A’ comharrachadh Dualchas Cultarail a’ Mhonaidh Ruaidh
A’ comharrachadh Dualchas Cultarail a’ Mhonaidh Ruaidh
Tro Mhaoin nan Coimhearsnachdan agus Dualchas Cultarach, tha Urras a’ Mhonaidh Ruaidh air tabhartasan de eadar £2,500 agus £10,000 a thoirt seachad do 10 pròiseactan air feadh na Pàirce Nàiseanta a tha a’ comharrachadh dualchas, ciùird, ealain agus ceòl ionadail.
Am measg nam pròiseactan a fhuair maoineachadh, tha:
- Didseatachadh stuthan tasglainn airson Comann Eachdraidh Ionadail Bhràigh Mhàrr
- Pròiseact gus buill ùra fhastadh do na Duff Highlanders agus gus èididhean a thoirt seachad
- Pròiseact a’ toirt taic do sgoilearan à Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiuthsaich gus bàtaichean traidiseanta a dhealbhadh, a thogail agus a chur air bhog, nam measg canù, caidheag agus currach Spè.
- Taisbeanadh mu obair-aodaich ann an Srath Spè, a’ gabhail a-steach dualchas breabadaireachd na sgìre.
Thèid tabhartas a bharrachd de £5,000 ainmeachadh nas fhaide air adhart.
Chaidh Maoin nan Coimhearsnachdan agus Dualchas Cultarach a chur air bhog as t-foghar an uiridh, mar chom-pàirteachas eadar Urras a’ Mhonaidh Ruaidh agus Ùghdarras na Pàirce, a chur air bhog an-uiridh, le £50,000 ri thoirt seachad. Mar thoradh air iarrtas mhòr bho choimhearsnachdan air feadh na Pàirce Nàiseanta, thug Ùghdarras na Pàirce £15,000 a bharrachd seachad às dèidh sin, a’ fàgail gun robh £65,000 ri fhaighinn uile gu lèir.
Uile gu lèir, bha 28 iarrtasan ann dhan sgeama a dh’iarr £170,000 eatorra.
Choinnich bòrd Urras a’ Mhonaidh Ruaidh bho chionn ghoirid gus beachdachadh air na tagraidhean. Thuirt cathraiche Urras a’ Mhonaidh Ruaidh, Karen Derrick, gun robh am bòrd toilichte leis na molaidhean a chaidh a chur air adhart: "Tha leasachadh fo stiùir a' choimhearsnachd air leth cudromach do dh’Urras a' Mhonaidh Ruaidh agus tha e mìorbhaileach fhaicinn gu bheil na coimhearsnachdan air raon cho eadar-mheasgte de mholaidhean a chur air adhart.". Bheir na pròiseactan seo cothrom do luchd-còmhnaidh a’ Mhonaidh Ruaidh chan ann a-mhàin a bhith a’ gleidheadh a’ chultair aca agus a bhith ga chomharrachadh ach cuideachd gus fios mu dheidhinn air a sgaoileadh do luchd-amais nas fharsainge.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn nam pròiseactan seo a’ tighinn gu buil thar na bliadhna a tha romhainn.”
Thuirt Eilidh Todd, Manaidsear Choimhearsnachdan is Leasachadh Dùthchail aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha e brosnachail gu bheil farsaingeachd cho mìorbhaileach de phròiseactan air tighinn air adhart bho choimhearsnachdan. Eadar a bhith a’ gleidheadh agus a’ didseatachadh stuth tasglainn luachmhor agus a bhith a’ toirt taic do dhaoine òga gus sgilean togail bhàtaichean traidiseanta ionnsachadh, tha na h-iomairtean seo a’ sealltainn cho mòr ’s a tha doimhneachd na cruthachalachd agus an dealais gus dualchas cultarail beartach Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chomharrachadh, a ghleidheadh agus a cho-roinn. Bha sinn gu sònraichte toilichte a bhith comasach air suim a bharrachd de dh’airgead a thoirt seachad leis gun robh càileachd agus iomadachd nan tagraidhean cho àrd.”
Thathar an dùil gum bi na pròiseactan uile deiseil ron Ghearran 2027.
Thuirt Fiona Hunter, cathraiche Comann Eachdraidh Ionadail Bhràigh Mhàrr: “’S e buidheann gu math gnìomhach de shaor-thoilich a th’ annainn agus bha sinn den bheachd gum biodh e na bhuannachd dhan làraich-lìn againn beagan ùine a bharrachd a chaitheamh a’ luchdachadh a-nuas cuid den àireamh mhòr de dhealbhan eachdraidheil a tha sinn air an didseatachadh mar-thà.” Tha an làrach-lìn againn air a bhith air-loidhne nas lugha na bliadhna ach tha sinn airson cothrom a thoirt dhan uiread ’s a ghabhas de dhaoine gus sùil a thoirt air an fharsaingeachd de stuth a tha againn. Bidh am maoineachadh seo air leth feumail dhuinn.”
Thuirt Hannah Mitchell, aig IRL Education: “Tha sinn air leth toilichte an taic seo fhaighinn. Bheir am maoineachadh seo cothrom do bhuidhnean de dhaoine òga aig Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiuthsaich obrachadh còmhla ri Seada nam Fear ann am Bàideanach gus bàtaichean traidiseanta a thogail, ceangal a dhèanamh ri dualchas Abhainn Spè, a bhith a’ cur ri misneachd agus sgilean practaigeach agus tòrr spòrs fhaighinn agus iad a’ neartachadh an ceangail ris an àrainneachd ionadail aca.
Alert
Latest from the National Park
Glenmore and Strath Nethy wildfire update, 31 July at 10.30pm
An update from Gavin Miles, Director of Planning and Place at the Park Authority, on the ongoing wildfire situation.
Glenmore and Strath Nethy wildfire update, 30 July at 9.30pm
An update from the scene of the wildfire with the Park Authority's Agricultural Advisor Malcolm Smith.
Public access during wildfire response
The Glenmore and Strath Nethy wildfire has resulted in popular visitor areas, attractions and paths being closed to the public, particularly around the Glenmore and Cairngorm Mountain area.
Relevant alerts
-
There is an ongoing wildfire situation at Glenmore within the Cairngorms National Park. Click here for all the latest. We would encourage members of the public to follow current guidance and be aware that the situation may change.
Due to the this wildfire incident, the following paths and routes are closed:
- All the paths around Loch Morlich, Glenmore and Badaguish are closed.
- The Ryvoan pass is closed, this includes all access to the Green Lochan (Lochan Uaine).
- Routes providing access to Cairngorm, the Northern Corries, Meall a’ Bhuachaille, Strath Nethy and Bynack More should be avoided.
- The Abernethy Forest area to the south of Forest Lodge and towards Ryvoan bothy is closed.