Na fàg làrach sa Phàirc Nàiseanta - Ghàidhlig/Gaelic 2026
Na fàg làrach sa Phàirc Nàiseanta
Na las teine no barbecue
Gus casg a chur air teintean fiadhaich agus gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus a chruthan-tìre àlainn agus fiadh-bheatha sònraichte a dhìon, tha fo-lagh ràitheil a thaobh teintean an sàs.
Chan fhaodar teine a lasadh no barbeque a chleachdadh eadar 1 Giblean agus 30 Sultain. Tha beagan shaoraidhean ann agus gheibhear fiosrachadh aig cairngorms.co.uk/fires.
Coisich le do chù gu cunntachail
Ann an àiteachan far a bheil eòin a’ neadachadh air an talamh, cùm do chù air iall ghoirid no glè fhaisg ort bhon Ghiblean gus an Lùnastal. Ann an àiteachan far a bheil fiadh-bheatha fo dhìon, lean na tha sgrìobhte air na soidhnichean uile agus cùm do chù air iall far a bheil sin air iarraidh. Air fearann tuathanais, cùm air falbh bho sprèidh agus na toir do chù a‑steach do dh’achaidhean far a bheil beathaichean òga ann.
Nuair a chuirear dragh air eòin a tha a’ neadachadh air an talamh, tha na h‑uighean/iseanan ann an cunnart bho chreachadairean. Dèan cinnteach nach tachair seo le bhith a’ cumail do chòin air iall.
Cuidich gus Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a chumail na àite sònraichte agus cleachd am blàr a‑muigh gu cunntachail, a’ toirt urram do dhaoine eile agus a’ coimhead às dèidh na h‑àrainneachd.
Lean an stiùireadh air an duilleig seo, air soidhnichean sam bith air an làraich agus comhairle bho Mhaoir-dhùthcha agus manaidsearan fearainn. Dh’fhaodte gum bi diofar stiùireadh ann aig diofar làraichean. cairngorms.co.uk
Na fàg lorg sam bith nuair a bhios tu ri campachadh air a’ bhlàr
Campaich deagh astar air falbh bho thogalaichean, rathaidean, frith-rathaidean agus làraichean eachdraidheil. Dèan cinnteach nach eil thu a’ cur dragh air fiadh-bheatha no air daoine eile. Campaich ann am buidhnean beaga de dhaoine agus gluais air adhart às dèidh dà no trì oidhcheannan. Thoir air falbh a h‑uile lorg den l‘arach campachaidh agad, a’ gabhail a‑steach sgudal.
Còcaireachd chùramach
Fo fho-lagh nan teintean, chan eil e ceadaichte teine a lasadh, fiù ‘s airson còcaireachd (a’ gabhail a‑steach ann an sloc-teine, bobhla-teine is msaa) no barbecue gual-fhiodha no fiodha a chleachdadh, eadar 1 Giblean agus 30 Sultain. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig cairngorms.co.uk/fires.
Ma dh’fheumas tu còcaireachd, dèan sin daonnan air stòbha campachaidh a bhios a’ cleachdadh connadh leithid gas no connadh lionnach, no air barbecue gas.
Nuair a dh’fheumas tu a dhol dhan taigh-bheag, dèan sin air falbh bho uisge.
Cleachd taigh-beag poblach ma tha fear ann. Mur eil, bu chòir dhut do ghnothach a dhèanamh 30 meatair air falbh bho lochan agus aibhnichean agus air falbh bho thogalaichean agus frith-rathaidean. Cladhaich toll agus tiodhlac an salachar agus thoir pàipear-toileit agus nithean slàinteachais sam bith air falbh.
Thoir urram do luchd-cleachdaidh eile an uisge
Ma tha thu ri curachanachd, grunnachadh no snàmh, cuimhnich fiadh-bheatha is iasgairean nan lochan is nan aibhnichean cuideachd. Thoir àite do dh’fhiadh-bheatha agus cùm air falbh bho àiteachan neadachaidh, mar eisimpleir, eileanan agus bàghan far a bheil fàs-bheatha. Lean soidhnichean ionadail sam bith mu raointean glèidhteachais no cuingealachaidhean ràitheil.