Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh - Plana Gàidhlig 2025-29
Here’s the Markdown conversion of the extracted text from the images:
CANERA-CAMANS Shinty. com
Plana Gàidhlig 2025 – 29
Bòrd na Gàidhlig
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
Chaidh am plana seo ullachadh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 28 an Gearran 2025
Clui luicheadairean iomain san Dell ann an Cinn a’ Ghiuthsaich© Ed Smith
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 2 à 47
Facal-toisich……………………………………………………………………………………………………………………….. 4
- Ro-ràdh………………………………………………………………………………………………………………………… 6
1.1 Mun Phlana Ghàidhlig againn……………………………………………………………………………………… 6 1.2 Mu Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh…………………………………………………………………….. 7 1.3 Mu Ùghdarras na Pàirce…………………………………………………………………………………………….. 8 1.4 Gàidhlig taobh a‑staigh na Pàirce Nàiseanta………………………………………………………………….. 10 1.5 Gàidhlig taobh a‑staigh Ùghdarras na Pàirce agus mar a bheir sinn taic do chom-pàirtichean….. 11 1.6 Gàidhlig ann an Alba…………………………………………………………………………………………………… 14 1.7 Achd na Gàidhlig (Alba) 2005……………………………………………………………………………………… 15 1.8 Plana Nàiseanta na Gàidhlig………………………………………………………………………………………. 16 1.9 In-sgrùdadh air comas cànain……………………………………………………………………………………… 17
- Prìomh phrionnsabalan…………………………………………………………………………………………….. 20
2.1 Spèis cho-ionann……………………………………………………………………………………………………….. 20 2.2 Tairgse Ghnìomhach…………………………………………………………………………………………………. 20 2.3 Abhaisteachadh………………………………………………………………………………………………………… 20
- Gealltanasan a’ Phlana……………………………………………………………………………………………. 21
3.1 Prìomhachasan Ro-innleachdail:………………………………………………………………………………… 21 Amas 1 — a’ Cur ri cleachdadh na Gàidhlig:……………………………………………………………………….. 22 Amas 2 — a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig:………………………………………………………………. 24 Amas 3 — A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig…………………………………………… 27 3.2 Amasan seirbheisean corporra………………………………………………………………………………….. 30 Amas 4 — inbhe……………………………………………………………………………………………………………… 32 Amas 5 — Conaltradh leis a’ phoball……………………………………………………………………………….. 33 Amas 6 — fiosrachadh……………………………………………………………………………………………………… 35 Amas 7 — luchd-obrach……………………………………………………………………………………………………. 37 Amas 8 — Corpas na Gàidhlig…………………………………………………………………………………………. 39
Ceanglaichean ris an fhrèam-obrach coileanaidh nàiseanta…………………………………… 40
Ceanglaichean ri frèamaichean-obrach ionadail agus roinneil………………………………. 41
5.1 Prìomhachasan riaghaltais ionadail…………………………………………………………………………….. 41 5.2 Prìomhachasan Plana Com-pàirteachais Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh……………… 41
- Foillseachadh, goireasan agus sgrùdadh…………………………………………………………………… 43
6.1 Foillseachadh agus sanasachd a’ Phlana Ghàidhlig………………………………………………………. 43 6.2 Goireasachadh a’ Phlana…………………………………………………………………………………………… 43 6.3 A’ sgrùdadh a’ Phlana………………………………………………………………………………………………… 44
- A’ leabachadh a’ phlana taobh a‑staigh Ùghdarras na Pàirce…………………………………… 45
7.1 Uallach airson a’ phlana air a’ cheann thall…………………………………………………………………. 45 7.2 Uallach làitheil airson a’ phlana………………………………………………………………………………….. 45 7.3 Buidheann buileachaidh is sgrùdaidh a’ phlana Ghàidhlig……………………………………………. 46
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 3 à 47 7.4 A’ conaltradh le luchd-obrach……………………………………………………………………………………. 46 7.5 Buidhnean Leth-eisimeileach is Treas Partaidhean……………………………………………………….. 46 7.6 In-sgrùdadh air comasan Gàidhlig……………………………………………………………………………… 46
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 4 à 47
Facal-toisich Tha tapastraidh nan cultaran is nan cànan a chuidich gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chumadh am measg nan rudan a tha ga dhèanamh cho sònraichte. Bho choimhearsnachdan Cruithneach tràtha gu coimhearsnachdan a’ cleachdadh Gàidhlig, Scots is Doraig, chithear a’ bhuaidh a bh’ aig na linntean de chonaltradh agus gnìomhachd chultarach ann an coimhearsnachdan air feadh na roinne.
