Skip to content
Please be aware the content below has been generated by an AI model from a source PDF.

Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh - Plana Gàidhlig 2013-17

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Aon­taichte le Bòrd na Gàidh­lig – Màrt 2013

Craigel­lach­ie Nation­al Nature Reserve

Tèar­mann Nadair Nàiseanta Cre­ag Eileachaidh

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Foill­sichte le Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh 14 a’ Cheàrnag Baile Ur nan Granndach PH26 3HG

Fòn: 01479 873535 Facs: 01479 873527 Post‑d: enquiries@​cairngorms.​co.​uk

www​.cairngorms​.co​.uk

Tha an sgrìobhainn seo ri fhao­tainn ann an clò mòr is cruthan eile ach iar­raidh orra. Rachaibh an con­al­tradh ri Ugh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh air 01479 873535. Faodar a faicinn cuideachd aig www​.cairngorms​.co​.uk

© ÙPNMR/CNPA 2013. Gach còir glèidhte.

Obair-chamara: Angus Findlay/​CNPA, Dav­id Gowans

www​.cairngorms​.co​.uk

Fac­al-tois­ich

Is tric a theire­ar nach bruidh­n­ear Gàidh­lig ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh. Ach a dh’innse na firinne, tha i air a cleach­dadh a h‑uile latha le luchd-còm­h­naidh, luchd-tadhail agus gnìom­hachas­an ann an ain­mean-àite, ain­mean ghnèithean agus ann am faclan o bhoglach gu uisge-beatha. S i a’ Ghàidh­lig a chum dual­chas na Pàirce. Bidh daoine ri mire aig cèilidh agus, ann am pàirtean den Phàirc, bidh mòran fhire­an­nach òga is bal­aich, agus clann-nighean gu ìre nas motha s nas motha, le caman aig an taigh. Anns na bean­ntan, tha ainm Gàidh­lig air gach tè dhe na 55 Rothach anns a’ Phàirc, agus bheir tuigsinn bunaiteach dhi­ubh toil- inntinn nas doim­hne do neach-coiseachd nam beann — neach cudromach a thaobh teachd-a-steach o thur­as­achd — tlachd nas doim­hne san àite àraid seo, na tìr-dhreach agus na dualchas/​cultar.

Tha ròl dà-rìribh aig Gàidh­lig ann am bun-amas­an na Pàirce Nàiseanta, s iad sin glèid­hteachas dual­chais, coim­hearsnachdan sea­smhach agus tlachd sa Phàirc. Tha mòran de chom-pàir­tichean na Pàirce, len cuid fhèin de phoilea­said­hean Gàidh­lig, a’ cuideachadh ann a bhith a’ toirt Gàidh­lig air ais gu coim­hearsnachdan na Pàirce tro bhuidh­nean, phròiseact­an agus ghnìom­han. Am measg 17,000 neach-còm­h­naidh na Pàirce agus 1.5 millean neach-tadhail a thig gach bli­adhna, tha eadar-mhìneachadh is tachartas­an a bhuineas ri Gàidh­lig a’ togail a h‑ìomhaigh mar phàirt de thar­ra­ing na Pàirce. Tha Gàidh­lig a’ tairgsinn fior dheagh cho­throm cur ri soirb­heas eaconamach, tuigsinn is tlachd na Pàirce.

Tha mi fior thoi­l­ichte gu bheil ar Plana Gàidh­lig a‑nis a’ cur an cèill dealas ÙPN­MR, rud a chuire­as ri leas­achadh na Gàidhlig.

