Skip to content
Please be aware the content below has been generated by an AI model from a source PDF.

Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh - Plana Gàidhlig 2025-29

Here’s the Mark­down con­ver­sion of the extrac­ted text from the images:

Two women playing shinty.

CANERA-CAMANS Shinty. com

Plana Gàidh­lig 2025 – 29

Bòrd na Gàidhlig

Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Chaidh am plana seo ullachadh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005 agus chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidh­lig air 28 an Gearran 2025

Clui luic­hea­daire­an iomain san Dell ann an Cinn a’ Ghi­uth­saich© Ed Smith


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 2 à 47

Fac­al-tois­ich……………………………………………………………………………………………………………………….. 4

  1. Ro-ràdh………………………………………………………………………………………………………………………… 6

1.1 Mun Phlana Ghàidh­lig againn……………………………………………………………………………………… 6 1.2 Mu Phàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh…………………………………………………………………….. 7 1.3 Mu Ùgh­dar­ras na Pàirce…………………………………………………………………………………………….. 8 1.4 Gàidh­lig taobh a‑staigh na Pàirce Nàiseanta………………………………………………………………….. 10 1.5 Gàidh­lig taobh a‑staigh Ùgh­dar­ras na Pàirce agus mar a bheir sinn taic do chom-pàir­tichean….. 11 1.6 Gàidh­lig ann an Alba…………………………………………………………………………………………………… 14 1.7 Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005……………………………………………………………………………………… 15 1.8 Plana Nàiseanta na Gàidh­lig………………………………………………………………………………………. 16 1.9 In-sgrùdadh air comas cànain……………………………………………………………………………………… 17

  1. Prìomh phrionnsabal­an…………………………………………………………………………………………….. 20

2.1 Spèis cho-ion­ann……………………………………………………………………………………………………….. 20 2.2 Tairgse Ghnìom­hach…………………………………………………………………………………………………. 20 2.3 Abhaisteachadh………………………………………………………………………………………………………… 20

  1. Geall­tanas­an a’ Phlana……………………………………………………………………………………………. 21

3.1 Prìom­hachas­an Ro-innleach­dail:………………………………………………………………………………… 21 Amas 1 — a’ Cur ri cleach­dadh na Gàidh­lig:……………………………………………………………………….. 22 Amas 2 — a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidh­lig:………………………………………………………………. 24 Amas 3 — A’ cur deagh ìom­haigh air adhart air­son na Gàidh­lig…………………………………………… 27 3.2 Amas­an seirb­he­isean cor­porra………………………………………………………………………………….. 30 Amas 4 — inbhe……………………………………………………………………………………………………………… 32 Amas 5 — Con­al­tradh leis a’ phoball……………………………………………………………………………….. 33 Amas 6 — fios­rachadh……………………………………………………………………………………………………… 35 Amas 7 — luchd-obrach……………………………………………………………………………………………………. 37 Amas 8 — Cor­pas na Gàidh­lig…………………………………………………………………………………………. 39

  1. Cean­glaichean ris an fhrèam-obrach coileanaidh nàiseanta…………………………………… 40

  2. Cean­glaichean ri frèa­maichean-obrach ion­a­dail agus roin­neil………………………………. 41

5.1 Prìom­hachas­an riaghal­tais ion­a­dail…………………………………………………………………………….. 41 5.2 Prìom­hachas­an Plana Com-pàirtea­chais Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh……………… 41

  1. Foill­seachadh, goire­as­an agus sgrùdadh…………………………………………………………………… 43

6.1 Foill­seachadh agus san­as­achd a’ Phlana Ghàidh­lig………………………………………………………. 43 6.2 Goire­as­achadh a’ Phlana…………………………………………………………………………………………… 43 6.3 A’ sgrùdadh a’ Phlana………………………………………………………………………………………………… 44

  1. A’ leabachadh a’ phlana taobh a‑staigh Ùgh­dar­ras na Pàirce…………………………………… 45

7.1 Ual­lach air­son a’ phlana air a’ cheann thall…………………………………………………………………. 45 7.2 Ual­lach lài­theil air­son a’ phlana………………………………………………………………………………….. 45 7.3 Buid­heann builea­chaidh is sgrùdaidh a’ phlana Ghàidh­lig……………………………………………. 46


