Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh - Plana Gàidhlig 2018-22
Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Plana Gàidhlig 2018 — 2022
CAIRNGORMS NATIONAL PARK AUTHORITY ÙGHDARRAS PAIRC NÀISEANTA A’ MHONAIDH RUAIDH
Grantown-on-Spey MUSEUM TAIGH-TASGAIDH BAILE NAN GRANNDACH
GLENSHEE Glenshee Ski Centre Sgitheadh aig Gleann Sìth Café + Shop Cafaidh + Bùth Ticket Office Oifis Thiogaidean Equipment Hire Uidheam air Mhal Ski School Sgoil Sgithidh
Foillsichte le Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 14 A’ Cheàrnag Baile nan Granndach PH26 3HG Fòn: 01479 873535 Post‑d: enquiries@cairngorms.co.uk www.cairngorms.co.uk Tha an sgrìobhainn seo ri faighinn ann an clò mòr agus cruthan eile ma thèid seo iarraidh. Cuir fios gu Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air 01479
- Tha i ri fhaighinn air www.cairngorms.co.uk cuideachd. Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 2018. Gach còir glèidhte. ISBN 978−1−906071−89−9 Creideas nan dealbhan: Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh; Angus Findlay; VisitScotland/Jakub Iwanicki
Clàr-innse
Taobh-duilleig Facal-toisich 4 Ro-ràdh 5 Cùl-fhiosrachadh mu Ùghdarras Pàirc 5 Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Geàrr-chunntas mun Ghàidhlig ann an Alba Gàidhlig taobh a‑staigh sgìre Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 6 6 In-sgrùdadh air comas cànain 8 Am Plana Gàidhlig anns an Structar Chorporra A’ bhuaidh aig planadh is poileasaidh air a’ Ghàidhlig Ag àbhaisteachadh na Gàidhlig ann an Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh ।। 13 13 Ruaidh Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 13 Prìomhachasan nàiseanta Riaghaltas na 19 h‑Alba Prìomhachasan Riaghaltais Ionadail 20 Prìomhachasan Plana Com-pàirteachais 20 Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Gealltanasan a’ Phlana 21 Gealltanasan àrd-ìre 21 Gealltanasan a thaobh bun-tomhasan 21 seirbheis Buileachadh agus Sgrùdadh 22 Clàr-ama 22 A’ foillseachadh a’ Phlana 22 Sanasachd airson a’ Phlana 22 Goireasachadh a’ Phlana 22 A’ sgrùdadh a’ Phlana 22 Fios conaltraidh 23 Earr-ràdh 1: Gealltanasan Àrd-ire 24 Earr-ràdh 2: Gealltanasan a thaobh 35 Bun-tomhasan Seirbheis Earr-ràdh 3: In-sgrùdadh air comas cànain aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 38
4 Plana Gàidhlig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 2018 — 2022 Facal-toisich Bha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn air feadh sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh agus tha i fhathast ga bruidhinn san sgìre san latha an-diugh. Tha an cànan gu math follaiseach san sgìre cuideachd, le tòrr mòr ainmean-àite Gàidhlig ann. Tha luchd- tadhail, agus gu h‑àraid an fheadhainn le sinnsirean Albannach, gu mòr airson Gàidhlig fhaicinn/chluinntinn fhad ‘s a tha iad ann an Alba, agus tha am Monadh Ruadh a’ toirt deagh chothrom do dhaoine sin a dhèanamh tron dualchas agus tro na cruthan-tìre againn. Tha muinntir Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ cur làn-fhàilte air a’ Ghàidhlig cuideachd. San latha an-diugh, tha comas Gàidhlig air choireigin aig trì sa cheud de shluagh na pàirce — tha seo dà uiread cho mòr ris a’ chuibheas nàiseanta. Tha dualchainntean Gàidhlig Shrath Spè agus Bhàideanach ann an cleachdadh cunbhalach le ceithir àiteachan a’ toirt seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha beairteas de cheòl Ghàidhealach, iomain