Skip to content
Cairngorms

“Lònach fèidhfheoil”: pròiseact gu bhith a’ lìbhrigeadh buannachdan 360-puing agus a’ dèiligeadh ri duilgheadasan àiteachais is dùbhlain shòisealta taobh a-staigh agus mu thimcheall Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

21st February 2025

Tha pròiseact ùr-ghnàthach, air a stiùireadh le Ùghdarras a’ Phàirc còmhla ri dà theaghlach tuathanachais, gu bhith a’ dèiligeadh ri damaiste do thuathanasan agus do dh’àrainnean so-leònte a tha a’ tachairt mar thoradh air dùmhlachdan àrda de dh’fhèidh. Bidh am pròiseact a’ toirt buannachd do bhancaichean-bìdh agus do sgoiltean tro thabhartasan cunbhalach de shitheann fèidh dheasaichte, biadh a tha beartach ann am pròtain. Bidh e cuideachd a’ brosnachdh margaid ionadail airson sitheann fèidh le “mìltean bìdh” ìosal, agus bidh e a’ cruthachadh chothroman trèanaidh agus obraichean dùthchail.

Tha am pròiseact, mar phàirt den phrògram Cairngorms 2030, le taic bho Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, cuideachd ag amas air manaidsearan-fearainn agus buidhnean ann an sgìrean dùthchail eile, taogh a-staigh agus taobh a-muigh na h-Alba, a bhrosnachadh gus dùbhlain chudromach ann am manaidseadh fearainn fhuasgladh, fhad ’s a thathar a’ toirt bhuannachdan do choimhearsnachdan is gnothachasan ionadail aig an aon àm.

Thuirt Sandy Bremner, Neach-gairm Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Bidh am pròiseact brosnachail seo a’ cuideachadh thuathanach ann a bhith a’ dèiligeadh ri trioblaid fad-ruitheach, agus bidh e a’ toirt taic don choimhearsnachd nas fharsainge agus a’ glèidheadh àrainnean so-leònte. Tha comas mòr ann gun gabhadh a rolaigeadh a-mach nas fharsainge, agus tha sinn mar-thà a’ beachdachadh air sgìrean eile a gheibheadh buannachd às.”

Thuirt Mike Cottam, ceann a’ phròiseict aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: “Tha seo mar mhodh-obrach fìor cho-obrachail airson iomadh dùbhlan dùthchail fhuasgladh, agus thàinig e gu bith ri linn obair Buidheann Manaidsearchd Fèidh nam Monadh Liath an Iar, còmhla ri dealas is ealantas nan teaghlaichean tuathanachais a tha an sàs ann. Thathar air beachdachadh gu domhain air feumalachdan is sgilean an fheadhainn a tha an sàs ann, agus cha b’ urrainnear toiseach nas fheàrr fhaighinn.”

Fhuair an dà thuathanas a tha an sàs sa phròiseact, Glenkilrie faisg air Blàr Gobhraidh agus Knockbarry faisg air Baile Cloichridh, tabhartas gus na lònaich fèidhfheoil a cheannach agus a mhanaidseadh, far am bi fèidh a chaidh a mharbhadh anns a’ Phàirc Nàiseanta agus mu thimcheall air am bùidsearachd. Bidh cuibhreann math den t-sitheann fèidh a bhios air a ghiullachd – nam measg, mions a tha seang agus furasta ri còcaireachd, bàlaichean-feòla, burgaran agus isbeanan – ga thoirt mar thabhartas do bhancaichean-bìdh, do sgoiltean ionadail agus do chidsinean coimhearsnachd. Gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseact fèin-sheasmach a thaobh ionmhais, ’s e puing chudromach gum bi sitheann fèidh bho na lònaich air a reic do bhùithtean ionadail, do thaighean-òsta agus do thaighean-bìdh tro shlighean gu margaid a chaidh a stèidheachadh mar-thà leis na gnothachasan-tuathanachais a tha an sàs ann.

farmer on quad bike with sheep

Helen Stewart, project partner and farmer at Knockbarry Farm. Credit: Rupert Shanks

Tha teaghlach Helen Stewart air a bhith ag àiteachadh air an tuathanas Knockbarry faisg air Baile Chloichridh fad còrr is 400 bliadhna. Stèidhich Mrs Stewart, a tha na com-pàirtiche sa phròiseaict, iomairt shòisealta ris an canar “Fair Feast”, a tha a’ furastachadh tabhartasan susbainteach agus cunbhalach de shitheann fèidh. Tha Fair Feast air cairteal tunna de shitheann fèidh a thoirt seachad mar thabhartas don choimhearsnachd ionadail mar-thà agus thathar an dùil gum bi iad a’ lìbhrigeadh ceithir tunna gach bliadhna. Thuirt Mrs Stewart: “Tha sinne air damaiste àiteachais fhulang bhon dùmhlachd glè àrd de dh’fhèidh (47 gach cileamatir ceàrnagach, cha mhòr còig uiread nas àirde na an t-uas-mheud a thathar a’ moladh) air an tuathanas againn. Bha sinn airson dòigh bheusail agus sheasmhach a lorg gus na h-àireamhan-fèidh a lùghdachadh. Tro bhith a’ leasachadh Fair Feast, tha sinn air dòigh a lorg a bhios a’ lùghdachadh dochann don àrainneachd agus a bhios a’ toirt seachad solar seasmhach de fheòil sheang a tha làn phròtain dhaibhsan a tha a’ fuireach ann an neo-theàrainteachd bìdh.