Bho chionn còrr is 1,000 bliadhna, thàinig a’ Ghàidhlig gu bhith na prìomh chànan anns a’ Mhonadh Ruadh. ‘S ann air an adhbhar seo a tha tùs Gàidhlig aig an uiread de na h- ainmean-àite againn: mar eisimpleir ‘allt’, ‘coille’, meall’ agus mar sin air adhart. Tha àite ro-chudromach air a bhith aig a’ chànan ann a bhith a’ cumadh ar ceòl, seanchas, spòrs (iomain gu h‑àraid) agus ar beatha chultarail san fharsaingeachd.
Agus tha an dualchas sin fhathast fior bheothail anns a’ Mhonadh Ruadh san latha an- diugh. A rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh, tha Gàidhlig aig mu 3.6% de mhuinntir na Pàirce Nàiseanta, còrr is a dhà uimhir den ìre sa chòrr de dh’Alba. Tha an cànan gu sònraichte làidir ann am Bàideanach is Srath Spè, far a bheil am pròiseact Badenoch: Storylands (am measg eile) air tòrr a dhèanamh gus dualchas cànanach is cultarach na sgìre a chomharrachadh, stèidhichte mar a tha e ann an seanachas agus cleachdadh cruthachail na Gàidhlig.
Dhan luchd-tadhail do dh’Alba cuideachd, cha robh am miann gus eòlas fhaighinn air a’ Ghàidhlig riamh cho mòr, gu h‑àraidh dhaibhsan aig a bheil sinnsearachd Albannach, agus tha am Monadh Ruadh a’ toirt deagh chothrom do dhaoine a bhith gam bogadh fhèin ann an cànan agus cultar an àite shònraichte seo.
Mar Ùghdarras Pàirce, tha an dleastanas againn a bhith ag aithneachadh agus a’ comharrachadh na Gàidhlig air leth cudromach dhuinn. Gu dearbh, tha am plana seo na phrìomh phàirt de sin; ach tha na freumhan Gàidhlig nas doimhne buileach na sin. ‘S e an lèirsinn a th’ againn gum bi pàirce nàiseanta ann far am bi daoine agus nàdar a’ soirbheachadh còmhla agus tha am bun-bheachd Dùthchas mur bhunait aig seo — an ceangal domhainn eadar daoine agus nàdar. Tha ceangal bunaiteach aig muinntir na Pàirce Nàiseanta ris an fhearann agus ris an àite seo agus tha an ceangal do- sheachanta sin – tro chànan, cruth-tìre agus cultar – gar brosnachadh a bhith taiceil.
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 5 à 47
Tha e na thoileachas dhomh an treas eagran seo den Phlana Ghàidhlig againn fhoillseachadh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri tòrr agaibh gus a libhrigeadh.
Sandy Bremner, Cathraiche
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 6 à 47
- Ro-ràdh 1.1 Mun Phlana Ghàidhlig againn Mar a’ bhuidheann phoblach le uallach gus gnìomhachd a cho-òrdanachadh taobh a- staigh na pàirce nàiseanta as motha san RA, tha e na rùn dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil luach cultarail is cànanach air leth na Gàidhlig do Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air aithneachadh agus air a chomharrachadh gu h‑iomlan. Tha an treas eagran de Phlana Gàidhlig Ùghdarras na Pàirce, airson 2024 – 28, a’ mìneachadh mar a tha sinn an dùil seo a choileanadh agus mar a tha gnìomhachd san raon seo a’ co-thaobhadh ri Plana Com-pàirteachais còig-bliadhna na Pàirce Nàiseanta.
Chaidh am plana seo ullachadh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus chaidh co-chomhairle sia seachdainean a chumail eadar 25 Faoilleach agus 7 Màrt
- Chaidh freagairtean a chruinneachadh tro shuirbhidh air-loidhne (a bha ri faighinn an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla), le roghainnean fòn, pàipeir agus post‑d cuideachd.