agus mìneachadh air dualchas sna coimhearsnachdan. Tha àite cudromach aig a’ Ghàidhlig ann an libhrigeadh amasan fad-ùine na Pàirce Nàiseanta: • Glèidhteachas: àite sònraichte airson daoine is nàdar far a bheil dualchas agus dualchas nàdarra air an neartachadh; • Na dh’fhiosraicheas an Luchd-tadhail: daoine a’ faighinn tlachd às a’ phàirc tro thursan air leth is ionnsachadh air leth; • Leasachadh dùthchail: eaconamaidh seasmhach a tha a’ cumail taic ri gnìomhachasan agus coimhearsnachdan soirbheachail. Tha mi fior thoilichte gu bheil an dàrna Plana Gàidhlig againn airson 2018 — 2022, a chaidh a chruthachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) a’ cur an cèill dealas Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh airson na Gàidhlig agus na tha e a’ cur ri leasachadh a’ chànain. Peter Argyle Neach-gairm Bòrd Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
5 www.cairngorms.co.uk Ro-ràdh Cùl-fhiosrachadh mu Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh anns a’ Mhàirt 2003 agus thòisich obair Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh an uair sin — fhuair e na cumhachdan reachdail uile aige air I Sultain 2003.Tha sinn air ar dealbhadh airson a bhith nar bhuidheann a chuireas rudan an comas, a’ brosnachadh obair com-pàirteachais, agus a’ toirt ceannas do na com-pàirtichean uile a tha an sàs ann an stiùireadh na Pàirce. Cha bhi sinn a’ dùblachadh obair bhuidhnean eile, mar eisimpleir, na buidhnean iomairt no Dualchas Nàdair na h‑Alba, ach tha sinn an seo airson dèanamh cinnteach gu bheil dòigh-obrach cheangailte ann airson pròiseactan is iomairtean a tha a’ cuideachadh gus na ceithir amasan aig a’ Phàirc a chur an gnìomh, is iad sin: • • • • a bhith a’ glèidheadh is a’ cur ri dualchas agus dualchas nàdarra na sgìre; a bhith a’ brosnachadh cleachdadh seasmhach de stòrasan nàdarra na sgìre; gus tuigse agus tlachd a bhrosnachadh (a’ gabhail a‑steach tlachd tro chur- seachad) ann am feartan sònraichte na sgìre leis a’ phoball; a bhith a’ brosnachadh leasachadh eaconamach agus sòisealta coimhearsnachdan an àite. ‘S iad na dleastanasan reachdail againn planadh agus leasachadh, ruigsinneachd a‑muigh agus a bhith a’ cruthachadh Plana Leasachaidh Ionadail agus Plana Com- pàirteachais Pàirc Nàiseanta airson Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha raointean obrach eile mar eisimpleir leasachadh eaconamach, seirbheisean nam maor-dùthcha, ionadan fiosrachaidh luchd-tadhail, soidhnichean slighe agus mìneachadh air an libhrigeadh tro obair com-pàirteachaidh. Mar eisimpleir, cha bhi sinn a’ fastadh maoir-dhùthcha, an àite sin bidh sinn a’ maoineachadh sheirbheisean maoir sa Phàirc agus ag obair còmhla riutha. Ann am foghlam bidh sinn a’ cumail taic ri còig Ùghdarrasan Ionadail (Siorrachd Obar Dheathain, Aonghas, Comhairle na Gàidhealtachd, Moireibh agus Peairt is Ceann Rois) agus ri Foghlam Alba gus pròiseactan a chur air dòigh a chuidicheas iad gus an Curraicealam airson Sàr- mhathais agus leasachadh proifeiseanta leantainneach a libhrigeadh. Tha sinn cuideachd a’ dèanamh gealltanasan soilleir mu na bhios sinn (Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh) a’ libhrigeadh mar bhuidhinn chorporra a thaobh a’ Phlana Ghàidhlig, agus obrachaidh sinn le, agus aontaichidh sinn ri, com-pàirtichean dè thèid a’ libhrigeadh ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a thaobh na Gàidhlig. Tha mu 70 luchd-obrach aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh cho math ri 19 buill den bhòrd. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h‑Alba agus bidh Riaghaltas na h‑Alba a’ taghadh seachdnar de na buill bùird againn. Tha seachdnar bhall eile den bhòrd air an ainmeachadh dhan bhòrd leis na còig comhairlean anns a’ Phàirc — Siorrachd Obar Dheathain (2), Aonghas (1), a’ Ghàidhealtachd (2), Moireibh (1) agus Peairt is Ceann Rois (1) — agus chaidh còig a thaghadh gu h‑ionadail. Tron bhòrd againn, tha sinn cunntachail dhan
6 Plana Gàidhlig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 2018 — 2022 Mhinistear agus mar sin do Phàrlamaid na h‑Alba. Tha oifisean aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ann am Baile nan Granndach agus Bealadair. Geàrr-chunntas mun Ghàidhlig ann an Alba Tha Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig na pàirt bunaiteach de dhualchas, fèin-aithne is cultar na h‑Alba agus na Pàirce. Tha sinn ag aontachadh ri amasan ro-innleachdail Plana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig agus tha sinn air na structaran is iomairtean a chur air dòigh a tha a dhìth gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach ann an Alba agus ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh san àm ri teachd. Tha sin ag aithneachadh gu bheil suidheachadh na Gàidhlig anabarrach cugallach agus ag aithneachadh ma tha Gàidhlig gu bhith air a h‑ath-bheothachadh mar chànan beò ann an Alba, gu bheil feum air oidhirp cho-phàirteach aig an riaghaltas, na roinnean poblach is prìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd- labhairt fa leth gus: • cur ri inbhe na Gàidhlig • • ionnsachadh is togail na Gàidhlig a bhrosnachadh barrachd cleachdadh den Ghàidhlig a bhrosnachadh Is e an sgrìobhainn seo Plana Gàidhlig Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chaidh a dheasachadh taobh a‑staigh frèam Achd na Gàidhlig (Alba)
- Tha i a’ cur an cèill mar a chleachdas sinn Gàidhlig san obair againn agus mar a nì sinn cleachdadh na Gàidhlig comasach nuair a bhios sinn a’ conaltradh ris a’ phoball is ris na prìomh chom-pàirtichean againn, agus mar a bhrosnaicheas agus a leasaicheas sinn a’ Ghàidhlig. Chaidh a chur ri chèile a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd 2005, le mothachadh air Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2018- 2023 is air an Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig. Gàidhlig taobh a‑staigh sgìre Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ‘S e Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ Phàirc Nàiseanta as motha san RA le meudachd de 4,528km ceàrnagach, le sluagh de chòrr is 18,000 neach- còmhnaidh, agus i a’ gabhail a‑steach còig sgìrean ùghdarrais ionadail: • • • • • Siorrachd Obar Dheathain Siorrachd Aonghais A’ Ghàidhealtachd Moireibh Peairt is Ceann Rois Tha eachdraidh bheartach aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a thaobh chànanan is dualchais. Thàinig a’ Ghàidhlig gu bhith na phrìomh chànan ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh còrr is 1,000 bliadhna air ais (a’ gabhail àite cànan is dualchas nan Cruithneach) agus air sgàth sin tha a’ mhòr-chuid de na h‑ainmean- àite anns a’ Phàirc nan ainmean Gàidhlig bho thùs. Ach, anns an 18mh is 19th linn, dh’fhàs tòrr dhaoine ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh dà-chànanach agus a’ Bheurla-Ghallda aca a bharrachd air a’ Ghàidhlig. Air taobh an ear na Pàirce, tha dualchainnt Doric an àite ga bruidhinn gu farsaing agus tha e a’ cur ri dualchas is eachdraidh an àite. A rèir cunntas-sluaigh 2011, bha comas aig 657 daoine aig aois 3 no sine Gàidhlig a bhruidhinn, leughadh agus/no a thuigsinn (3.6 sa cheud de shluagh