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 3 à 47 7.4 A’ con­al­tradh le luchd-obrach……………………………………………………………………………………. 46 7.5 Buidh­nean Leth-eis­imeileach is Treas Par­taid­hean……………………………………………………….. 46 7.6 In-sgrùdadh air comas­an Gàidh­lig……………………………………………………………………………… 46


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 4 à 47

Fac­al-tois­ich Tha tapas­traidh nan cul­taran is nan càn­an a chuidich gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a chu­madh am measg nan rudan a tha ga dhèanamh cho sòn­raichte. Bho choim­hearsnachdan Cruith­neach tràtha gu coim­hearsnachdan a’ cleach­dadh Gàidh­lig, Scots is Doraig, chit­hear a’ bhuaidh a bh’ aig na lin­ntean de chon­al­tradh agus gnìom­hachd chul­tarach ann an coim­hearsnachdan air feadh na roinne.

Bho chionn còrr is 1,000 bli­adhna, thàinig a’ Ghàidh­lig gu bhith na prìomh chàn­an anns a’ Mhon­adh Ruadh. S ann air an adhbhar seo a tha tùs Gàidh­lig aig an uire­ad de na h- ain­mean-àite againn: mar eis­im­pleir allt’, coille’, meall’ agus mar sin air adhart. Tha àite ro-chudromach air a bhith aig a’ chàn­an ann a bhith a’ cumadh ar ceòl, sean­chas, spòrs (iomain gu h‑àraid) agus ar beatha chul­tarail san fharsaingeachd.

Agus tha an dual­chas sin fhath­ast fior bheothail anns a’ Mhon­adh Ruadh san latha an- diugh. A rèir a’ chun­ntais-sluaigh mu dheire­adh, tha Gàidh­lig aig mu 3.6% de mhuin­ntir na Pàirce Nàiseanta, còrr is a dhà uim­hir den ìre sa chòrr de dh’Alba. Tha an càn­an gu sòn­raichte làidir ann am Bàideanach is Srath Spè, far a bheil am pròiseact Badenoch: Story­lands (am measg eile) air tòrr a dhèanamh gus dual­chas càn­anach is cul­tarach na sgìre a chom­har­rachadh, stèid­hichte mar a tha e ann an seanachas agus cleach­dadh cruthachail na Gàidhlig.

Dhan luchd-tadhail do dh’Alba cuideachd, cha robh am miann gus eòlas fhaighinn air a’ Ghàidh­lig riamh cho mòr, gu h‑àraidh dhaibh­san aig a bheil sinnsear­achd Alban­nach, agus tha am Mon­adh Ruadh a’ toirt deagh cho­throm do dhaoine a bhith gam bogadh fhèin ann an càn­an agus cul­tar an àite shòn­raichte seo.

Mar Ùgh­dar­ras Pàirce, tha an dleastanas againn a bhith ag aith­neachadh agus a’ com­har­rachadh na Gàidh­lig air leth cudromach dhuinn. Gu dearbh, tha am plana seo na phrìomh phàirt de sin; ach tha na freum­han Gàidh­lig nas doim­hne buileach na sin. S e an lèirsinn a th’ againn gum bi pàirce nàiseanta ann far am bi daoine agus nàdar a’ soirb­heachadh còmhla agus tha am bun-bheachd Dùthchas mur bhun­ait aig seo — an cean­gal dom­hainn eadar daoine agus nàdar. Tha cean­gal bunaiteach aig muin­ntir na Pàirce Nàiseanta ris an fhear­ann agus ris an àite seo agus tha an cean­gal do- sheachanta sin – tro chàn­an, cruth-tìre agus cul­tar – gar brosnachadh a bhith taiceil.


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 5 à 47

Tha e na thoileachas dhomh an treas eagran seo den Phlana Ghàidh­lig againn fhoill­seachadh. Tha mi a’ dèanamh fiug­hair ri bhith ag obair còmhla ri tòrr agaibh gus a libhrigeadh.