Chaidh a’ cho-chomhairle a bhrosnachadh gu mòr an dà chuid air-loidhne agus far- loidhne air grunn diofar sheanailean. Bha seo a’ gabhail a‑steach fios naidheachd dà- chànanach agus duilleag co-chomhairleachaidh air an làraich-lìn againn, a bharrachd air a bhith ag obair le neach-buaidh nam meadhanan sòisealta, Somhairle, gus susbaint Instagram agus TikTok sònraichte a chruthachadh gus luchd-amais nas òige a tharraing. Tha sinn a’ meas gun d’ fhuair sinn còrr is 150 de na freagairtean mar thoradh air seo, agus choimhead còrr is 32,000 neach air na bhidiothan a chruthaich Somhairle. Chaidh a’ cho-chomhairle a cho-roinn cuideachd le còrr is 100 daoine taobh a‑staigh Lìonra ùr nan Oifigearan Gàidhlig, agus fhuair sinn grunn fhreagairtean buidhne mar thoradh air seo, a bharrachd air conaltradh post‑d dìreach mu chom- pàirteachasan a dh’fhaodadh a bhith ann.
Fhuaireadh 427 freagairt uile gu lèir, agus bha 31 (7.3%) dhiubh sin sa Ghàidhlig. Tha seo an coimeas ris na 36 freagairtean a chaidh a chur a‑steach dhan cho-chomhairle phoblaich airson Plana Gàidhlig 2018 – 22. Bha 82% den luchd-freagairt ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir leis na trì prìomhachasan ro-innleachdail a tha air am mìneachadh sa phlana; bha 78% ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gun robh an dreachd plana furasta a thuigsinn; agus bha 76% ag aontachadh no ag aontachadh
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 7 à 47
gu làidir gu bheil am plana ‘a’ cuideachadh le bhith a’ dìon agus ag adhartachadh na Gàidhlig agus a cultar’. Bha a’ mhòr-chuid de na daoine nach robh ag aontachadh den bheachd nach bu chòir do bhuidhnean leithid Ùghdarras na Pàirce a bhith a’ toirt prìomhachas dhan Ghàidhlig nan obair làitheil. Gheibhear mìneachadh air toraidhean na co-chomhairle san aithisg co-chomhairleachaidh air a’ Phlana Ghàidhlig againn.
Tha structar a’ phlana seo air a stiùireadh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig, le amasan agus gnìomhan sònraichte air an comharrachadh a chuidicheas le bhith ag àrdachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig sa Phàirc Nàiseanta, a bharrachd air a bhith a’ brosnachadh deagh ìomhaigh dhan chànan. Chaidh a chur gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta air 5 luchar 2024.
Ma tha ceist sam bith agad mun phlana seo, no ma tha thu ag iarraidh lethbhreac ann an cruth eile (a’ gabhail a‑steach clò mòr), cuir fios thugainn tro na diofar sheanailean a tha air am mìneachadh gu h‑ìosal.
Airson lethbhreacan pàipeir, sgrìobh thugainn no rach gu:
Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 14 A’ Cheàrnag Baile nan Granndach PH26 3HG
Airson ceistean fòn, cuir fòn thugainn: 01479 873 535
Airson iarrtasan air-loidhne, cuir post‑d gu enquiries@cairngorms.co.uk
1.2 Mu Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh ann an 2003. ‘S i a’ phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn a’ gabhail a‑steach 4,528 km ceàrnagach ann an Siorrachd Obar Dheathain, Moireibh, Comhairle na Gàidhealtachd, Aonghas is Peairt is Ceann Rois. Tha 18,000 daoine a’ fuireach anns a’ Phàirc agus bidh i a’ cur fàilte air mu dhà mhillean neach-tadhail gach bliadhna. Tha cha mhòr an dàrna leth den Phàirc Nàiseanta air a mheas mar ‘fhearann fiadhaich’, le cairteal de choille dhùthchasach na h‑Alba agus cairteal de na gnèithean tearc is ann an cunnart san RA rim faighinn an seo.
