Casg air barbecuethan agus teintean ga chur an gnìomh.
Casg air barbecuethan agus teintean ga chur an gnìomh.
Thèid frith-lagh ràitheil ùr a thaobh teintean a chur an gnìomh ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Diciadain. Cha bhi teintean agus barbequethan ceadaichte sa Phàirc Nàiseanta eadar 1 Giblean agus 30 Sultain gach bliadhna.
Thuirt Sandy Bremner, Neach-gairm Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha sinn airson ’s gum bi daoine fhathast a’ faighinn tlachd às a h-uile taobh den Phàirc Nàiseanta ach tha e cudromach cuideachd gum bi a h-uile duine a’ cuideachadh le bhith ga dìon.” Dh’fhaodadh dìreach aon sradag air seachran teine fiadhaich a thòiseachadh, agus chan urrainn dhuinn gabhail ris a’ chunnart sin.
“Tha sinn a’ cur air bhog iomairt conaltraidh mhòr mun fhrith-lagha leis an teachdaireachd ‘Dìonamaid ar Pàirc Nàiseanta. Gun lasag, gun sradag.’ Cuidichidh soidhnichean ri taobh an rathaid, bileagan fiosrachaidh, na meadhanan sòisealta agus taic bho ghnìomhachasan ionadail gus dèanamh cinnteach gu bheil fios aig daoine air na riaghailtean mus tèid an cur an gnìomh. Tha sinn ag obair le comhairlean, oighreachdan, buidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan cuideachd gus fiosrachadh a sgaoileadh agus gus am bi dòigh-obrach amalaichte ann.”
Tha atharrachaidhean sa ghnàth-shìde a’ ciallachadh gu bheil mìosan an earraich is an t-samhraidh nas fhaide agus nas tiorama agus gu bheil barrachd cunnart ann bho theintean fiadhaich. An-uiridh, fhreagair Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba còrr is 200 gairmean do theintean fiadhaich air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach tachartas mòr aig An Damhath agus aig Drochaid Chàrr.
Thuirt Commandair Sgìreil Robert Lennox, Àrd Smàladair Ionadail le Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba:: “Tha teintean fiadhaich fìor chunnartach do daoine, seilbh agus do nàdar. Bheir gach teine fiadhaich buaidh mhòr air na goireasan againn agus tha na tachartasan seo gu tric ann an àiteachan iomallach, a bheir ùine a ruigsinn.
“Tha fìor dhroch aimsir a’ sìor fhàs nas cumanta air feadh na h-Alba, agus tha fios againn gu bheil coimhearsnachdan anns a’ Mhonadh Ruadh air seo fhiosrachadh gu mòr anns na beagan bhliadhnachan mu dheireadh, le tuiltean, tart agus teintean fiadhaich.” Tha am frith-lagh seo na inneal cudromach ùr gus aghaidh a chur air cunnart nan teintean fiadhaich agus gus a’ Phàirc Nàiseanta a dhìon.”
Chaidh seo aontachadh le ministearan Riaghaltas na h-Alba ann an 2025 às dèidh co-chomhairle mhòr – anns an robh 79% de na 1,600 daoine a fhreagair a’ toirt taic dhan mholadh frith-lagh teine ràitheil a bhith ann – tha an ceum seo na phàirt de phacaid nas fharsainge de ghnìomhan a tha ag amas air cunnart teintean fiadhaich, a tha a’ sìor fhàs, a lùghdachadh air feadh na Pàirce Nàiseanta.
Bidh cumhachd aig maoir-dhùthcha bhon Ghiblean 2026, tro Neach-casaid a’ Chrùin, gus an casg a chur an sàs. Mur a gèillear ris an fhrith-lagh, tha càin de suas ri £500 ann, ach bi foghlam agus ro-chasg fhathast mar phrìomhachas. Tha Ùghdarras na Pàirce cuideachd a’ tasgadh ann am patròilean a bharrachd còmhla ri Poileas Alba aig prìomh àiteachan. Thèid taic a chumail ri seo bho thrèanadh nas fheàrr do mhaoir agus co-obrachadh leantainneach le seirbheisean maoir com-pàirteach.
Bidh an àireamh as àirde riamh de mhaoir-dhùthchail air patròil am-bliadhna. Chaidh barrachd mhaoir deireadh-sheachdain fhastadh, tha maor làn-ùine ùr air tighinn a-steach dhan sgioba ann an Glinn Aonghais air stèidh maireannach agus gu h-iomlan, thèid còrr is 100 maor – a’ gabhail a-steach luchd-obrach maireannach, ràitheil, saor-thoileach, maoir fo thrèanadh agus luchd-obrach aig seirbheisean com-pàirteach – a chleachdadh air feadh na Pàirc Nàiseanta as t-samhradh.