Sandy Brem­ner, Cathraiche


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 6 à 47

  1. Ro-ràdh 1.1 Mun Phlana Ghàidh­lig againn Mar a’ bhuid­heann pho­blach le ual­lach gus gnìom­hachd a cho-òrd­anachadh taobh a- staigh na pàirce nàiseanta as motha san RA, tha e na rùn dhuinn dèanamh cin­nteach gu bheil luach cul­tarail is càn­anach air leth na Gàidh­lig do Phàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh air aith­neachadh agus air a chom­har­rachadh gu h‑iomlan. Tha an treas eagran de Phlana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras na Pàirce, air­son 2024 – 28, a’ mìneachadh mar a tha sinn an dùil seo a choileanadh agus mar a tha gnìom­hachd san raon seo a’ co-thaobhadh ri Plana Com-pàirtea­chais còig-bli­adhna na Pàirce Nàiseanta.

Chaidh am plana seo ullachadh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005 agus chaidh co-chom­hairle sia seach­dai­nean a chu­mail eadar 25 Faoilleach agus 7 Màrt

  1. Chaidh fre­agairtean a chru­in­neachadh tro shuirb­hidh air-loidhne (a bha ri faighinn an dà chuid sa Ghàidh­lig agus sa Bheurla), le rog­hain­nean fòn, pàipeir agus post‑d cuideachd.

Chaidh a’ cho-chom­hairle a bhrosnachadh gu mòr an dà chuid air-loidhne agus far- loidhne air grunn dio­far shea­nailean. Bha seo a’ gabhail a‑steach fios naid­heachd dà- chàn­anach agus duilleag co-chom­hair­lea­chaidh air an làraich-lìn againn, a bhar­rachd air a bhith ag obair le neach-buaidh nam meadhanan sòisealta, Som­hairle, gus sus­baint Ins­tagram agus Tik­Tok sòn­raichte a chruthachadh gus luchd-amais nas òige a thar­ra­ing. Tha sinn a’ meas gun d’ fhuair sinn còrr is 150 de na fre­agairtean mar thoradh air seo, agus choim­head còrr is 32,000 neach air na bhi­dio­than a chrutha­ich Som­hairle. Chaidh a’ cho-chom­hairle a cho-roinn cuideachd le còrr is 100 daoine taobh a‑staigh Lìonra ùr nan Oifi­gear­an Gàidh­lig, agus fhuair sinn grunn fhreagairtean buidhne mar thoradh air seo, a bhar­rachd air con­al­tradh post‑d dìreach mu chom- pàirteachas­an a dh’fhaodadh a bhith ann.

Fhuaire­adh 427 fre­agairt uile gu lèir, agus bha 31 (7.3%) dhi­ubh sin sa Ghàidh­lig. Tha seo an coimeas ris na 36 fre­agairtean a chaidh a chur a‑steach dhan cho-chom­hairle pho­blaich air­son Plana Gàidh­lig 2018 – 22. Bha 82% den luchd-fre­agairt ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir leis na trì prìom­hachas­an ro-innleach­dail a tha air am mìneachadh sa phlana; bha 78% ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gun robh an dreachd plana furas­ta a thuigsinn; agus bha 76% ag aontachadh no ag aontachadh


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 7 à 47

gu làidir gu bheil am plana a’ cuideachadh le bhith a’ dìon agus ag adhartachadh na Gàidh­lig agus a cul­tar’. Bha a’ mhòr-chuid de na daoine nach robh ag aontachadh den bheachd nach bu chòir do bhuidh­nean leith­id Ùgh­dar­ras na Pàirce a bhith a’ toirt prìom­hachas dhan Ghàidh­lig nan obair lài­theil. Gheib­hear mìneachadh air toraid­hean na co-chom­hairle san aith­isg co-chom­hair­lea­chaidh air a’ Phlana Ghàidh­lig againn.

Tha structar a’ phlana seo air a stiùire­adh le Plana Nàiseanta na Gàidh­lig, le amas­an agus gnìom­han sòn­raichte air an com­har­rachadh a chuidi­cheas le bhith ag àrdachadh ionnsachadh agus cleach­dadh na Gàidh­lig sa Phàirc Nàiseanta, a bhar­rachd air a bhith a’ brosnachadh deagh ìom­haigh dhan chàn­an. Chaidh a chur gu Bòrd na Gàidh­lig air­son aonta air 5 luchar 2024.

