Skip to content

Cairngorms National Park

Clash of Camans

Slighe na Camanachd

Tha Slighe na Camanachd na ghoireas sgeulachdas eadar-ghnìomhach agus stiùireadh lèirsinneach air dualchas iomain Bhàideanach, ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tron turas air-loidhne seo, gheibhear a-mach eachdraidh an spòrs agus na ceanglaichean leantainneach a th’ aige ri an dualchas agus cultar aig Bhàideanach

Screenshot of Shinty Trail Map (Gaelic)
Thoir sùil air Slighe na Camanachd eadar-ghnìomhach againn gu h-ìosal!

Dualchas Iomain Bhàideanach

Tha ceanglaichean làidir aig sgìre Bhàideanach ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh le iomain, far a bheil an spòrs na phàirt glè chudromach de chultar is dualchais an àite. Tha tuairisgeulan tràth den gheama a’ sealltainn gun deach a chluich san sgìre airson ceudan de bhliadhnaichean, agus is dòcha nas fhaide air ais na sin fhèin, far an robh iomain na gheama dùthchail air a chluich mar chur-seachad airson féisteas is spòrs. Tha iomain agus Gàidhlig cuideachd eadar-thoinnte gu mòr ann an eachdraidh an spòrs, far an robh ceòl is dannsa cuideachd nam pàirt chudromach de thachartasan latha geama.

Gu h-eachdraidheil, tha Bàideanach air leth cudromach a thaobh leasachaidh an spòrs san àm a dh’ fhalbh agus san latha an-diugh.

Aig aon àm, bha sgiobaidhean aig mòran de na bailtean air feadh sgìre Spè, far an lorg sibh a dhà de na sgiobaidhean as soirbheachaile sa gheama tro na clubaichean camanachd aig Ceann a’ Ghiùthsaich agus Bail’ Ùr an t-Sléibhe. Gu h-eachdraidheil, tha Bàideanach cuideachd air leth cudromach a thaobh leasachaidh an spòrs san àm a dh’ fhalbh agus san latha an-diugh. Tha daoine òga san sgìre a’ tòiseachadh a’ cluich aig aois òg agus tha seo a’ cuideachadh gu mòr le bhith a’ cumail suas cultar an spòrs san sgìre. Leugh tuilleadh mu eachdraidh iomain an seo!


Map icon
Lean Slighe na Camanachd!

Tron mhapa-sgeulachd eadar-ghnìomhach ùr againn, faodaidh tu comharran-tìre cudromach a sgrùdadh co-cheangailte ri iomain agus dualchas traidiseanta ann am Bàideanach, a-muigh sa Phàirc no air-loidhne!


Rannsaich an dreach làn-sgrìn den mhap-sgeulachd…

…cleachd an luchag (no do mheur, ma tha thu air inneal-làimhe) gus gluasad tron mhapa-sgeulachd gu h-ìosal. Gus gluasad tron duilleag-lìn fhèin air fad, cliog àite sam bith dheth ‘n mhapa-sgeulachd agus sgrolaich sìos no suas.

TIOP: Ma tha GPS agad air do inneal-làimhe, gheibh thu d’ àite ceart le bhith a’ cliogadh air an ìomhaigh targaid air a’ mhapa fhèin.

 

Irish Verse

'Ni binne glóir mo chamain fhéin 'More sweet the face of my own stick
na guth nan eun no cèol nam bàrd;than voice of birds or music of bards;
's ni binne fuaim air bith fo 'n ghrèinand nothing, under sun, so sweetly sounds
no pòc air ghleus a liathroid àird.'as a smack with skill on a lofty ball.'
- Irish Verse, P.J. Devlin - Hugh Dan MacLennan, Shinty Dies Hard (Aberdeen University, 1998)

Faigh a-mach tuilleadh

Tuilleadh Fiosrachaidh

Cleachdadh Dhealbhan

Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ creidsinn gu bheil cead an t-sealbhadair againn dealbhan fhoillseachadh a tha fhathast fo dhlighe-sgrìobhaidh agus tha sinn air a bhith faiceallach iomradh a thoirt do stòr nan dealbhan seo gu h-iomchaidh. Ach, ma tha thu den bheachd gu bheil sinn air an stuth dlighe-sgrìobhaidh agad a chleachdadh gun fhiosta, cuir fios thugainn:[email protected]

Taing Sònraichte

Le taing do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic maoineachaidh gus an goireas air-loidhne ‘Slighe na Camanachd’ a thoirt gu buil.

Beachdan

Bu mhath leinn do bheachdan a chluinntinn mu bhith a’ cleachdadh Slighe na Camanachd. Cuir post-dealain gu [email protected] le beachdan sam bith..