7 www.cairngorms.co.uk na Pàirce agus 0.8 sa cheud de luchd- labhairt iomlan na Gàidhlig); thuirt 146 gum biodh iad a’ cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh (0.8% de shluagh na Pàirce agus cha mhòr cairteal de luchd labhairt na Gàidhlig anns an sgìre). Tha a’ mhòr- chuid de na daoine aig a bheil Gàidhlig a’ fuireach ann am Bàideanach agus Srath Spè. A rèir fiosrachaidh a dheasaich Bòrd na Gàidhlig a thaobh na bliadhna sgoile 2016 – 17, bha sgoilearan ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na sgoil-àraich is nan trath bhliadhnaichean agus 32 sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhun- sgoil ann am Baile Ùr an t‑Slèibh. Bha cuideachd 10 sgoilear ann a bha fileanta sa Ghàidhlig a bha ag ionnsachadh tro mheadhan a’ chànain ann an Àrd-sgoil Cheann a Ghiùthsaich. ‘S i a’ Ghàidhlig an dàrna cànan a tha ga theagasg do luchd- ionnsachaidh ann am Bun-sgoil Bhaile nan Granndach. Tha grunn chompanaidhean agus buidhnean saor-thoileach Gàidhlig ag obair anns a’ Phàirc, no faisg oirre, a tha a’ tairgse sheirbheisean Gàidhlig no seirbheisean cultarach na Gàidhlig (tha cuid aca a’ faighinn taic agus/no pàirt mhaoineachadh bho Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh).Am measg nam buidhnean saor-thoileach anns a’ Phàirc, tha Sinne (Buidheann Ghàidhlig Shrath Spè is Bhàideanach)a bhios a’ toirt seachad tachartasan ionnsachaidh is coinneachaidh airson luchd-ionnsachaidh is fileantaich na Gàidhlig agus ‘Gàidhlig anns a’ Phàirc’, buidheann iomairt Ghàidhlig. Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ maoineachadh grunn de na gnìomhan agus cùrsaichean tro Bhuidheann Gnìomha LEADER a’ Mhonaidh Ruaidh airson pròiseact Spòrs Gàidhlig aig Comunn na Gàidhlig, a’ cruthachadh cothrom gus cùrsaichean a‑muigh tron Ghàidhlig agus cùrsaichean Gàidhlig a libhrigeadh. Tha sinn cuideachd air grunn chùrsaichean mothachaidh Gàidhlig a ruith tro Phròiseact Trèanaidh Stiùireadh an Fhearainn airson a’ phobaill, buill a’ bhùird agus luchd-obrach. A thaobh na h‑Alba air fad, b’ e 87,056 (1.9% de shluagh na h‑Alba) an àireamh iomlan de dhaoine aois trì no nas sine a chaidh a chlàradh le comas Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh agus/no a thuigsinn ann an cunntas-sluaigh 2011. Den fheadhainn sin, b’ e an àireamh iomlan de dhaoine a bha comasach air Gàidhlig a bhruidhinn 57,602 (1.1% de shluagh na h‑Alba). Ged a lean an crìonadh anns an àireimh de dhaoine aig a bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh, chaidh an àireamh de dhaoine a tha comasach air Gàidhlig a bhruidhinn agus cuideachd Gàidhlig a leughadh is a sgrìobhadh an àirde a‑rithist eadar 2001 agus 2011, rud a tha a’ sealltainn, a rèir coltais, gu bheil litearrachd sa Ghàidhlig a’ fàs agus gus bheil barrachd luchd- ionnsachaidh Gàidhlig ann. Chaidh an àireamh de dhaoine òga fo aois 25 aig an robh Gàidhlig am meud cuideachd eadar 2001 agus 2011. Chan eil figear ùghdarrasail ann airson an àireamh de luchd-ionnsachaidh inbheach nach eil fileanta fhathast. Ach, fhuair an sgrùdadh bliadhnail aig Bòrd na Gàidhlig ann an 2016 a‑mach gun robh mu 3,467 ann an Alba. Tha mu 4,500 sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun- sgoile is na h‑àrd-sgoile aig an ìre seo, le 1,000 a bharrachd ann an sgoiltean-