Duncan Bry­den Neach-gairm, bòrd Ugh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Clàr-innse

Geàrr-chun­ntas page 6 Structar a’ Phlàna Ghàidh­lig 7

Cai­bideal I Ro-ràdh 8 Co-theac­sa leas­a­chaidh do Phlanaichean Gàidh­lig Seal­ladh far­sa­ing de dh’obair Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh agus cleach­dadh na Gàidh­lig taobh a‑staigh ar raon-obrachaidh

Cai­bideal 2 Bun-Dealas­an 14 Earrann I – Dearbh-aithne Earrann 2 – Con­al­tradh Earrann 3 — Foill­sea­chaid­hean Earrann 4 – Luchd-obrach

Cai­bideal 3 Builean poilea­saidh a thaobh Gàidh­lig 37

  1. Togail Cànain
  2. Cleach­dadh Cànain
  3. Inbhe Cànain
  4. Cor­pas Cànain

Cai­bideal 4 Cur-an-gnìomh is Sgrùdadh 41

Fios­rachadh Con­al­traidh 43

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Geàrr-chun­ntas Aith­nichidh Ugh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh (UPN­MR) gur i a’ Ghàidh­lig pàirt coileanta de dh’Alba agus de shaoghal dual­chas, dearbh-aithne is cul­tar na Pàirce. Tha sinn fo dhealas a thaobh nan amas­an a tha ann am Plana Nàiseanta na Gàidh­lig agus chuir sinn an- sàs na structaire­an is na ro-innleach­dan a tha riatanach gus dèanamh cin­nteach gum bi a’ Ghàidh­lig maire­an­nach sea­smhach ann an Alba agus ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh.

Aith­nichidh sinn gu bheil suid­heachadh na Gàidh­lig glè chugal­lach agus mas e s gum bi a’ Ghàidh­lig air a h‑ath-bheothachadh mar chàn­an ann an Alba, gu bheil feum air dian-iar­rtas aon­aichte on riaghaltas, o na h‑earrainnean poblach is prìobhaideach, o bhuidh­nean coim­hearsnachd agus o neachan-labhairt air leth a chor is gum bit­hear: • A’ cur ri inbhe na Gàidh­lig • A’ cur air adhart togail is ionnsachadh na Gàidh­lig • A’ brosnachadh tuilleadh cleach­daidh de Ghàidhlig

S i an sgrìobhainn seo Plana Gàidh­lig UPN­MR, a chaidh ullachadh taobh a‑staigh frèama Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005.Tha i a’ cur an cèill mar a chleach­das sinn a’ Ghàidh­lig nar n‑obair, mar a chuire­as sinn an comas gun cleach­dar a’ Ghàidh­lig agus sinn a’ con­al­tradh ris a’ mhòr-shluagh s ri prìomh chom-pàir­tichean, agus mar a chuire­as sinn air adhart is a lea­saicheas sinn a’ Ghàidhlig.

Chaidh seo ullachadh a rèir gach slat- tom­hais reach­dail a tha ann an Achd 2005, le aire air Plana Nàiseanta na Gàidh­lig agus Treòr air Leas­achadh Phlanaichean Ghàidhlig.

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

www​.cairngorms​.co​.uk

Structar a’ Phlana Ghàidhlig

S iad prìomh eilea­maid­ean ar Plana Ghàidh­lig ach:

Cai­bideal I — Ro-ràdh Bheir an cai­bideal seo cùl-sgeul is co-theac­sa a bhuineas ri ullachadh Phlanaichean Ghàidh­lig fo Achd 2005 agus structar ar prìomh raoin­tean obrach. Cuideachd, bheir e geàrr-chun­ntas air suid­heachadh na Gàidh­lig am measg dhaoine.

Cai­bideil 2 — Bun-dealas­an Cuiridh an cai­bideal seo an cèill mar a chleach­das sinn, agus mar a chuire­as sinn cleach­dadh an comas chàich, a’ Ghàidh­lig far am buin i ri prìomh ghnìom­han ar gnìom­ha­chais. Dèi­li­gidh e ri prìomh raoin­tean ar n‑obrach, leith­id dearbh-aithne chor­porra, soigh­nichean, con­al­tradh ris a’ phoball agus cleach­dadh na Gàidh­lig air ar làrach-lìn. Cuideachd, cuiridh e an cèill a’ bhun-ire as lugha de dh’ullachadh Gàidh­lig a tha fo dhealas againn a shol­arachadh ri linn àm sòn­raichte a’ Phlana.