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 8 à 47
Tha ceithir amasan sònraichte aig a’ Phàirc Nàiseanta mar a chaidh a mhìneachadh leis a’ Phàrlamaid:
• A bhith a’ glèidheadh is a’ cur ri dualchas agus dualchas nàdarra na sgìre; • A bhith a’ brosnachadh cleachdadh seasmhach de stòrasan nàdarra na sgìre; • A bhith a’ brosnachadh tuigse agus tlachd (a’ gabhail a‑steach tlachd tro chur- seachad) ann am feartan sònraichte na sgìre leis a’ phoball; • A bhith a’ brosnachadh leasachadh eaconamach agus sòisealta coimhearsnachdan an àite.
Tha na h‑amasan sin gu bhith air an toirt air adhart còmhla. Ach, ma tha còmhstri eadar a’ chiad amas agus gin de na h‑amasan eile, thèid barrachd cuideam a chur air a’ chiad amas (mar a tha e air a mhìneachadh ann an Earrann 9.6 de dh’Achd nam Pàircean Nàiseanta (Alba) 2000). Tha seo a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil glèidhteachas an dualchais nàdarra agus cultarail mar bhunait do luach eaconamach, sòisealta agus cur-seachad Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
1.3 Mu Ùghdarras na Pàirce Chaidh Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid na taobhan air leth den Mhonadh Ruadh an àrainneachd nàdarra, na coimhearsnachdan ionadail agus a chultar — a dhìon, a dhèanamh seasmhach agus a leasachadh airson a’ ghinealaich seo agus airson nan ginealaichean ri teachd. Bidh Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a’ toirt ceannas dhaibhsan uile a tha an sàs anns a’ Mhonadh Ruadh agus e ag obair ann an com-pàirteachas le farsaingeachd de choimhearsnachdan, gnìomhachasan, buidhnean neo-riaghaltais agus com- pàirteachasan san roinn phoblaich gus dèanamh cinnteach gun tèid deagh bhuaidh a thoirt aig ìre na coimhearsnachd.
Tha an obair seo air a cho-òrdanachadh tro Phlana Com-pàirteachais na Pàirce Nàiseanta, a mhaireas còig-bliadhna agus a tha a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas a h‑uile duine le uallach airson na Pàirce Nàiseanta còmhla gus dèiligeadh ri cùisean deatamach co-cheangailte ri a daoine, nàdar agus àiteachan agus aig a’ cheann thall mar a bheir iad aghaidh air èiginnean gnàth-shìde agus nàdair.
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 9 à 47
Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh anns a’ Mhàirt 2003 agus thòisich obair Ùghdarras na Pàirce an uair sin — fhuair e na cumhachdan reachdail uile aige air 1 Sultain 2003. Tha sinn air ar dealbhadh airson a bhith nar bhuidheann a chuireas rudan an comas, a’ brosnachadh obair com-pàirteachais, agus a’ toirt ceannas do na com-pàirtichean uile a tha an sàs anns a’ Phàirc Nàiseanta. Cha bhi sinn a’ dùblachadh obair bhuidhnean eile, mar eisimpleir, na buidhnean iomairt no Dualchas Nàdair na h‑Alba, ach nì sinn cinnteach gu bheil dòigh-obrach cheangailte ann airson pròiseactan is iomairtean a tha a’ cuideachadh gus na ceithir amasan aig a’ Phàirc Nàiseanta a chur an gnìomh.
’S iad na dleastanasan reachdail againn planadh agus leasachadh, ruigsinneachd a- muigh agus a bhith a’ cruthachadh Plana Leasachaidh Ionadail agus Plana Com- pàirteachais Pàirc Nàiseanta airson Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha raointean obrach eile leithid leasachadh eaconamach, stiùireadh luchd-tadhail, soidhnichean slighe agus mìneachadh air an lìbhrigeadh tro obair com-pàirteachais, le còrr is 100 buidhnean agus comainn air an riochdachadh sa Phlana Com-pàirteachais againn.
Ann am foghlam, tha sinn a’ toirt taic do chòig ùghdarrasan ionadail (Siorrachd Obar Dheathain, Aonghas, Comhairle na Gàidhealtachd, Moireibh, agus Peairt is Ceann Rois) agus Foghlam Alba gus pròiseactan a chruthachadh a chuidicheas iad le bhith a’ lìbhrigeadh a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais agus leasachadh proifeiseanta leantainneach.
