Skip to content
Please be aware the content below has been generated by an AI model from a source PDF.

Saltraibh gu h-aotrom sa Phàirc - Gaelic/Ghàidhlig

Cairngorms Nation­al Park

Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Saltrabih gu h‑aotrom sa Phàirc

ìom­haigh còm­h­daich © Rachel Keenan

Feuchaibh nach las sibh teine campa sa Phàirc Nàiseanta

Tha fear­ann coill­teach agus mòin­teach a’ Mhon­aidh Ruaidh cudromach gu h‑eadar-nàiseanta agus gabhaidh teine annta gu furas­ta. Fògh­naidh aon srad­ag gus teine fiadha­ich a thòiseachadh le tuitea­mas, agus thèid àrain­nean a mhilleadh agus fiadh-bheatha a mhar­bhadh. Cleach­daibh stòbha gas air­son còcaire­achd gus tein­tean fiadha­ich a bhacadh.

[Image of a mountain]

Tha am Pàirc mar dha­chaigh don àrainn as motha de fhear­ann coill­teach dùthchas­ach ann am Breatainn. Gun las­adh teine, bidh sibh a’ cuideachadh gus sin a ghlèid­headh. Ugh­dar­ras Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh

Thoiribh leibh taod agus bith­ibh moth-achail ma thath­ar a’ gabhail sgrìob le cù

Ann an sgìrean far am faig­hear eòin grunnd-neada­chaidh, eadar an Giblean agus an Lùnastal, feuchaibh gun cùm sibh an cù agaibh air taod goirid no gu do chois. Ann an sgìrean le fiadh-bheatha dìonta, leanaibh stiùire­adh nan soidh­nichean agus cùmaibh an cù agaibh air taod far a bheilear ga iar­raidh. Air fear­ann-tuath­anais, cùmaibh air astar bhon sprèidh agus na lei­gibh an cù agaibh ann an achaid­hean far a bheil beath­a­ichean òga ann.

[Image of a bird]

Nuair a tha eòin grunnd-neada­chaidh air an claoidh, bidh na h‑uighean / iseanan ann an cun­nart bho sheal­gaire­an. Faodaibh sibh cuideachadh gus seo a bhacadh le bhith a’ cumail a’ choin agaibh air taod. Cur­racag Mark Ranner

Faodaidh sibh cuideachadh gus am Mon­adh Ruadh a chu­mail sòn­raichte le bhith a’ meal­adh a’ bhlàir a‑muigh gu cùramach, a’ toirt spèis air daoine eile agus a’ gabhail cùram den àrain­neachd. Feuchaibh gun lean sibh an stiùire­adh sa bhileig seo, a bhar­rachd air soidh­nichean sam bith air an làraich agus com­hairle bho mhaoir-dùthcha. Dh’fhaodte gum bi dio­far stiùire­adh ann aig dio­far làraichean.

Tha na còraichean cothruim agus dleastanas­an agaibh air am mìneachadh ann an Còd Slighean Dùth­chail na h‑Alba.

SCOT­TISH OUT­DOOR ACCESS CODE

Link to outdooraccess-scotland.scot Link to cairngorms​.co​.uk

Na fàgaibh àileadh ma thath­ar a’ cam­pachadh air a’ bhlàr

Cam­paichibh pìos air falbh bho thogalaichean, rath­aidean, slighean, làraichean each­draid­heil. Dèanaibh cin­nteach nach eil sibh a’ cur dragh air fiadh-bheatha no air daoine eile. Cam­paichibh ann an grun­nan beaga, agus togaibh oirbh an dèidh dhà no trì oid­hchean­nan. Cleach­daibh stòbha gas air­son còcaire­achd (gun teine cam­pa­caidh, mas e ur toil e!) agus thoiribh air falbh a h‑uile àileadh den phids campa agaibh, a’ gabhail a‑steach sgudal.

[Image of a field with a forest in the background]

Mura fàg sibh àileadh sam bith, bidh sibh a’cluiche pàirt gus am Mon­adh Ruadh a ghlèid­headh mar àite sòn­raichte a dh’fhaodas a h‑uile duine a mheal­adh. Vis­itScot­land / Dami­an Shields

Nuair a dh’fheumas sibh dol, rachaibh air falbh bho uisge

Cleach­daibh taigh-beag poblach ma tha a leith­id ann. Mura bheil, dèanaibh cin­nteach gu bheil sibh co-dhiù 30 meatair air falbh bho lochan, aibh­nichean agus uillt agus air falbh bho thogalaichean is slighean. Cladha­ichibh toll agus adh­la­icibh sgud­al cru­aidh, thoiribh air falbh pàipear ionnlaid no tubhailt-mhìo­sa­il sam bith.

[Image of a lake]

Tha uis­geachan neo-thru­aill­te agus talamh fliuch a’ Mhon­aidh Ruaidh mar thèar­mann air­son fiadh-bheatha. Is urrainn dhuibh cuideachadh an cumail mar sin. Liam Ander­str­em

Thoiribh spèis do luchd-cleach­daidh eile an uisge

Ma tha sibh ann an canù no a’ padaigeadh no a’ snàmh san uisge, cuim­h­nichibh gu bheil lochan is aibh­nichean gan co-phàirteachadh le fiadh-bheatha is ias­gaire­an-slaite. Thoiribh rùm do fhi­adh-bheatha agus seach­naibh àrain­nean neada­chaidh, m.e. eileanan is bàghan le fàs-bheatha. Leanaibh soidh­nichean ion­a­dail mu dheidhinn raoin­tean-glèid­htea­chais sònaichte no cuibhreachaid­hean ràitheil.

Bith­ibh toin­is­geil a thaobh barbecues

Tha bar­be­cues aon-turais so-chaitheamh a’ dèanamh cron air an àrain­neachd, tha cun­nart mòr ann gun adhbharaich iad teine agus faodaidh iad dochann a dhèanamh air daoine is fiadh-bheatha mura bheilear a’ faighinn cuid­hteas dhi­ubh gu cùramach. Feuchaibh nach cleachd sibh iad sa Phàirc Nàiseanta.

Tapadh leibh air­son cuideachadh gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhon­aidh Ruaidh agus am fiadh-bheatha sòn­raichte a th’ ann a dhìon. Tadh­laibh air cairngorms​.co​.uk air­son tuilleadh fiosrachaidh.

×

We want your feedback

Thank you for visiting our new website. We'd appreciate any feedback using our quick feedback form. Your thoughts make a big difference.

Thank you!