Beachdan gan sireadh air Plana Gàidhlig Ùghdarras a’ Phàirc

Beachdan gan sireadh air Plana Gàidhlig Ùghdarras a’ Phàirc
Tha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh beartach ann an dualchas cultarail, agus tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach dheth — bha làmh an uachdair aig a’ chànan aon uair, agus tha sin fhathast follaiseach an-diugh sna h-ainmean-àite a chì sinn sa Phàirc. A-nis, tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ag iarraidh ur beachdan air mar a bu chòir dhaibh mar bhuidheann a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus a leasachadh san obair làitheil aca.
Tha a h-uile buidheann san raon phoblach ann an Alba fo dhleastanas Plana Gàidhlig ullachadh. Tha seo gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a’ cluiche a phàirt ann an cruthachadh àm-ri-teachd a tha seasmhach airson na Gàidhlig ann an Alba.
Tha an treas Plana Gàidhlig aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a-nis a-mach airson co-chomhairleachadh agus thathar ag iarraidh air a’ phoball agus air buidhnean aig a bheil ùidh sa chùis sùil a thoirt air an sgrìobhainn agus beachdan a chur a steach ma deidhinn. Tha am Plana Gàidhlig a’ cur an cèill mar a bhios Ùghdarras a’ Phàirc a’ cleachdadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig san obair làitheil aca agus mar a bhios a’ bhuidheann a’ comasachadh agus a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltradh leis a’ phoball agus le prìomh chom-pàirtichean. Tha seo a’ gabhail a-steach raointean obrach leithid chonaltraidhean air-loidhne, dearbh-aithne fhaicsinneach Ùghdarras a’ Phàirc, agus taic airson phròiseactan co-cheangailte sa Phàirc, a bharrachd air margaideachd agus trèanadh luchd-obrach.
Thuirt Cathraiche Bòrd Ùghdarras a’ Phàirc, Sandy Bremner: “Tha Pàirc a’ Mhonaidh Ruaidh na sgìre a tha moiteil, mar bu chòir, às an iomadachd chultaraich is cànanaich a th’ aige. Tha a’ Ghàidhlig, ge-tà, gu h-àraid cudromach, gu sònraichte nuair a tha thu a’ smaointinn air mar a tha an cànan ag ath-fhuaimneachadh air feadh na sgìre, mar eisimpleir tro ainmean nan cnoc far as toigh leinn streap, na h-aibhnichean far as toigh leinn iasgach no ainmean nam bailtean beaga sa bheil sinn a’ fuireach.
“Mar bhuidheann, tha sinn toilichte a’ phàirt againne a chluiche gus dèanamh cinnteach à àm-ri-teachd a tha beòthail don Ghàidhlig. Tha i glè chudromach gu h-eachdraidheil agus gu cultarach don Phàirc – agus dhaibhsan a tha a’ fuireach ann no a’ tadhal air – agus, mar sin, nach gabh sibh an cothrom fios air ais a chur thugainn.”
Tha an co-chomhairleachadh poblach air Plana Gàidhlig Ùghdarras a’ Phàirc Nàiseanta, a mhaireas sia seachdainean, a’ tòiseachadh an t-seachdain sa agus bidh e a’ ruith gus 7 Màrt. Faodar an sgrìobhainn fhaicinn agus beachdan a chur a-steach air tro làrach-lìn Ùghdarras a’ Phàirc
Air neo, faodar a leughadh aig oifisean Ùghdarras a’ Phàirc ann am Baile nan Granndach.
Alert
Latest from the National Park
Update on wildfire situation
Convener Sandy Bremner and Chief Executive Grant Moir have given an update on the ongoing wildfire situation.
Statement on wildfires
An update from Grant Moir, Chief Executive of the Cairngorms National Park Authority, on the ongoing wildfires in Moray and Highland.
New Nethy houses get green light
Meeting in Ballater, the Planning Committee approved applications for a development of 35 houses in Nethy Bridge and a floodplain restoration scheme on the River Dee.
Relevant alerts
-
As a result of ongoing efforts to tackle wildfires to the north of the Cairngorms National Park, several roads are currently closed. Scottish Fire and Rescue are in attendance and the public are advised to avoid the area, including footpaths. Road users are asked not to ignore road closed signs.
The affected roads are:
- B9007 Ferness to Duthil
- U2379 Lochindorb Road
- B939 Ferness to Grantown-on-Spey
- U2347 Braes of Castle Grant
For all the latest information check out the Scottish Fire and Rescue Service and Police Scotland website and social media.