Saltraibh gu h-aotrom sa Phàirc - Gaelic/Ghàidhlig
Cairngorms National Park
Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
Saltrabih gu h‑aotrom sa Phàirc
ìomhaigh còmhdaich © Rachel Keenan
Feuchaibh nach las sibh teine campa sa Phàirc Nàiseanta
Tha fearann coillteach agus mòinteach a’ Mhonaidh Ruaidh cudromach gu h‑eadar-nàiseanta agus gabhaidh teine annta gu furasta. Fòghnaidh aon sradag gus teine fiadhaich a thòiseachadh le tuiteamas, agus thèid àrainnean a mhilleadh agus fiadh-bheatha a mharbhadh. Cleachdaibh stòbha gas airson còcaireachd gus teintean fiadhaich a bhacadh.
[Image of a mountain]
Tha am Pàirc mar dhachaigh don àrainn as motha de fhearann coillteach dùthchasach ann am Breatainn. Gun lasadh teine, bidh sibh a’ cuideachadh gus sin a ghlèidheadh. Ughdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
Thoiribh leibh taod agus bithibh moth-achail ma thathar a’ gabhail sgrìob le cù
Ann an sgìrean far am faighear eòin grunnd-neadachaidh, eadar an Giblean agus an Lùnastal, feuchaibh gun cùm sibh an cù agaibh air taod goirid no gu do chois. Ann an sgìrean le fiadh-bheatha dìonta, leanaibh stiùireadh nan soidhnichean agus cùmaibh an cù agaibh air taod far a bheilear ga iarraidh. Air fearann-tuathanais, cùmaibh air astar bhon sprèidh agus na leigibh an cù agaibh ann an achaidhean far a bheil beathaichean òga ann.
[Image of a bird]
Nuair a tha eòin grunnd-neadachaidh air an claoidh, bidh na h‑uighean / iseanan ann an cunnart bho shealgairean. Faodaibh sibh cuideachadh gus seo a bhacadh le bhith a’ cumail a’ choin agaibh air taod. Curracag Mark Ranner
Faodaidh sibh cuideachadh gus am Monadh Ruadh a chumail sònraichte le bhith a’ mealadh a’ bhlàir a‑muigh gu cùramach, a’ toirt spèis air daoine eile agus a’ gabhail cùram den àrainneachd. Feuchaibh gun lean sibh an stiùireadh sa bhileig seo, a bharrachd air soidhnichean sam bith air an làraich agus comhairle bho mhaoir-dùthcha. Dh’fhaodte gum bi diofar stiùireadh ann aig diofar làraichean.
Tha na còraichean cothruim agus dleastanasan agaibh air am mìneachadh ann an Còd Slighean Dùthchail na h‑Alba.
SCOTTISH OUTDOOR ACCESS CODE
Link to outdooraccess-scotland.scot Link to cairngorms.co.uk
Na fàgaibh àileadh ma thathar a’ campachadh air a’ bhlàr
Campaichibh pìos air falbh bho thogalaichean, rathaidean, slighean, làraichean eachdraidheil. Dèanaibh cinnteach nach eil sibh a’ cur dragh air fiadh-bheatha no air daoine eile. Campaichibh ann an grunnan beaga, agus togaibh oirbh an dèidh dhà no trì oidhcheannan. Cleachdaibh stòbha gas airson còcaireachd (gun teine campacaidh, mas e ur toil e!) agus thoiribh air falbh a h‑uile àileadh den phids campa agaibh, a’ gabhail a‑steach sgudal.
[Image of a field with a forest in the background]
Mura fàg sibh àileadh sam bith, bidh sibh a’cluiche pàirt gus am Monadh Ruadh a ghlèidheadh mar àite sònraichte a dh’fhaodas a h‑uile duine a mhealadh. VisitScotland / Damian Shields
Nuair a dh’fheumas sibh dol, rachaibh air falbh bho uisge
Cleachdaibh taigh-beag poblach ma tha a leithid ann. Mura bheil, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh co-dhiù 30 meatair air falbh bho lochan, aibhnichean agus uillt agus air falbh bho thogalaichean is slighean. Cladhaichibh toll agus adhlaicibh sgudal cruaidh, thoiribh air falbh pàipear ionnlaid no tubhailt-mhìosail sam bith.
[Image of a lake]
Tha uisgeachan neo-thruaillte agus talamh fliuch a’ Mhonaidh Ruaidh mar thèarmann airson fiadh-bheatha. Is urrainn dhuibh cuideachadh an cumail mar sin. Liam Anderstrem
Thoiribh spèis do luchd-cleachdaidh eile an uisge
Ma tha sibh ann an canù no a’ padaigeadh no a’ snàmh san uisge, cuimhnichibh gu bheil lochan is aibhnichean gan co-phàirteachadh le fiadh-bheatha is iasgairean-slaite. Thoiribh rùm do fhiadh-bheatha agus seachnaibh àrainnean neadachaidh, m.e. eileanan is bàghan le fàs-bheatha. Leanaibh soidhnichean ionadail mu dheidhinn raointean-glèidhteachais sònaichte no cuibhreachaidhean ràitheil.
Bithibh toinisgeil a thaobh barbecues
Tha barbecues aon-turais so-chaitheamh a’ dèanamh cron air an àrainneachd, tha cunnart mòr ann gun adhbharaich iad teine agus faodaidh iad dochann a dhèanamh air daoine is fiadh-bheatha mura bheilear a’ faighinn cuidhteas dhiubh gu cùramach. Feuchaibh nach cleachd sibh iad sa Phàirc Nàiseanta.
Tapadh leibh airson cuideachadh gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus am fiadh-bheatha sònraichte a th’ ann a dhìon. Tadhlaibh air cairngorms.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.