Ma tha ceist sam bith agad mun phlana seo, no ma tha thu ag iar­raidh lethbhreac ann an cruth eile (a’ gabhail a‑steach clò mòr), cuir fios thugainn tro na dio­far shea­nailean a tha air am mìneachadh gu h‑ìosal.

Air­son lethbhreacan pàipeir, sgrìobh thugainn no rach gu:

Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh 14 A’ Cheàrnag Baile nan Granndach PH26 3HG

Air­son ceistean fòn, cuir fòn thugainn: 01479 873 535

Air­son iar­rtas­an air-loidhne, cuir post‑d gu enquiries@​cairngorms.​co.​uk

1.2 Mu Phàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a stèid­heachadh ann an 2003. S i a’ phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn a’ gabhail a‑steach 4,528 km ceàrnagach ann an Sior­rachd Obar Dheath­ain, Moireibh, Com­hairle na Gàid­healtachd, Aonghas is Peairt is Ceann Rois. Tha 18,000 daoine a’ fuire­ach anns a’ Phàirc agus bidh i a’ cur fàilte air mu dhà mhillean neach-tadhail gach bli­adhna. Tha cha mhòr an dàrna leth den Phàirc Nàiseanta air a mheas mar fhear­ann fiadha­ich’, le cairteal de choille dhùthchas­ach na h‑Alba agus cairteal de na gnèithean tearc is ann an cun­nart san RA rim faighinn an seo.


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 8 à 47

Tha ceith­ir amas­an sòn­raichte aig a’ Phàirc Nàiseanta mar a chaidh a mhìneachadh leis a’ Phàrlamaid:

• A bhith a’ glèid­headh is a’ cur ri dual­chas agus dual­chas nàdarra na sgìre; • A bhith a’ brosnachadh cleach­dadh sea­smhach de stòrasan nàdarra na sgìre; • A bhith a’ brosnachadh tuigse agus tlachd (a’ gabhail a‑steach tlachd tro chur- seachad) ann am feartan sòn­raichte na sgìre leis a’ phoball; • A bhith a’ brosnachadh leas­achadh eaconamach agus sòisealta coim­hearsnachdan an àite.

Tha na h‑amasan sin gu bhith air an toirt air adhart còmhla. Ach, ma tha còm­h­stri eadar a’ chi­ad amas agus gin de na h‑amasan eile, thèid bar­rachd cuideam a chur air a’ chi­ad amas (mar a tha e air a mhìneachadh ann an Earrann 9.6 de dh’Achd nam Pàir­cean Nàiseanta (Alba) 2000). Tha seo a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cin­nteach gu bheil glèid­hteachas an dual­chais nàdarra agus cul­tarail mar bhun­ait do luach eaconamach, sòisealta agus cur-seachad Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh.

1.3 Mu Ùgh­dar­ras na Pàirce Chaidh Ùgh­dar­ras Pàirce Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a stèid­heachadh gus dèanamh cin­nteach gun tèid na taobhan air leth den Mhon­adh Ruadh an àrain­neachd nàdarra, na coim­hearsnachdan ion­a­dail agus a chul­tar — a dhìon, a dhèanamh sea­smhach agus a leas­achadh air­son a’ ghineal­aich seo agus air­son nan gineal­aichean ri teachd. Bidh Ùgh­dar­ras na Pàirce Nàiseanta a’ toirt cean­nas dhaibh­san uile a tha an sàs anns a’ Mhon­adh Ruadh agus e ag obair ann an com-pàirteachas le far­saingeachd de choim­hearsnachdan, gnìom­hachas­an, buidh­nean neo-riaghal­tais agus com- pàirteachas­an san roinn pho­blaich gus dèanamh cin­nteach gun tèid deagh bhuaidh a thoirt aig ìre na coimhearsnachd.

