Cairngorms National Park

Uath Lochans from Farleitter Crag, Kingussie

About the Authority

The purpose of a National Park Authority is to ensure that the National Park aims, as set out in the National Parks (Scotland) Act 2000, are collectively achieved in a co-ordinated way.

National Park Aims (Gaelic version)

The four aims set out in the National Parks (Scotland) Act 2000 are:

  1. To conserve and enhance the natural and cultural heritage of the area
  2. To promote sustainable use of the natural resources of the area
  3. To promote understanding and enjoyment (including enjoyment in the form of recreation) of the special qualities of the area by the public
  4. To promote sustainable economic and social development of the area’s communities

Scottish National Parks differ from many other National Parks around the world in that they have a social and economic development aim alongside the aims of conservation, understanding and enjoyment of the countryside. This is an explicit recognition of those who live and work in the Park. The aims all have equal status. However if it appears that there is conflict between the conservation and enhancement of the natural and cultural heritage and other National Park aims, then the Park Authority must give greater weight to this aim.

Cairngorms National Park Authority (CNPA)

CNPALogo

 

 

 

The Cairngorms National Park was established in September 2003 and the Cairngorms National Park Authority (CNPA) became fully operational – taking on all its statutory powers – on 1 September 2003.

The CNPA is designed to be an enabling organisation, promoting partnership working and giving leadership to all those involved in the Cairngorms. The Park Authority does not duplicate work of other organisations, such as the enterprise agencies or Scottish Natural Heritage, but is here to ensure there is a joined-up approach to projects and initiatives that help to meet the four aims of the Park. Our Communications & Engagement Strategy sets out how we will achieve this. With a staff of 67, plus 19 board members, the Park Authority has several statutory duties including managing outdoor access in the Park, planning and development management, the production of a Local Development Plan and the publication of a National Park Partnership Plan.

Corporate Guidance

A Management Statement and Financial Memorandum has been issued to the Park Authority to enable it to discharge its functions.


Mu dheidhinn an Ùghdarrais

Is e ceann-uidhe Ùghdarras Pàirce Nàiseanta, dèanamh cinnteach gun tèid amasan na Pàirce Nàiseanta, a rèir Achd nam Pàircean Nàiseanta (Alba) 2000, an coileanadh còmhla ann an dòigh a tha co-òrdaichte.

Amasan nam Pàircean Nàiseanta

’S iad na ceithir amasan a rèir Achd nam Pàircean Nàiseanta (Alba) 2000:

  1. Dualchas nàdarra agus cultarail na sgìre a ghlèidheil is a leasachadh;
  2. Brosnachadh a thoirt do chleachdadh stòrasan nàdarra na sgìre ann an dòigh a tha seasmhach;
  3. Gum faigh am poball barrachd tuigse is tlachd (a’ gabhail a-steach tlachd à cur-seachadan) à feartan sònraichte na sgìre;
  4. Brosnachadh a thoirt do leasachadh seasmhach eaconamach is sòisealta mu choinneamh choimhearsnachdan na sgìre

Tha na Pàircean Nàiseanta ann an Alba eadar-dhealaichte bho phàircean nàiseanta eile oir tha iad le amasan sòisealta agus eaconamach cho math ri amasan a thaobh glèidheil, tuigse agus mealtainn na h-àrainneachd.  Tha seo a’ toirt aithne àraidh don fheadhainn a tha a tha ag obair agus a’ gabhail còmhnaidh sa Phàirc. Tha na h-amasan seo uile le inbhe cho-ionnan. Ma thachras, ge-tà, gum bi comhstrì ann eadar glèidheil is leasachadh an dualchais nàdarra ’s chultarail agus amasan eile, tha Ùghdarras na Pàirce a’ leigeil barrachd cuideim air an amas seo.

Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA)

Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh san t-Sultain 2003 agus thàinig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA) gu bith – le chumhachdan reachdail – air 1 Sultain 2003.

Tha an CNPA ag obair mar bhuidheann chuideachaidh, no chomasachaidh; a’ brosnachadh obair chom-pàirteachail agus a’ toirt stiùireadh dha gach neach/buidheann a tha an sàs am beatha air a’ Mhonadh Ruadh. Chan eil an t-Ùghdarras a’ dèanamh na h-aon obrach ’s a tha buidhnean eile, leithid Iomairt na Gàidhealtachd, Iomairt na h-Alba no Dualchas Nàdair na h-Alba. Tha e ann gus ceanglaichean a thogail eadar pròiseactan agus iomairtean a tha ag obair chum amasan na Pàirce. Tha an Ro-innleachd ’son Conaltradh is nam Meadhanan CNPA a’ toirt inneas air mar a thèid an t-amas seo a choileanadh.

Le 67 luchd-obrach agus 19 buill air a’ bhòrd-stiùiridh, tha Ùghdarras na Pàirce le grunn dleastanasan reachdail aige; leithid làimhseachadh mar a tha a’ Phàirc ga cleachdadh, manaidseadh planadh agus leasachadh na Pàirce, agus foillseachadh Plana Leasachaidh na Sgire is Plana Com-pàirteachail na Pàirce Nàiseanta.

Stiùireadh Corporra

Thathas air Cunntas air Làimhseachadh agus Meòrachan Ionmhais a thoirt seachad dha Ùghdarras na Pàirce ach am bi e comasach dhaibh an obair aca a dhèanamh. Back to top