Tha sinn cuideachd a’ dèanamh ghealltanasan soilleir mu na bhios sinn (Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh) a’ lìbhrigeadh mar bhuidhinn chorporra tron treas eagran den Phlana Ghàidhlig, agus obraichidh sinn le, agus aontaichidh sinn ri, com- pàirtichean air dè thèid a’ lìbhrigeadh ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a thaobh na Gàidhlig.
Tha mu 110 neach-obrach agus 19 ball bùird aig Ùghdarras na Pàirce. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h‑Alba agus bidh Riaghaltas na h‑Alba a’ taghadh seachdnar de na buill bùird againn. Tha seachdnar bhall eile den bhòrd air an ainmeachadh dhan bhòrd leis na còig comhairlean anns a’ Phàirc Nàiseanta: Siorrachd Obar Dheathain (2), Aonghas (1), a’ Ghàidhealtachd (2), Moireibh (1) agus Peairt is Ceann Rois (1) — agus chaidh còig a thaghadh gu h‑ionadail. Tron bhòrd againn, tha sinn cunntachail dhan Mhinistear agus mar sin do Phàrlamaid na h‑Alba. Tha oifisean aig Ùghdarras na Pàirce ann am Baile nan Granndach agus ann am Bealadair.
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 10 à 47
1.4 Gàidhlig taobh a‑staigh na Pàirce Nàiseanta Tha eachdraidh bheartach aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a thaobh chànanan is dualchais. Thàinig a’ Ghàidhlig gu bhith na phrìomh chànan ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh còrr is 1,000 bliadhna air ais (a’ gabhail àite cànan is dualchas nan Cruithneach) agus air sgàth sin tha a’ mhòr-chuid de na h‑ainmean-àite anns a’ Phàirc Nàiseanta nan ainmean Gàidhlig bho thùs. Ach, anns an 18mh is 19th linn, dh’fhàs tòrr dhaoine ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh dà-chànanach agus a’ Bheurla-Ghallda aca a bharrachd air a’ Ghàidhlig. Air taobh an ear na Pàirce Nàiseanta, tha dualchainnt Doric an àite ga bruidhinn gu farsaing agus tha i a’ cur ri dualchas is eachdraidh an àite.
A rèir cunntas-sluaigh 2011, ‘s urrainn do 657 duine a tha trì bliadhna a dh’aois no nas sine a tha a’ fuireach anns a’ Phàirc Nàiseanta Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh agus/no a thuigsinn, a’ mhòr-chuid aca a’ fuireach ann am Bàideanach agus Srath Spè (3.6% de shluagh na Pàirce Nàiseanta agus 0.8% de luchd-labhairt uile na Gàidhlig ann an Alba). Thuirt 146 gum biodh iad a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh (0.8% de shluagh na Pàirce Nàiseanta agus beagan nas lugha na cairteal de luchd-labhairt na Gàidhlig san sgìre). Tha a’ mhòr-chuid de na daoine sin a’ fuireach ann am Bàideanach agus Srath Spè.
A rèir fiosrachaidh a chuir Bòrd na Gàidhlig ri chèile airson na bliadhna acadaimigeach 2021 — 2022, tha 17 Ionadan Tràth-ionnsachaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus aon ann am Peairt is Ceann Rois (a- mach à 55 ionad tràth-ionnsachaidh Gàidhlig air feadh na dùthcha). Chan eil ach aon dhiubh sin – Baile Ùr an t‑Slèibh – suidhichte taobh a‑staigh crìochan na Pàirce Nàiseanta. Tha 1,081 sgoilear ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile air a’ Ghàidhealtachd, agus 40 ann am Peairt is Cheann Rois. Tha naoinear sgoilearan ann an clas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun=sgoil Whitehills ann am Farfar, Aonghas. Chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann am Moireibh, no Siorrachd Obar Dheathain aig an àm seo. Tha 13 àrd-sgoiltean a’ lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Comhairle na Gàidhealtachd agus tha aon àrd-sgoil ann am Peairt is Ceann Rois, le 445 sgoilearan air a’ Ghàidhealtachd agus seachdnar sgoilearan ann am Peairt is Ceann Rois. ‘S e Ceann a’ Ghiùthsaich an aon sgoil a tha taobh a‑staigh crìochan na Pàirce Nàiseanta.