Cai­bideal 3 – Builean poilea­saidh a thaobh Gàidh­lig: a’ cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidh­lig Cuiridh an cai­bideal seo an cèill mar a chuidi­cheas sinn a thaobh cur-an-gniomh Plana Nàiseanta na Gàidh­lig. Cuideachd, seal­laidh e mar a tha e am beachd againn cleachadh na Gàidh­lig adhartachadh ann an raoin­tean ar poilea­said­hean, leith­id fastachd luchd-obrach. A bhar­rachd air seo, bit­hear a’ beach­dachadh air mar a bheir sinn aire don Ghàidh­lig agus don Phlana Ghàidh­lig againn nuair a bhios sinn a’ cur poilea­said­hean ùra ri chèile agus a’ smaoineachadh air ro-innleach­dan ùra.

Cai­bideal 4 – Cur-an-gnìomh is Sgrùdadh Tha an cai­bideal seo a’ cur an cèill mar a thèid cur-an-gnìomh ar Plana Ghàidh­lig a thoirt air adhart, agus mar a thèid sin agus gach toradh a sgrùdadh.

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Cai­bideal I – Ro-ràdh Co-theac­sa leas­a­chaidh do Phlanaichean Ghàidh­lig Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005 agus cur-a- mach bratha Chaidh gabhail ri Achd na Gàidh­lig (Alba) 2005 aig Pàr­la­maid na h‑Alba agus e san amharc inbhe na Gàidh­lig mar aon de chàn­anan oifi­geil na h‑Alba a chu­mail tèarainte agus co-ion­an­nachd spèis a bhith aice ris a’ Bheurla.

S e aon de phrìomh phàirtean de dh’Achd 2005 ach an ullachadh a chuire­as an comas Bhòrd na Gàidh­lig iar­raidh mar riatanas gun cuir buidh­nean poblach Planaichean Ghàidh­lig ri chèile. Chaidh an t‑ullachadh seo a chur ri chèile gus dèanamh cin­nteach gum bi an earrann pho­blach ann an Alba a’ coileanadh a ròl ann a bhith a’ cruthachadh saoghal maire­an­nach don Ghàidh­lig le bhith a’ togail inbhe is ìom­haigh a’ chànain cho math ri cothro­man prag­taigeach far an gabh a cleachdadh.

Co-chom­hair­leachadh air dreachd Phlana Ghàidh­lig Fo Achd 2005 tha e riatanach gun toir buidh­nean poblach ullachadh an cuid Phlanaichean Ghàidh­lig gu aire gach neach is eile a tha an-sàs. Rinn sinne co-chom­hair­leachadh air ar dreachd Phlana ri linn Sam­hain is Dùbhlachd

  1. Chaidh an sgrìobhainn a chur ri fhao­tainn air ar làrach-lìn, nar n‑oifisean, nar leabhar­lan­nan agus ann an àiteachan so-ruigsin­neach eile far am b’ iom­chaidh sin. Cuideachd, chaidh litrichean a chur gu prìomh luchd-maoinea­chaidh agus gu buidh­nean Ghàidh­lig, ag innse dhaibh mun cho-chom­hair­leachadh agus a’ tar­ra­ing aire shòn­raichte don cheangal air an làrach-lìn. Fhuaire­adh 14 fre­agairtean gu h‑iomlan. An dèidh a’ cho-chom­hair­lea­chaidh, chaidh beach­dachadh air cuid de na chaidh a chur an cèill agus chaidh pàirtean den dreachd Phlana ath­ar­rachadh. Chaidh gabhail ris an dreachd Phlana gu foirmeil le bòrd UPN­MR ann am Faoilleach 2011.

Aonta Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh: Agus bòrd ÚPN­MR air gabhail ris, chaidh am Plana Gàidh­lig a chur gu Bòrd na Gàidh­lig ann an 2012’s chaidh gabhail ris ann am Màrt 2013.

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

www​.cairngorms​.co​.uk

Seal­ladh far­sa­ing de dh’obair Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh agus cleach­dadh na Gàidh­lig taobh a‑staigh ar raon-obrachaidh

Cùl-fhios­rachadh mun Ùgh­dar­ras Pho­blach Chuire­adh Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh air bhonn ann an Sul­tainn 2003 agus chaidh Ugh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh (ÙPN­MR) fo làn uid­heam — a’ gabhail ris na cum­hach­dan reach­dail uile aige — air | Sul­tainn 2003.