“Le taic bho Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus bho Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha sinn air lònach fèidhfheoil agus bùidsearachd a chur air bhonn air an làraich. Tha maighstir-bhuidsear againn a tha ag obair làn-ùine a-nis gus isbeanan, burgaran, mions, bàlaichean-feòil agus stiubha a dhèanamh bhon fhèidhfheòil. Tha Fair Feast fèin-fhoghainteach a thaobh ionmhais, oir bidh sinn a’ reic nan staoigean prìseil gus am pròiseas de bhùidsearachd is tabhartasan a mhaoineachadh. ’S e am facal-suaicheantais againn ‘a cheart uimhir ga toirt do bhancaichean-bìdh ’s a thathar a’ reic’ (sales matched in food bank donations) agus mar sin bidh fios aig a’ phoball gum faod iad cumhachd a thoirt do dh’atharrachadh sòisealta tron choimhearsnachd ionadail aca.”

chef with packets of meat

Mark Balfour, chef at Giraffe social enterprise in Perth receives a donation of venison from Dalnagarn Larder at Knockbarry Farm.

Tha an tuathanas Glenkilrie air a bhith aig an teaghlach Houston fad 67 bliadhna. Tha Andrew ag àiteachadh an tuathanais ann an co-bhann ri athair David agus a mhàthair Morag. Thuirt Lauren Houstoun, aig a bheil Glenkilrie Larder: “Tha am pròiseact seo na iomairt mhìorbhaileach bhon Phàirc Nàiseanta a bhios a’ leigeil leis a’ ghnothachas againn am fiadh-ruadh fiadhaich a chur gu feum, a’ cur ris an luach airson nan uile a tha na lùib. Tha àireamhan-fèidh a’ sìor-èirigh agus tha damaiste àiteachais a’ sìor-dhol am meud, agus mar sin thathar a’ tòiseachadh air beachdachadh air na h-ainmhidhean mìorbhaileach seo mar phlàigh. Tha sinn air ar dòigh gum faod sinn deagh ghrèiseadh a chur air an t-suidheachadh agus sealltainn cho luachmhor ’s a tha am bathar-amh a gheibhear bho na fèidh. Tha sinn ag amas air lìonra làidir a chruthachadh a bheir sgoiltean air feadh Alba cothrom air an fheòil bhlasta seo, a tha làn phròtain agus gann de gheir. An-dràsta, tha sinn a’ toirt sitheann fèidh mar thabhartas a ghabhas cleachdadh ann an clasaichean eaconamas dachaigh, agus tha sinn an dòchas gun gabh a cleachdadh aig deireadh an latha ann an clàran-bìdh sgoile san àm ri teachd. Tha sinn ag obair le Leasachadh an Fheachd-obrach Òig gus sitheann fèidh a thoirt seachad airson nam bùithtean-obrach air fad aca, ris an canar Hill to Grill, a bharrachd air sgoiltean fa leth. Tha an fhreagairt ris a’ phròiseact gu ruige seo air a bhith cho deimhinneach, agus cha mhòr gur urrainn dhuinn feitheamh gus am faic sinn dè a’ bhuannachd a bheir seo do chlann-sgoile air feadh na dùthcha.

“An-uiridh, dh’fhosgail sinn an sgoil-còcaireachd Glenkilrie Larder airson a’ chiad turais aig an tuathanas. ’S e am plana a th’ againn chan ann a-mhàin gum bi sinn a’ toirt na feòla do sgoiltean ach gum bi sinn a’ toirt fiathachadh do bhuidhnean sgoile ionnsachadh mu dheidhinn nam fiadh agus mar a ghabhas an fheòil mhìorbhaileach seo a chòcaireachd. Tha sinn dealasach nur n-oidhirpean gus dèanamh cinnteach gu bheil clann eòlach air cò às a tha am biadh aca a’ tighinn.”

Three people with cool boxes in foreground

Venison ready to be delivered to home economics departments in National Park schools. Left to right: project partners Lauren Houstoun and Andrew Houstoun from Glenkilrie Larder with Mike Cottam, project lead at the Cairngorms National Park Authority.

Thairis air an 12 mìos a chaidh, tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air tòiseachadh air obair gus Cairngorm 2030 a lìbhrigeadh, prògram de 20 pròiseact a bhios ag obair thar raon de chùisean leis an amas gum bi am Monadh Ruadh mar a’ chiad Phàirc Nàiseanta neoni-lom san Rìoghachd Aonaichte, fhad ’s a thathar a’ cumhachdachadh nan daoine a tha a’ fuireach is ag obair an seo gu bhith a’ dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde.

Main image of Helen Stewart by Rupert Shanks.

The Cairngorms 2030 programme is made possible by The National Lottery Heritage Fund, thanks to National Lottery players.