Tha an obair seo air a cho-òrd­anachadh tro Phlana Com-pàirtea­chais na Pàirce Nàiseanta, a mhaire­as còig-bli­adhna agus a tha a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas a h‑uile duine le ual­lach air­son na Pàirce Nàiseanta còmhla gus dèi­li­geadh ri cùisean deatamach co-chean­gailte ri a daoine, nàdar agus àiteachan agus aig a’ cheann thall mar a bheir iad aghaidh air èigin­nean gnàth-shìde agus nàdair.


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 9 à 47

Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a stèid­heachadh anns a’ Mhàirt 2003 agus thòis­ich obair Ùgh­dar­ras na Pàirce an uair sin — fhuair e na cum­hach­dan reach­dail uile aige air 1 Sul­tain 2003. Tha sinn air ar dealbhadh air­son a bhith nar bhuid­heann a chuire­as rudan an comas, a’ brosnachadh obair com-pàirtea­chais, agus a’ toirt cean­nas do na com-pàir­tichean uile a tha an sàs anns a’ Phàirc Nàiseanta. Cha bhi sinn a’ dùblachadh obair bhuidh­nean eile, mar eis­im­pleir, na buidh­nean iomairt no Dual­chas Nàdair na h‑Alba, ach nì sinn cin­nteach gu bheil dòigh-obrach chean­gailte ann air­son pròiseact­an is iomairtean a tha a’ cuideachadh gus na ceith­ir amas­an aig a’ Phàirc Nàiseanta a chur an gnìomh.

S iad na dleastanas­an reach­dail againn planadh agus leas­achadh, ruigsin­neachd a- muigh agus a bhith a’ cruthachadh Plana Leas­a­chaidh Ion­a­dail agus Plana Com- pàirtea­chais Pàirc Nàiseanta air­son Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh. Tha raoin­tean obrach eile leith­id leas­achadh eaconamach, stiùire­adh luchd-tadhail, soidh­nichean slighe agus mìneachadh air an lìbhrigeadh tro obair com-pàirtea­chais, le còrr is 100 buidh­nean agus comainn air an rioch­dachadh sa Phlana Com-pàirtea­chais againn.

Ann am fogh­lam, tha sinn a’ toirt taic do chòig ùgh­dar­rasan ion­a­dail (Sior­rachd Obar Dheath­ain, Aonghas, Com­hairle na Gàid­healtachd, Moireibh, agus Peairt is Ceann Rois) agus Fogh­lam Alba gus pròiseact­an a chruthachadh a chuidi­cheas iad le bhith a’ lìbhrigeadh a’ Churraiceal­am air­son Sàr-mhath­ais agus leas­achadh proi­feiseanta leantainneach.

Tha sinn cuideachd a’ dèanamh gheall­tanas­an soil­leir mu na bhios sinn (Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh) a’ lìbhrigeadh mar bhuid­hinn chor­porra tron treas eagran den Phlana Ghàidh­lig, agus obraichidh sinn le, agus aon­taichidh sinn ri, com- pàir­tichean air dè thèid a’ lìbhrigeadh ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a thaobh na Gàidhlig.

Tha mu 110 neach-obrach agus 19 ball bùird aig Ùgh­dar­ras na Pàirce. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h‑Alba agus bidh Riaghaltas na h‑Alba a’ taghadh seachd­nar de na buill bùird againn. Tha seachd­nar bhall eile den bhòrd air an ain­meachadh dhan bhòrd leis na còig com­hair­lean anns a’ Phàirc Nàiseanta: Sior­rachd Obar Dheath­ain (2), Aonghas (1), a’ Ghàid­healtachd (2), Moireibh (1) agus Peairt is Ceann Rois (1) — agus chaidh còig a thaghadh gu h‑ionadail. Tron bhòrd againn, tha sinn cun­nta­chail dhan Mhin­iste­ar agus mar sin do Phàr­la­maid na h‑Alba. Tha oifisean aig Ùgh­dar­ras na Pàirce ann am Baile nan Granndach agus ann am Bealadair.