Chaidh ar cur ri chèile mar bhuid­heann- chuidea­chaidh, a’ cur air adhart obair chom-pàirteach agus a’ toirt stiùiridh don a h‑uile buid­heann is eile a tha an-sàs sa Phàirc. Cha dèan sinn an aon obair s a nì buidh­nean eile, leith­id buidh­nean-iomairt no Dual­chas Nàdair na h‑Alba, ach nì sinn cin­nteach gum bit­hear ag obair mar aon air pròiseact­an is ro-innleach­dan a chuidi­cheas sinn ceith­ir amas­an na Pàirce a choileanadh.

S iad na ceith­ir amas­an a chuire­ar an cèill ann an Achd nam Pàir­cean Nàiseanta (Alba) 2000 ach gum bithear:

  1. A’ glèid­headh s a’ cur ri dual­chas nàdarra is cul­tarach na sgìre;
  2. A’ cur air adhart cleach­dadh sea­smhach de dh’fheartan nàdarra na sgìre;
  3. A’ cur air adhart tuigse is tlachd (a’ gabhail a‑steach tlachd mar chaitheamh- aim­sire) a’ mhòir-shluaigh a thaobh feartan sòn­raichte na sgìre;
  4. A’ cur air adhart leas­achadh eaconamach is sòisealta am measg coim­hearsnachdan na sgìre.

Tha e cudromach tuigsinn gum bi ÙPN­MR ag obair ann an dòigh eadar-dheal­aichte ri Ugh­dar­rasan Phàir­cean eile. S iad ar dleastanas­an reach­dail ach planadh/​dealbhadh is leas­achadh, so-ruigsin­neachd a’ bhlàir a‑muigh agus cur-a-mach Plana lon­a­dail agus Plana Pàirce Nàiseanta. Bidh raoin­tean eile, leith­id leas­achadh eaconamach, seirb­he­isean rèin­sear­an agus soigh­nichean, air an lìbhrigeadh tro obair chom-pàirteach. S e ar prìomh neart ach obair chom-pàirteach, a’ toirt bhuidh­nean eile an ceann a chèile gus co-obrachadh a chor is gum bi buan­nachdan ann don Phàirc. Mar eis­im­pleir, chan fhas­taich sinne rèin­sear­an ach bidh sinn a’ maoineachadh seirb­he­isean nan rèin­sear­an anns a’ Phàirc agus ag obair còmhla riutha. A thaobh fogh­laim, bidh sinn ag obair cuide ris na còig com­hair­lean agus ri Fogh­lam Alba gus pròiseact­an a leas­achadh a bhios mar chuideachadh don Phàirc ann a bhith a’ libhrigeadh a’ Churraiceal­am air­son Sàr-mhath­ais, cho math ri leas­achadh leantain­neach proi­feiseanta. Cho math ri dealas­an soil­leir a choileanadh mu na libhrigeas sinn mar bhuid­heann a thaobh a’ Phlana Ghàidh­lig, nì sinn cuideachd co- obrachadh agus co-aonta ri com-pàir­tichean mu dheidhinn na ghabhas lìbhrigeadh sa Phàirc de rudan a bhuineas ris a’ Ghàidhlig.

Le mu chòrr is 60 neach-obrach agus 19 buill bùird, tha caoch­ladh dhleastanas­an reach­dail aig Ugh­dar­ras na Pàirce, nan lùib, a bhith a’ stiùire­adh so-ruigsin­neachd blàr a‑muigh na Pàirce, planadh/​dealbhadh agus leas­achadh cho math ri cur-a-mach Plana lon­a­dail agus Plana Pàirce Nàiseanta.

Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h‑Alba agus bidh Min­iste­ar­an na h‑Alba a’ cur seachd­nar de na buill bùird againn an

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

dreuchd. Thèid seachd­nar eile ain­meachadh air­son a’ bhùird leis na còig com­hair­lean anns a’ Phàirc – a’ Ghàid­healtachd (2), Sior­rachd Obar Dheath­ain (2), Moire­abh (1), Aonghas (1) agus Peairt & Ceann Rois (1) — agus bit­hear a’ taghadh còign­ear gu h‑ionadail. Tron bhòrd againn, tha sinn fo ual­lach nam Min­iste­ar­an agus mar sin fo dhleastanas Par­la­maid na h‑Alba.