8 Plana Gàidhlig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 2018 — 2022 àraich tro mheadhan na Gàidhlig. Ann am Foghlam tro mheadhan na Beurla, tha mu 3,000 sgoilear a’ dèanamh na Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil gach bliadhna eadar SI agus S6. Bidh tòrr chloinne ann an sgoiltean tro mheadhan na Beurla ag ionnsachadh na Gàidhlig mar Chànan 2 no Cànan 3 gach bliadhna. (Bho: Sgrùdadh bliadhna Bhòrd na Gàidhlig) Ge b’ e dè na h‑àireamhan iomlan a th’ ann de luchd-labhairt na Gàidhlig, tha- thar an dùil gun lean na treandaichean de dh’àrdachadh ann an litearrachd, barrachd luchd-ionnsachaidh fileanta agus fàs ann an FtG, a’ ciallachadh barrachd fèill air seirbheisean. In-sgrùdadh air comas cànain Bidh Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ dèanamh sgrùdadh bliadhnail air a’ chomas Ghàidhlig taobh a‑staigh na buidhne agus chaidh feart a thoirt air toradh an sgrùdaidh seo nuair a bhathar a’ cruthachadh gheallaidhean a’ Phlana seo, agus chuidich an sgrùdadh sinn gus co-dhùnadh mar a bhiodh sinn a’ stèidheachadh, a’ glèidheadh no a’ leasachadh chleachdaidhean gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, fèin- aithne is cultar na h‑Alba agus na Pàirce, agus tha sinn air aontachadh mar-thà grunn gnìomhachdan a dhèanamh le luchd-obrach, com-pàirtichean agus leis a’ phoball, a bhios a’ cur air adhart Gàidhlig agus a cultar. Tha na h‑oifisean againn a’ taisbeanadh an dealais a th’ againn agus a’ togail aire mun Ghàidhlig. Tha na bùird- brath ann an Oifis Bhaile nan Granndach a’ cleachdadh an t‑suaicheantais dhà- chànanaich agus beagan teacsa tòiseachail sa Ghàidhlig, agus tha glèidheadair nam bileagan a’ cleachdadh a’ bhrannd dhà- chànanaich agus bidh lethbhreacan de bhileag nan Ainmean-àite ann. Tha an sgrùdadh bliadhnail againn air comas Gàidhlig a’ sealltainn nach eil luchd-obrach sam bith againn a tha fileanta no adhartach anns a’ Ghàidhlig, a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig no aig a bheil comasan Gàidhlig a leughadh is a sgrìobhadh. Ach, thuirt 50% den luchd- obrach gum biodh ùidh aca ann a bhith a’ togail sgilean Gàidhlig. Bidh Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a’ maoineachadh agus a’ ruith grunn phròiseactan, cùrsaichean trèanaidh agus tachartasan a bhios a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig agus a cultar, an dà chuid airson luchd-obrach agus airson a’ phobaill. Tha sinn a’ tairgse trèanadh Gàidhlig tro dhiofar phrògraman, a’ gabhail a‑steach Pròiseact Trèanaidh Stiùireadh an Fhearainn agus a’ maoineachadh cùrsa mothachaidh Gàidhlig airson luchd-obrach agus airson a’ bhùird. B’ e cùrsa leth-latha a bha seo, a thog aire mun Ghàidhlig agus a chomharraich a h‑àite anns a’ Phàirc. Bithear a’ tairgse trèanadh agus ionnsachadh na Gàidhlig do luchd-obrach tron t‑siostam measaidh againn agus cumaidh sinn oirnn a bhith a’ brosnachadh is a’ tairgse nan cothroman seo nuair a dh’èiricheas iad. Chaidh stiùireadh mun Ghàidhlig a thoirt dhan luchd-obrach air fad, a’ gabhail a‑steach stiùireadh mu bhith a’ dèiligeadh ri ceistean a gheibhear sa Ghàidhlig gus taic is misneachd a thoirt do luchd-obrach a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Gu ruige seo, tha sinn air dèiligeadh ri dà cheist
