na Camanachd’ a thoirt gu buil.

Beachdan

Bu mhath leinn do bheachdan a chluinntinn mu bhith a’ cleachdadh Slighe na Camanachd. Cuir post-dealain gu [email protected] le beachdan sam bith.