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 10 à 47

1.4 Gàidh­lig taobh a‑staigh na Pàirce Nàiseanta Tha each­draidh bheartach aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a thaobh chàn­anan is dual­chais. Thàinig a’ Ghàidh­lig gu bhith na phrìomh chàn­an ann an sgìre a’ Mhon­aidh Ruaidh còrr is 1,000 bli­adhna air ais (a’ gabhail àite càn­an is dual­chas nan Cruith­neach) agus air sgàth sin tha a’ mhòr-chuid de na h‑ain­mean-àite anns a’ Phàirc Nàiseanta nan ain­mean Gàidh­lig bho thùs. Ach, anns an 18mh is 19th linn, dh’fhàs tòrr dhaoine ann an sgìre a’ Mhon­aidh Ruaidh dà-chàn­anach agus a’ Bheurla-Ghallda aca a bhar­rachd air a’ Ghàidh­lig. Air taobh an ear na Pàirce Nàiseanta, tha dual­chain­nt Dor­ic an àite ga bruid­hinn gu far­sa­ing agus tha i a’ cur ri dual­chas is each­draidh an àite.

A rèir cun­ntas-sluaigh 2011, s urrainn do 657 duine a tha trì bli­adhna a dh’aois no nas sine a tha a’ fuire­ach anns a’ Phàirc Nàiseanta Gàidh­lig a bhruid­hinn, a leughadh agus/​no a thuigsinn, a’ mhòr-chuid aca a’ fuire­ach ann am Bàideanach agus Srath Spè (3.6% de shluagh na Pàirce Nàiseanta agus 0.8% de luchd-labhairt uile na Gàidh­lig ann an Alba). Thuirt 146 gum biodh iad a’ cleach­dadh Gàidh­lig san dachaigh (0.8% de shluagh na Pàirce Nàiseanta agus beagan nas lugha na cairteal de luchd-labhairt na Gàidh­lig san sgìre). Tha a’ mhòr-chuid de na daoine sin a’ fuire­ach ann am Bàideanach agus Srath Spè.

A rèir fios­ra­chaidh a chuir Bòrd na Gàidh­lig ri chèile air­son na bli­adhna aca­daimi­geach 2021 — 2022, tha 17 Ion­adan Tràth-ionnsa­chaidh Fogh­lam tro Mheadhan na Gàidh­lig ann an sgìre Com­hairle na Gàid­healtachd agus aon ann am Peairt is Ceann Rois (a- mach à 55 ion­ad tràth-ionnsa­chaidh Gàidh­lig air feadh na dùthcha). Chan eil ach aon dhi­ubh sin – Baile Ùr an t‑Slèibh – suid­hichte taobh a‑staigh crìochan na Pàirce Nàiseanta. Tha 1,081 sgoilear ann am Fogh­lam tro Mheadhan na Gàidh­lig aig ìre na bun-sgoile air a’ Ghàid­healtachd, agus 40 ann am Peairt is Cheann Rois. Tha naoin­ear sgoilear­an ann an clas Fogh­lam tro Mheadhan na Gàidh­lig ann am Bun=sgoil White­hills ann am Far­far, Aonghas. Chan eil fogh­lam tro mheadhan na Gàidh­lig ri fhaighinn ann am Moireibh, no Sior­rachd Obar Dheath­ain aig an àm seo. Tha 13 àrd-sgoil­tean a’ lìbhrigeadh Fogh­lam tro Mheadhan na Gàidh­lig ann an Com­hairle na Gàid­healtachd agus tha aon àrd-sgoil ann am Peairt is Ceann Rois, le 445 sgoilear­an air a’ Ghàid­healtachd agus seachd­nar sgoilear­an ann am Peairt is Ceann Rois. S e Ceann a’ Ghiùth­saich an aon sgoil a tha taobh a‑staigh crìochan na Pàirce Nàiseanta.

Tha grunn chom­panaid­hean agus buidh­nean saor-thoileach Gàidh­lig ag obair anns a’ Phàirc Nàiseanta, no faisg oirre, a tha a’ tairgse sheirb­he­isean Gàidh­lig no seirbheisean


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 11 à 47

cul­tarach na Gàidh­lig (tha cuid aca a’ faighinn taic agus/​no pàirt-mhaoineachadh bho Ugh­dar­ras na Pàirce). Am measg nam buidh­nean saor-thoileach anns a’ Phàirc Nàiseanta, tha Sinne (Buid­heann Ghàidh­lig Shrath Spè is Bhàideanach) a bhios a’ toirt seachad tachartas­an ionnsa­chaidh is coin­nea­chaidh air­son luchd-ionnsa­chaidh is fileantaich na Gàidh­lig agus Gàidh­lig anns a’ Phàirc, buid­heann iomairt Ghàidh­lig. Tha grunn bhuidh­nean nàiseanta cuideachd gnìom­hach sa Phàirc Nàiseanta, nam measg Fèisean nan Gàid­heal, Spòrs Gàidh­lig agus An Comunn Gàidhealach.