9 www.cairngorms.co.uk anns a’ Ghàidhlig agus fhreagair sinn iad taobh a‑staigh nan amannan freagairt àbhaisteach againn. Tha am poileasaidh fastaidh is taghaidh ag ràdh: ‘Bu chòir eòlas air cànanan traidiseanta na Pàirce mar a’ Ghàidhlig a bhith na bhuannachd far am bi e na chuideachadh gus cur gu h‑èifeachdach ri amasan Plana Com-pàirteachais na Pàirc Nàiseanta. Far a bheil ìre shònraichte de sgilean Gàidhlig mar phàirt den tuairisgeul obrach, bu chòir an dreuchd a bhith air a sanasachd gu dà-chànanach. Gu ruige seo, chaidh sia obraichean a shanasachd far an robh Gàidhlig na buannachd, ach cha robh tagraiche sam bith ann aig an robh Gàidhlig. Cha deach obair sam bith a shanasachd mar ‘Ghàidhlig riatanach’ oir cha robh obair sam bith ann far an robh seo riatanach. Tha sgrùdadh air comasan Gàidhlig air a bhith mar phàirt de dh’fhoirmean iarrtais airson obraichean bhon Chèitean 2015. Tha suaicheantas corporra dà-chànanach ùr aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a tha a’ nochdadh spèis cho-ionnan agus tha e ga chleachdadh air na foillseachaidhean corporra, duilleagan lìn, litrichean, bileagan buidheachais agus cairtean gnìomhachais againn. Tha a’ bhileag againn mu Ainmean-àite Gàidhlig a’ cuideachadh luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail gus tuigse fhaighinn air dè na h‑ainmean-àite a thàinig bhon Ghàidhlig agus na tha iad a’ ciallachadh. Tha fèill mhòr air a bhith air seo agus tha sinn air iomadh ath-bhreacadh a dhèanamh oirre airson sgaoileadh air feadh na Pàirce Nàiseanta. Bidh ro-ràdh sa Ghàidhlig anns na foillseachaidhean reachdail is poileasaidhean uile againn. Tha a brannd fhèin aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Tha seo eadar- dhealaichte ris an t‑suaicheantas chorporra aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus tha seo mar phàirt den dearbh-aithne aig a’ Phàirce Nàiseanta seach aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha dearbh-aithne brannd stanndardach (suaicheantas) ann a bharrachd air dreach dà-chànanach (a chaidh a leasachadh ann an 2015) agus tha sinn air seo a chleachdadh ann an grunn phròiseactan, nam measg comharran inntrigidh, an làrach-lìn againn agus stuthan mìneachaidh. Tha uallach iomlan air bòrd Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh airson brannd na Pàirce agus faodaidh duine sam bith a chleachdadh ma dh’aontaicheas iad ris an stiùireadh ann an Cairt a’ Bhrannd. Tha a’ Ghàidhlig ga comharrachadh tron tionndadh dhà-chànanach den dearbh- aithne brannd againn air feadh na Pàirce. Tha e air a chleachdadh air grunn diofar comharraichean air na slighean a‑steach dhan Phàirc, agus air panoramathan (tha an dà chuid air an dèanamh is air am maoineachadh le Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh). Tha fàilte agus beagan teacsa sa Ghàidhlig air na panoramathan a tha air an taisbeanadh ann an ionadan nam maor-dùthcha agus ionadan fiosrachaidh luchd-tadhail cho math ris an fheadhainn ann an coimhearsnachdan. Chithear an tionndadh Gàidhlig den bhrannd ann an àiteachan air feadh na Pàirce agus bidh sinn a’ toirt seachad comhairle agus taic gus barrachd cleachdadh den Ghàidhlig a bhrosnachadh nuair a bhios seo iomchaidh. Bidh sin a’ cumail sùil air agus a’ measadh nan gnìomhachdan Gàidhlig uile, a’
10 Plana Gàidhlig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh 2018 — 2022 gabhail a‑steach stuthan corporra agus soidhnichean Gàidhlig agus dà-chànanach, foillseachaidhean, susbaint lìn, st