Skip to content
Cairngorms

Plana Gaidhlig CNPA air aontachadh

5th April 2013

Chaidh Plana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA) – a tha a’ cur an cèill mar a bhios am buidheann a’ cuideachadh ann a bhith ag àrdachadh agus a’ cur ri cànan agus cultar na Gàidhlig – aontachadh le Bòrd na Gàidhlig.

On chaidh a stèidheachadh ann an 2003, tha CNPA air a bhith a’ toirt taic dhan Ghàidhlig le bhith a’ cur air adhart chothroman air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus trèanadh air mothachadh air a’ Ghàidhlig do luchd-obrach agus don bhòrd cho math ri taic airson pròiseactan Gàidhlig leithid Fèis Spè agus Fèis a’ Mhonaidh Ruaidh, a bhios a’ toirt clasaichean ann an ceòl traidiseanta agus ealain do chloinn air feadh na Pàirce Nàiseanta. (https://cairngorms.co.uk/uploads/documents/Feis_Spe.pdf)

Chaidh bileag ullachadh sa Bheurla mu ainmean-àite a tha a’ cuideachadh muinntir an àite agus luchd-turais gu bhith a’ tuigsinn gur e freumhan Gàidhlig a tha aig ainmean a tha a’ nochdadh sa Phàirc ach tha cuideachd eadar-theangachadh agus mìneachadh ann a thaobh Doric agus Albais. A thuilleadh air seo, tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh air fiosrachadh luchd-turais agus air na soidhnichean mòra a tha aig na slighean a-steach dhan Phàirc Nàiseanta.  Tha facal-toisich sa Ghàidhlig ann am foillseachaidhean reachdail agus poileasaidh an CNPA air fad agus o chionn ghoirid dh’ath-dhealbh an CPNA a logo a’ toirt inbhe co-ionann don Ghàidhlig is a’ Bheurla, a bhios a’ nochdadh air na stuthan corporra air fad eadar pàipearachd agus aodach.

Am measg dealasan an CNPA sa Phlana Ghàidhlig gus an cànan adhartachadh nas motha  san àm ri teachd sa Phàirc Nàiseanta, tha barrachd chùrsaichean Gàidhlig agus trèanadh airson luchd-obrach, buill a’ bhùird agus am poball cho math ri bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an stiùireadh a thaobh dealbhachaidh.

Thuirt Grant Moir, ceannard an CNPA: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de dh’Alba agus de dhualchas Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.  Tha i mar phàirt de ar dearbh-aithne chultarail agus tha sinn dealasach mu bhith a’ brosnachadh ar luchd-obrach, com-pàirtichean agus am poball ann a bhith a’ toirt taic do ghnìomhan a bhios a’ cuideachadh ann a bhith a’ brosnachadh a’ chànain agus a dhualchais bheairtich.”

Thuirt Daibhidh Green, ball de bhòrd CNPA: “Tha mi air mo dhòigh gun deach aontachadh ris a’ Phlana Ghàidhlig.  Tha a’ Ghàidhlig air leth cudromach gu sòisealta agus gu cultarail ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh”

Tha dleastanas air a h-uile buidheann poblach ann an Alba Plana Gàidhlig ullachadh.  Gus Plana Gàidhlig Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA) fhaicinn rachaibh gu: https://cairngorms.co.uk/park-authority/about-us/publications?publicationID=266.  Thèid am Plana eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig agus fhoillseachadh air an làrach-lìn a dh’aithghearr.  Tha dreachd Gàidhlig ann den t-sanas-naidheachd seo cuideachd.

Tha Plana Gàidhlig an CNPA air fhoillseachadh aig an àm a tha A’ Phàirc a’ comharrachadh 10 bliadhna on chaidh a stèidheachadh agus airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na 10 bliadhna sin rachaibh gu: https://cairngorms.co.uk/the-park/10th-anniversary/