A’ Ghàidh­lig taobh a‑staigh raon- obra­chaidh ùgh­dar­ras na Pàirce S i Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh a’ Phàirc Nàiseanta as motha san RA agus i 4,528 cm ceàrnagach de mheud, le còrr is 17,000 neach-còm­h­naidh, agus i a’ dèi­li­geadh ri còig sgìrean de dh’ùghdarrasan ion­a­daile. • A’ Ghàid­healtachd • Moire­abh • Sior­rachd Obar Dheath­ain • Aonghas • Peairt is Ceann Rois

Tha each­draidh shaid­hb­hir is dual­chas iom-fhill­te chàn­anan ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh. Bha làmh an uach­dair aig a’ Ghàidh­lig ann an sgìre a’ Mhon­aidh Ruaidh bho chionn còrr is 1,000 bli­adhna air ais (a’ cur càn­an is cul­tar nan Cru­in­neach às àite) agus ri linn seo tha a’ chuid as motha de dh’ainmean-àite na Pàirce mar a tha iad an cear­tuair air tighinn às a’ Ghàidh­lig. Gid­headh, chrìon an càn­an beag air bheag agus mun 18mh is mun 19mh linn bha mòran dhaoine ann an sgìre a’ Mhon­aidh Ruaidh dà-chàn­anach, a’ labhairt Albais cho math ri Gàidh­lig. Air taobh an ear den Phàirc, thath­ar fhath­ast a’ labhairt Dora­ic, càn­an a chuire­as ri cul­tar is each­draidh na sgìre.

A rèir cun­ntas-sluaigh 2001, bha 583 neach a’ còm­h­naidh sa Phàirc (3.1% de shluagh na Pàirce agus 0.6% de luchd-Gàidh­lig iom­lan na h‑Alba) aig a bheil comas air chor­eigin sa Ghàidh­lig. Tha a’ mhòr-chuid dhi­ubh seo nan còm­h­naidh ann am Baile Ur an t‑Slèibh agus ann an Cinn a’ Ghiuthsaich.

Fhuaire­adh a‑mach tro fhios­rachadh a chuir Bòrd na Gàidh­lig ri chèile ri linn bli­adhna acadeimi­geach 2009 – 2010 gun robh triùir sgoilear ann an Sgoil-àraich Ghàidh­lig agus 23 a’ faighinn fogh­laim tro mheadhan na Gàidh­lig ann am bun-sgoil­tean na Pàirce. Cuideachd, bha II fileantaich ri fogh­lam Gàidh­lig san àrd-sgoil. S i Bun-sgoil Bhaile Ur an t‑Slèibh an aon sgoil sa Phàirc aig a bheil aon­ad Gàidh­lig. Bit­hear a’ teagasg grunn chuspaire­an tro mheadhan na Gàidh­lig ann an Ard-sgoil Chinn a’ Ghiuthsaich.

Tha grunn chom­panaid­hean is bhuidh­nean Gàidh­lig ag obair sa Phàirc neo faisg oirre a tha a’ tairgsinn sheirb­he­isean ann an càn­an is dual­chas na Gàidh­lig (feadhainn dhi­ubh a tha air am maoineachadh gu h‑ìre, no a gheibh taic, aig ÙPN­MR). Am measg buidh­nean saor-thoileach Gàidh­lig na Pàirce tha Sinne (Buid­heann Ghàidh­lig Srath Spè is Bhàideanach), a chuire­as air dòigh tachartas­an ionnsa­chaidh is com- pàirteach air sgàth luchd-ionnsa­chaidh agus luchd-fileanta; agus Gàidh­lig anns a’ Phàirc, buid­heann-ghnìomha Ghàidh­lig a tha ÙPN­MR mar bhall dhith. Bidh ÙPN­MR a’ maoineachadh grunn de na gnìom­han is na cùr­saichean a ruith­eas Sinne, leith­id Blas­ad na Gàidh­lig, cùrsa ochd-seach­dai­nean do luchd-ionnsa­chaidh, a bhios air chois ann an lon­ad-Fogh­laim Bhàideanach. Bha cùr­saichean air chois air feadh 2011 agus tha tuilleadh a’ gabhail àite ann an