Tha grunn chompanaidhean agus buidhnean saor-thoileach Gàidhlig ag obair anns a’ Phàirc Nàiseanta, no faisg oirre, a tha a’ tairgse sheirbheisean Gàidhlig no seirbheisean
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 11 à 47
cultarach na Gàidhlig (tha cuid aca a’ faighinn taic agus/no pàirt-mhaoineachadh bho Ughdarras na Pàirce). Am measg nam buidhnean saor-thoileach anns a’ Phàirc Nàiseanta, tha Sinne (Buidheann Ghàidhlig Shrath Spè is Bhàideanach) a bhios a’ toirt seachad tachartasan ionnsachaidh is coinneachaidh airson luchd-ionnsachaidh is fileantaich na Gàidhlig agus Gàidhlig anns a’ Phàirc, buidheann iomairt Ghàidhlig. Tha grunn bhuidhnean nàiseanta cuideachd gnìomhach sa Phàirc Nàiseanta, nam measg Fèisean nan Gàidheal, Spòrs Gàidhlig agus An Comunn Gàidhealach.
1.5 Gàidhlig taobh a‑staigh Ūghdarras na Pàirce agus mar a bheir sinn taic do chom-pàirtichean Chuir Lorna Slater BPA (Ministear airson Sgilean Uaine, Eaconamaidh Chearcallach agus Bith-iomadachd) an ceathramh Plana Com-pàirteachais airson Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh airson 2022 – 27 air bhog a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas a h- uile duine le uallach airson na Pàirce Nàiseanta còmhla gus dèiligeadh ri cùisean deatamach co-cheangailte ri a daoine, nàdar agus àiteachan agus aig a’ cheann thall mar a bheir iad aghaidh air èiginnean gnàth-shìde agus nàdair.
Tha trì earrannan anns a’ Phlana Com-pàirteachais – Nàdar, Daoine agus Àite – agus taobh a‑staigh earrann nan Daoine tha amas sònraichte (B8) a thaobh na Gàidhlig agus mu ar dleastanas reachdail mar bhuidheann poblach:
• Tha a’ Ghàidhlig na pàirt de dhualchas chultarail is nàdarra na Pàirce Nàiseanta agus tha pàirt bheothail aice ri chluich san àm ri teachd. Feumar taic a chumail ri cleachdadh leantainneach na Gàidhlig agus a glèidheadh mar chànan agus cultar gnìomhach taobh a‑staigh coimhearsnachdan na Pàirce Nàiseanta.
Amas: Brosnaich barrachd cleachdadh na Gàidhlig sa Phàirce Nàiseanta Targaid: Barrachd chothroman do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan a bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig agus sa chultar aice.
Tha an treas eagran seo den Phlana Ghàidhlig a’ mìneachadh mar a tha sinn an dùil an t‑amas seo a choileanadh agus bu chòir a leughadh ann an co-theacs an t‑seallaidh, nan amasan agus nam poileasaidhean a tha air am mìneachadh ann am Plana Com- pàirteachais Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh airson 2022 – 27. Tha amas co- cheangailte (C10 – dualchas cultarail) a’ mìneachadh ar dòigh-obrach a thaobh
Cairngorms National Park Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Taobh-duilleig 12 à 47
dualchas cultarail a tha air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus tha seo a’ toirt iomradh sònraichte air Scots / Doraig.
A thaobh lìbhrigeadh dìreach, tha Ùghdarras na Pàirce agus a chom-pàirtiche Urras a’ Mhonaidh Ruaidh air grunn phròiseactan Gàidhlig sònraichte a mhaoineachadh thar nam bliadhnaichean agus tha iad cuideachd air grunn chùrsaichean mothachadh Gàidhlig a ruith airson seirbheisean maoir-dùthcha, buill a’ bhùird, luchd-obrach agus com-pàirtichean. Bidh sinn a’ dèanamh suirbhidh co-ionannachd bliadhnail anns a bheil còig ceistean mun Ghàidhlig, agus gheibhear na toraidhean sna h‑aithisgean adhartas Gàidhlig bliadhnail againn:
• Nad bheachdsa, dè an comas leugh