An treas eagran den Phlana Ghàidhlig againn air aontachadh
An treas eagran den Phlana Ghàidhlig againn air aontachadh
Tha Bòrd na Gàidhlig air an treas eagran de Phlana Gàidhlig na Pàirce Nàiseanta aontachadh. Tha am plana ùr, airson 2025-2029, a’ cumail taic ri cleachdadh leantainneach na Gàidhlig agus a bhith ga gleidheadh mar chànan agus cultar gnìomhach taobh a-staigh coimhearsnachdan na Pàirce Nàiseanta.
Tha eachdraidh bheartach aig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a thaobh chànanan is dualchais. Thàinig a’ Ghàidhlig gu bhith na phrìomh chànan ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh còrr is 1,000 bliadhna air ais agus air sgàth sin tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean-àite anns a’ Phàirc Nàiseanta nan ainmean Gàidhlig bho thùs.
Agus iad ag ullachadh a’ Phlana Gàidhlig, chuala Ùghdarras na Pàirce bho chòrr is 400 neach agus buidheann tro cho-chomhairleachadh air-loidhne a mhair sia seachdainean a fhuair a-mach gun robh 90% ag aontachadh leis na prìomhachasan a bhathar a mholadh.
Thuirt Sandy Bremner, Neach-gairm Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig air an eagran as ùire den Phlana Ghàidhlig againn aontachadh, a chaidh a chumadh leis na daoine a tha a’ fuireach agus ag obair an seo sa Phàirc Nàiseanta. Tha a’ Ghàidhlig fighte a-steach ann an dhualchas chultarail is nàdarra na Pàirce Nàiseanta agus tha pàirt bheothail aice ri chluich san àm ri teachd.
“’S e eileamaid chudromach den phlana com-pàirteachaidh làthaireach a th’ ann a bhith a’ cur ri cothroman do dhaoine agus do choimhearsnachdan a bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig agus a cultar agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le ar luchd-obrach, com-pàirtichean agus coimhearsnachdan gus an tachair seo thairis air an ath chòig bliadhna. Tha sinn gu mòr airson dèanamh cinnteach gun tèid luach cultarail is cànanach sònraichte na Gàidhlig do Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh aithneachadh agus comharrachadh gu h-iomlan.”
Tha leudachadh air cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ brosnachadh ìomhaigh fhàbharach dhan Ghàidhlig am measg nam prìomhachasan as cudromaiche. Am measg prìomh eileamaidean a’ phlana tha a bhith:
- A’ cur ri cothroman do dhaoine òga Gàidhlig a bhruidhinn, ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail.
- A’ maoineachadh phròiseactan a tha a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig, ann an com-pàirteachas le Urras a’ Mhonaidh Ruaidh.
- A’ toirt seachad trèanadh ann an Gàidhlig agus a cultar do riochdairean coimhearsnachd, luchd-obrach, maoir agus buill bùird anns a’ Phàirc Nàiseanta.
- A’ comharrachadh na Gàidhlig agus a cultar tro phròiseactan is seanalan na Pàirce Nàiseanta, a’ gabhail a-steach Monadh Ruadh 2030 agus Badenoch: The Storylands.
- A’ brosnachadh chom-pàirtichean air feadh na Pàirce Nàiseanta gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus cultar na Gàidhlig a cho-roinn leis an luchd-amais aca.
Thuirt Jennifer McHarrie Stiùiriche an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha mi toilichte daingneachadh gun do dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig Plana Gàidhlig Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (2025-2029). Bu mhath leam Ùghdarras na Pàirce a mholadh airson an dealas leantainneach dhan Ghàidhlig agus airson mar a co-obraich iad agus iad ag ullachadh an treas deasachadh den phlana. Gur math a thèid leotha le bhith ga chur an gnìomh."
Mar a thachair leis na tionndaidhean mu dheireadh de Phlana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, thèid aithisgean adhartais bliadhnail a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig agus thèid fhoillseachadh air làrach-lìn Ùghdarras na Pàirc.
Gheibhear an treas eagran de Phlana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (2025-2029) air an làraich-lìn againn.
Alert
Latest from the National Park
Glenmore and Strath Nethy wildfire update - 26 July at 8pm
Grant Moir, Chief Executive of the Park Authority, shares an update from the scene of the wildfire in Nethy Bridge.
Glenmore and Strath Nethy wildfire update - 25 July at 11am
A brief update on the Glenmore and Strath Nethy wildfire
Glenmore and Strath Nethy wildfire update - 24 July at 8.30pm
A major incident has been declared as residents of Nethy Bridge are evacuated.
Relevant alerts
-
There is an ongoing wildfire situation at Glenmore within the Cairngorms National Park. Click here for all the latest. We would encourage members of the public to follow current guidance and be aware that the situation may change.
-
Very high fire risk - 15 to 24 July
The Scottish Fire and Rescue Service has issued a very high wildfire warning impacting areas of the National Park on Wednesday 15 until Friday 24 July. If you are out and about in the Cairngorms National Park please observe the following guidance:
- Do not light any fire or barbecue, in line with the new fire byelaw
- Always ensure cigarettes are fully extinguished and take your litter (including glass) away with you
- Enjoy the outdoors responsibly - most wildfires are caused by human activity
- Stay alert - with dry vegetation and warm weather, fires can start easily, spread rapidly, and burn intensely
- If you see a wildfire, dial 999
For further updates on wildfire risk across Scotland, visit the Scottish Fire and Rescue Service website. To find out more about the fire byelaw, and to see your questions answered, visit our fire byelaw page here.