  1. S e Ceu­man Beaga clas-foghlaim

www​.cairngorms​.co​.uk

ro-sgoile a bhios a’ coin­neachadh gach Dihaoine ann an Ràta Mhur­cha­is, agus a gheibh maoineachadh tro Chom­hairle na Gàid­healtachd, le mu ochd­nar sgoilear. Faodaidh pàrantan fritheal­adh cuideachd, cho math ri pàirt a ghabhail sna cla­saichean agus Gàidh­lig ionnsachadh.

Bidh grunn thachartas­an Gàidh­lig mun Phàirc, gu sòn­raichte ann am Bàideanach is an Srath Spè, dhan toir sinne taic is maoineachadh gu h‑ìre mar eis­im­pleir, Fèis Spè agus Fèisean a’ Mhon­aidh Ruaidh, a bheir cothrom do dhaoine òga teagasg fhao­tainn ann an ceòl traid­iseanta is eal­ain cho math ri ionnsachadh-aon-ri-aon agus cothrom cluich air àrd-ùrlar mun cuairt na Pàirce. Cuideachd tha sinn air grunn chùr­saichean ann am Mothachadh na Gàidh­lig a ruith tron chùrsa Trèanadh Gnìom­ha­chais Fear­ainn (a tha ain­michte a‑nis mar am Pròiseact Trèanaidh Stiùire­adh Fear­ainn) don mhòr-shluagh agus don luchd-obrach againn.

A thaobh na h‑Alba, b’ i air­e­amh iom­lan nan daoine a chaidh a chlàradh a bha comas­ach air Gàidh­lig a bhruid­hinn agus/​no a leughadh agus/​no a sgrìobhadh agus/​no a thuigsinn ann an cun­ntas-sluaigh 2001 ach 92,400 (1.9% de mhuin­ntir na h‑Alba). Dhi­ubh seo, b’ i àire­amh iom­lan nan daoine aig an robh comas labhairt sa Ghàidh­lig ach 58,652 (1.15% de mhuin­ntir na h‑Alba).

Ged a chrìon an àire­amh de luchd- labhairt na Gàidh­lig san fhar­saingeachd on chun­ntas-sluaigh ron a’ seo, bha meud air an àire­amh de dhaoine aig an robh comas labhairt is leug­haidh is sgrìobhaidh sa Ghàidh­lig eadar 1991 is 2001, a’ seall­tainn gun tàinig fàs air lite­arrachd sa Ghàidh­lig agus air luchd-ionnsa­chaidh. Cuideachd, mheudaich an àire­amh de phàistean eadar aois 5 — 15 a bha comas­ach air Gàidh­lig a labhairt eadar 1991 is 2001.

Chan eil figear cin­nteach ann de luchd- ionnsa­chaidh inbheach neo-fhileanta. Gid­headh, fhuaire­adh a‑mach ri linn sgrùdadh nàiseanta ann an 1995 air­son Comann na Gàidh­lig, a’ bhuid­heann- leas­a­chaidh Ghàidh­lig, gun robh mu thuaire­am 8,000 dhi­ubh ann an Alba.

Gu nàiseanta, tha mu 2,500 sgoilear aig ìre bhun-sgoil is àrd-sgoil a’ fao­tainn fogh­lam tro mheadhan na Gàidh­lig (FMG) an cear­tuair, le 700 pàiste a bhar­rachd ann an sgoil­tean-àraich. Taobh a‑staigh fogh­lam tro mheadhan na Beurla, bidh eadar 2,500 is 3,000 neach- ionnsa­chaidh a’ dèanamh Gàidh­lig mar chuspair san àrd-sgoil gach bli­adhna eadar Clas I is 6. Bidh mòran phàistean ann am bun-sgoil­tean na Beurla a’ gabhail pàirt anns an sgeama Ghàidh­lig anns a’ Bhun- sgoil gach bli­adhna, le mu 6,500 pàiste ann an seisean 20056. (Tar­ra­ing: fios­rachadh mu Aon­adan Gàidh­lig às Sgoil­tean na h‑Alba Air-loidhne.)

