Togail luach £1.2m do nàdar ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
Togail luach £1.2m do nàdar ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh
Tha còig pròiseactan gus cuid de na gnèithean agus na h-àrainnean as luachmhoire ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a dhìon gu bhith a’ faighinn tabhartas de £1.2 millean eatarra bho Mhaoin Ath-bheothachadh Nàdair Riaghaltas na h-Alba.
Dh’ainmich Rùnaire a’ Chaibineit airson Gnìomhachd na Gnàth-shìde agus Cumhachd, Gillian Mhàrtainn BPA, seo agus i air turas gu Coille Àthanagaich ann am Baile nan Granndach an t-seachdain seo far an do choinnich i ris an sgioba a bha an sàs ann am pròiseact gus àireamh seanganan a’ chinn-chaoil àrdachadh. Tha seangan a’ chinn-chaoil air aon de na seangan as teirce san RA, agus tha iad gam meas mar innleadairean eag-shiostam agus tha na neadan aca a’ toirt dachaigh do neo-dhruim-altachain nach lorgar ann an àite sam bith eile san eag-shiostam.
Thuirt a’ Bh-uas Mhàrtainn: “Tha ròl ro-chudromach aig na pàircean nàiseanta againn ann a bhith a’ lìbhrigeadh ar miann àrd-amasach gus bith-iomadachd ath-bheothachadh ro 2045 agus tha am maoineachadh seo na cheum cudromach a dh’ionnsaigh sin.” Bidh e comasach pròiseactan sònraichte is ùr-ghnàthach a thoirt air adhart leis an airgead seo gus cuid de na gnèithean sa chunnart as motha a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd, leithid am pròiseact briodachaidh airson seangan a’ chinn-chaoil – a tha a’ cleachdadh dhòighean nach deach fheuchainn riamh roimhe.
“Tha an duais seo na pàirt den Mhaoin Ath-bheothachadh Nàdair againn, a’ mhaoin nàdair as motha ann an Alba, a tha air a bhith aig cridhe phròiseactan glèidhteachais air feadh na h-Alba fad nan ceithir bliadhna a dh’fhalbh, ag ath-bheothachadh àrainnean agus a’ toirt piseach air àireamhan fiadh-bheatha.”
Chuir Sandy Bremner, cathraiche Bòrd Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidhfàilte air an naidheachd mun mhaoineachadh: “Le 25 sa cheud de na gnèithean anns a’ chunnart as motha san RA a’ fuireach sa Phàirc Nàiseanta, ’s e seo fear de na h-àiteachan as cudromaiche airson glèidhteachas nàdair. Tha a bhith a’ toirt dìon do agus toirt piseach air na h-àrainnean agus nan gnèithean sònraichte seo – a bharrachd air a bhith a’ cur an aghaidh atharrachadh na Gnàth-shìde– aig cridhe Plana Com-pàirteachais Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, agus cuidichidh am maoineachadh a bharrachd seo gus dèanamh cinnteach gu bheil an obair glèidhteachais againn air a cuimseachadh far a bheil am feum as motha oirre, a’ neartachadh ar n-oidhirpean agus a’ cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh phrìomh ghnìomhan air an talamh.”
Bheir an tabhartas bhon Mhaoin Ath-nuadhachadh Nàdair taic cuideachd do dhiofar stiùirichean talmhainn gus eileamaidean de Phlana Èiginn nan Capall-coille a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach ionaltradh chruidh agus robo-gheàrradh ann an sgìrean far a bheil an capall-coille gus piseach a thoirt air an àrainn do na h-eòin. Nuair a bhios an crodh a’ coiseachd mun cuairt agus ag ionaltradh, bidh iad a’ saltairt air an talamh, a’ cruthachadh àrainn a tha freagarrach dhan chapall-coille le claisean eabarach a tha math do na neo-dhruim-altachain agus do na lusan a dh’itheas capaill-choille agus an iseanan
Am measg nam pròiseactan a gheibh buannachd tha obair ath-nuadhachaidh àrainn gus piseach a thoirt air àrainnean far a bheil feusgan neamhnaid fìor-uisge, ro-innleachd ath-bheothachaidh sgìre-uisge Abhainn Dhè, agus a bhith a’ toirt piseach air stoc chraobhan airson craobhan crithinn agus gnèithean dùthchasach beinne.
Latest from the National Park
Historic bridge in Nethy replaced after years of community effort
New bridge over Allt Mòr Burn officially opens
Endangered ant queen found in Royal Deeside
An exciting discovery in Royal Deeside is being hailed as a milestone in the recovery of a critically endangered species.
Digging deep for nature: Speyside High pupils visit Badaguish for tree planting day
Speyside High learners giving back to the community whilst supporting UN Sustainable Development Goals