Skip to content
Cairngorms

An treas eagran de Phlana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air aonta fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig

4th April 2025

Tha Bòrd na Gàidhlig air aonta a thoirt don treas eagran de Phlana Gàidhlig a’ Phàirc Nàiseanta. Tha am plana ùr, airson 2025 gu 2029, a’ toirt taic do chleachdadh leantainneach na Gàidhlig agus a cumail mar chànan is cultar gnìomhach taobh a-staigh nan coimhearsnachdan ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.

Tha eachdraidh is cultar beairteach de chànanan ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Dh’ fhàs Gàidhlig a bhith na prìomh chànan sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh o chionn barrachd is 1,000 bliadhna air ais  agus, ri linn sin, tha a’ mhòr-chuid  de dh’ainmean-àite taobh a-staigh a’ Phàirc Nàiseanta sa Ghàidhlig o thùs.

Ann a bhith a’ leasachadh Plana na Gàidhlig, chuala Ùghdarras a’ Phàirc bho chòrr is 400 duine is buidheanntro cho-chomhairleachadh air-loidhne a mhair sia seachdainean agus a fhuair gun robh 90% ag aontachadh leis na prìomhachasan a bhathar a’ moladh.

Thuirt Sandy Bremner, Neach-gairm Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha mi air mo dhòigh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aonta a thoirt don tionndadh as ùire den Phlana Ghàidhlig againn, agus na daoine a tha a’ fuireach is ag obair an seo sa Phàirc Nàiseanta air cumadh a thoirt dha. Tha a’ Ghàidhlig air a fighe a-steach ann an dualchas cultarach is nàdarra a’ Phàirc Nàiseanta, agus bidh pàirt chudromach aice san àm ri teachd.

“Tha barrachd chothroman gan cruthachadh airson daoine is coimhearsnachdan a bhith an sàs sa chànan is sa chultar, agus tha sin na phàirt chudromach den Phlana Chom-pàirteachasan a th’ againn an-dràsta agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair leis an luchd-obrach, com-pàirtichean  agus na coimhearsnachdan againn gus seo a thoirt gu buil thairis air an ath chòig bliadhna. Tha sinn an geall air dèanamh cinnteach gum bithear ag aithneachadh is a’ comharrachadh luach cultarach is cànanach sònraichte na Gàidhlig ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.”

Tha cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ cur air adhart deagh ìomhaigh den Ghàidhlig am measg nam prìomhachasan as cudromaiche. Am measg prìomh eileamaidean a’ phlana, tha:

  • A’ meudachadh chothroman airson daoine òga a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail.
  • A’ maoineachadh phròiseactan a bhios a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig, ann an com-pàirteachas le Urras a’ Mhonaidh Ruaidh.
  • A’ toirt seachad trèanadh air cànan is cultar na Gàidhlig airson riochdairean coimhearsnachd, luchd-obrach, raonairean sa Phàirc Nàiseanta agus airson a’ bhùird.
  • A’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig tro phròiseactan is seanailean a’ Phàirc Nàiseanta, a’ gabhail a-steach tro Cairngorms 2030 agus Bàideanach nan Sgeul.
  • A’ brosnachadh chom-pàirtichean air feadh a’ Phàirc Nàiseanta a bhith an sàs sa Ghàidhlig agus a bhith a’ co-roinn cultar na Gàidhlig leis an luchd-amais aca.

 Thuirt Jennifer McHarrie, Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha mi toilichte a ràdh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aonta a thoirt don phlana cànain (2025-2029) aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Bu mhath leam an cothrom seo a thoirt gus Ùghdarras a’ Phàirc a mholadh airson an gealltanais leantainnich aca a thaobh Gàidhlig agus mar a cho-obraich iad ann a bhith ag ullachadh an treas tionndaidh den phlana.  Tha mi a’ toirt a h-uile deagh dhùrachd dhaibh ga chur an gnìomh.”

Mar a thachair le eagranan eile de phlana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, bidh aithisgean adhartais gan cur gu Bòrd na Gàidhlig gach bliadhna agus gam foillseachadh air làrach-lìn Ùghdarras a’ Phàirc.

Tha an treas eagran den Phlana Gàidhlig (2025-2029) airson Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ri fhaotainn air an làraich-lìn againn.

Image by Ed Smith.