1.5 Gàidh­lig taobh a‑staigh Ūgh­dar­ras na Pàirce agus mar a bheir sinn taic do chom-pàir­tichean Chuir Lor­na Slater BPA (Min­iste­ar air­son Sgilean Uaine, Eacona­maidh Chear­cal­lach agus Bith-ioma­dachd) an ceath­ramh Plana Com-pàirtea­chais air­son Pàirce Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh air­son 2022 – 27 air bhog a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas a h- uile duine le ual­lach air­son na Pàirce Nàiseanta còmhla gus dèi­li­geadh ri cùisean deatamach co-chean­gailte ri a daoine, nàdar agus àiteachan agus aig a’ cheann thall mar a bheir iad aghaidh air èigin­nean gnàth-shìde agus nàdair.

Tha trì earran­nan anns a’ Phlana Com-pàirtea­chais – Nàdar, Daoine agus Àite – agus taobh a‑staigh earrann nan Daoine tha amas sòn­raichte (B8) a thaobh na Gàidh­lig agus mu ar dleastanas reach­dail mar bhuid­heann poblach:

• Tha a’ Ghàidh­lig na pàirt de dhu­al­chas chul­tarail is nàdarra na Pàirce Nàiseanta agus tha pàirt bheothail aice ri chluich san àm ri teachd. Feu­mar taic a chu­mail ri cleach­dadh leantain­neach na Gàidh­lig agus a glèid­headh mar chàn­an agus cul­tar gnìom­hach taobh a‑staigh coim­hearsnachdan na Pàirce Nàiseanta.

Amas: Brosnaich bar­rachd cleach­dadh na Gàidh­lig sa Phàirce Nàiseanta Tar­gaid: Bar­rachd cho­thro­man do dhaoine fa leth agus do choim­hearsnachdan a bhith a’ dol an sàs sa Ghàidh­lig agus sa chul­tar aice.

Tha an treas eagran seo den Phlana Ghàidh­lig a’ mìneachadh mar a tha sinn an dùil an t‑amas seo a choileanadh agus bu chòir a leughadh ann an co-theacs an t‑seallaidh, nan amas­an agus nam poilea­said­hean a tha air am mìneachadh ann am Plana Com- pàirtea­chais Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh air­son 2022 – 27. Tha amas co- chean­gailte (C10 – dual­chas cul­tarail) a’ mìneachadh ar dòigh-obrach a thaobh


Cairngorms Nation­al Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Taobh-duil­leig 12 à 47

dual­chas cul­tarail a tha air a stiùire­adh leis a’ choim­hearsnachd agus tha seo a’ toirt iom­radh sòn­raichte air Scots / Doraig.

A thaobh lìbhrigeadh dìreach, tha Ùgh­dar­ras na Pàirce agus a chom-pàir­tiche Urras a’ Mhon­aidh Ruaidh air grunn phròiseact­an Gàidh­lig sòn­raichte a mhaoineachadh thar nam bli­adh­naichean agus tha iad cuideachd air grunn chùr­saichean mothachadh Gàidh­lig a ruith air­son seirb­he­isean maoir-dùthcha, buill a’ bhùird, luchd-obrach agus com-pàir­tichean. Bidh sinn a’ dèanamh suirb­hidh co-ion­an­nachd bli­adh­nail anns a bheil còig ceistean mun Ghàidh­lig, agus gheib­hear na toraid­hean sna h‑aithisgean adhartas Gàidh­lig bli­adh­nail againn:

• Nad bheachdsa, dè an comas leugh

×

We want your feedback

Thank you for visiting our new website. We'd appreciate any feedback using our quick feedback form. Your thoughts make a big difference.

Thank you!