Cuiridh Plana Nàiseanta na Gàidh­lig aig Bòrd na Gàidh­lig an cèill amas­an soil­leire a thaobh àire­am­han de luchd-labhairt na Gàidh­lig thairis air na 35 bli­adhna ri teachd, mar a leanas: • 65,000 neach-labhairt is 4,000 pàiste gach bli­adhna ann am FMG mu 202175,000 neach-labhairt is 10,000 pàiste ann am FMG mu 2031100,000 neach-labhairt is 50,000 pàiste ann am FMG mu 2041

Plana Gàidh­lig Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Neo-air-thaing àire­am­han luchd-labhairt Gàidh­lig san fhar­saingeachd, faodar a bhith an dùil gun lean na th’ ann de mheu­dachadh ann an lite­arrachd, luchd- ionnsa­chaidh fileanta agus FMG, a mheudaicheas iar­rtas air seirbheisean.

Gàidh­lig taobh a‑staigh Ùgh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh Aith­nichidh sinn gur i a’ Ghàidh­lig pàirt coileanta de dhu­al­chas, de dhearbh-aithne agus de chul­tar Alba agus na Pàirce, agus tha sinn mu-thràth fo dhealas gun dèan sinn grunn ghnìom­han (a tha air an cur an cèill gu h‑ard) ann an co-bhonn ri luchd- obrach is ri com-pàir­tichean agus ris a’ mhòr-shluagh a bhios mar chuideachadh ann a bhith a’ cur ri inbhe càn­an is dual­chas na Gàidhlig.

Seal­laidh ar n‑oifisean an dealas sin gu soil­leir, agus cuideachd togaidh seo inbhe, ìom­haigh is iom­raiteachd na Gàidh­lig. Tha suaicheantas agus facail Gàidh­lig ri fha­icinn air bùird-fàil­tea­chaidh ar n‑oifise ann am Baile Ur nan Granndach, agus tha am brannd no an t‑suaicheantas Gàidh­lig air an sea­stan a chu­mas ar bileagan- fiosrachaidh.

An-dràsta chan eil e clàraichte cia mheud neach-obrach a tha againn a tha fileanta sa Ghàidh­lig, no a tha ga h‑ionnsachadh no aig a bheil comas leug­haidh no sgrìobhaidh sa chàn­an, ged a tha Gàidh­lig aig dio­far ìrean aig daoine am measg luchd-obrach agus buill bòrd ÙPN­MR. Gid­headh, nì sinn sgrùdadh sgilean is seirb­he­isean cànain taobh a‑staigh ciad bhliadhna a’ Phlana, rud a chuidi­cheas sinn bun-loidhne a stèid­heachadh a chleach­das sinn gus adhartas a sgrùdadh.

S e aon phrìomh dhealas den Phlana Ghàidh­lig gun dèan sinn suirb­hidh gus faighinn a‑mach cia mheud neach-obrach a tha ann aig a bheil comas Gàidh­lig a labhairt, a leughadh agus/​no a sgrìobhadh, agus cuideachd cia mheud aig a bheil ùidh ann a bhith ga h‑ionnsachadh. Lei­gidh am fios­rachadh seo leinn feum a chur air, agus cur ri, sgilean an luchd-obrach a th’ againn an-dràsta agus cuideachd ìre chleach­daidh na Gàidh­lig am measg ar luchd-obrach a dhaingneachadh.

Bidh ÙPN­MR a’ maoineachadh is a’ ruith grunn phròiseact­an, chùr­saichean trèanaidh agus thachartas­an a chuire­as air adhart is a lea­saicheas is a chuireas

×

We want your feedback

Thank you for visiting our new website. We'd appreciate any feedback using our quick feedback form. Your thoughts make a big difference.

Thank you!