Thuirt Grant Moir Àrd-oifigear Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha am frith-lagh seo na phàirt den obair nas fharsainge againn air a bhith a’ cur an gnìomh Plana Amalaichte Riaghladh Teintean Fiadhaich airson na Pàirce Nàiseanta.” Tha seo a’ toirt a-steach obair air lochan-teine, planaichean teine oighreachdan, Maoin Freagarrachaidh na Gnàth-shìde agus tòrr a bharrachd. Tha am frith-lagh seo am measg grunn cheumannan a chuidicheas sinn gus dèiligeadh ri a’ chunnart bho theintean fiadhaich sa Phàirc Nàiseanta.
Thuirt Julia Duncan, Maor Oighreachd aig Oighreachd Athaill: “Tha maoir-dhùthcha a-mach a h-uile latha a’ bruidhinn ri luchd-tadhail agus gan cuideachadh gus tlachd a ghabhail às a’ Phàirc Nàiseanta gu cunntachail.” Tha am frith-lagh ùr seo na inneal cudromach dhuinn gus cunnart teintean fiadhaich a lùghdachadh, fiadh-bheatha agus àrainnean a dhìon agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine cumail orra a’ faighinn tlachd às an taobh a-muigh gu sàbhailte.”
Tha ìmpidh ga cur air buill a’ phobaill cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh fios nach bu chòir do dhaoine teintean no barbecuethan a lasadh taobh a-muigh an gàrraidhean fhèin eadar 1 Giblean agus 30 Sultain, gum bu chòir comhairle bho mhaoir agus soidhnichean ionadail a leantainn, agus teintean sam bith aithris sa bhad le bhith a’ fònadh gu 999.
Faodaidh gnìomhachasan agus àiteachan coimhearsnachd diofar stuthan iarraidh, a’ gabhail a-steach grafaigean airson nam meadhanan sòisealta, postairean agus stiogairean uinneige, bhon duilleig shònraichte seo air làrach-lìn Ùghdarras na Pàirce. Gheibhear barrachd fiosrachadh mun fo-lagh air teintean aig cairngorms.co.uk/fires.
Alert
Latest from the National Park
Ongoing wildfire near Ryvoan Bothy
The Scottish Fire and Rescue Service and partners are currently in attendance at a large fire south of Aviemore.
Historic bridge in Nethy replaced after years of community effort
New bridge over Allt Mòr Burn officially opens
Endangered ant queen found in Royal Deeside
An exciting discovery in Royal Deeside is being hailed as a milestone in the recovery of a critically endangered species.
Relevant alerts
-
Update - 21:55
The Scottish Fire and Rescue Service have shared that emergency services continue to tackle a large-scale wildfire covering more than two kilometres in width near to Glenmore.
A number of homes and businesses, including campsites and ski resorts within the Glenmore Forest Park area, have been closed and evacuated as a safety precaution due to the close proximity to the incident.
As of 9pm on Wednesday night (15 July), Scottish Fire and Rescue Service currently has six fire appliances, a wildfire unit, specialist resources and tactical commanders mobilised to the scene after the alarm was raised just before 12 noon earlier today.
Firefighters are working with landowners to contain the incident and create fire breaks, with high winds causing the fire to spread across areas of trees and woodland. There are no reported casualties.
Road closures continue to be in place to support the emergency response, and people are asked to avoid the area within Glenmore Forest Park and Loch Morlich on Thursday, 16 July as this incident continues.
We will share updates as the situation develops. In the meantime, our thanks go out to the emergency services, gamekeepers, NGO and estate staff and many others from across the community who are working non-stop to get these fires under control, and providing support to those affected.
Update - 20:06
Emergency services and partners are continuing to respond to this wildfire. A number of properties and premises in the area have been evacuated as a precaution. The Ski Road is currently closed. Anyone walking in the Cairngorms should avoid the area and let family or friends know when they have returned.
----
The Scottish Fire and Rescue Service and partners are currently in attendance at a large fire in the open near to Ryvoan Bothy within the Cairngorms National Park.
Due to large volumes of smoke travelling towards populated areas nearby, residents in Aviemore, Glenmore and the surrounding communities should keep their windows and doors closed. If you are within this area and can see or smell smoke, please follow the same advice. If you are aware of someone hiking in the area, please ask them to get themselves safely off the hill as soon as possible.
The Scottish Fire and Rescue Service has asked that people avoid the Glenmore and Aviemore area, and remain vigilant. Our thanks go to all those engaged in active firefighting - we will post further updates when we have them.
-
Very high fire risk - 15 to 20 July
The Scottish Fire and Rescue Service has issued a very high wildfire warning impacting areas of the National Park on Wednesday 15 until Monday 20 July. If you are out and about in the Cairngorms National Park please observe the following guidance:
- Do not light any fire or barbecue, in line with the new fire byelaw
- Always ensure cigarettes are fully extinguished and take your litter (including glass) away with you
- Enjoy the outdoors responsibly - most wildfires are caused by human activity
- Stay alert - with dry vegetation and warm weather, fires can start easily, spread rapidly, and burn intensely
- If you see a wildfire, dial 999
For further updates on wildfire risk across Scotland, visit the Scottish Fire and Rescue Service website. To find out more about the fire byelaw, and to see your questions answered, visit our fire byelaw page here.